2014 press releases
-
Glòir nan caman – bho churaidhean gu Copacabana
Published 25 Jun 2014Ann an seachdain cuairt dheireannach Cupa na Camanachd an Inbhirnis san t-Sultain, thèid trì cuirmean-ciùil is camanachd a chumail a tha an dà chuid a’ comharrachadh cho cudromach sa tha an gèam san latha th’ann ach cuideachd, ceud bliadhna an dèidh toiseach a’ Chogaidh Mhòir, thèid eachdraidh àraid shaighdearan na Gàidhealtachd a chur air an àrd-ùrlar tro cheòl, òrain agus dealbhan aig Fèis Blas 2014.
-
Ionnsachadh Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa
Published 23 Jun 2014Tha Clas Gàidhlig, a tha gu sònraichte ag amas air pàrantan chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, an dà chuid ann an solar fo-sgoile agus bun-sgoile, air tòiseachadh ann an Inbhir Theòrsa.
-
A’ Ghàidhlig air thoiseach ann an Sgoiltean a’ Chinn a Tuath
Published 23 Jun 2014Bha Clas Gàidhlig Prìomh 1 ann am Bun-sgoil Mount Pleasant an lùib a’ Mhòid airson a’ chiad uair, agus ghabh iad com-pàirt ann am farpais an Òrain Ghnìomh a chòrd glan ris an luchd-èisteachd air fad.
-
Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ togail tiotal Cuach na Cloinne 2014
Published 16 Jun 2014‘S iad Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a thog tiotal Cuach na Cloinne 2014. An dèidh sia farpaisean roinneil air feadh Alba, thairis a’ mhìos a chaidh seachad, rinn Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an gnothach air Bun-sgoil Chondobhrait aig na cuairtean deireannach a chumadh an Inbhir Nis an t-seachdain a chaidh.
-
Chùm Comhairle na Gàidhealtachd, ann an co-bhuinn ri Comann nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig, Latha Spòrs is Fiosrachaidh soirbheachail Disathairne seo chaidh, aig Àrainn Fhinn ann am Port Rìgh.
Published 9 Jun 2014Chùm Comhairle na Gàidhealtachd, ann an co-bhuinn ri Comann nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig, Latha Spòrs is Fiosrachaidh soirbheachail Disathairne seo chaidh, aig Àrainn Fhinn ann am Port Rìgh.
-
Clach-mhìle eachdraidheil do Bhlas leis a’ chiad dheichead
Published 6 Jun 2014Tha tè de na tachartasan ealain as soirbheachail air a’ Ghàidhealtachd a’ comharrachadh clach-mhìle eachdraidheil am-bliadhna agus deich bliadhna bhon chiad Fhèis Bhlas.