Fèis nam Meadhanan Ceilteach a’ tighinn gu Bàideanach agus Srath Spè

.

Read this in English

Tha Buill de Chomataidh Sgìreil Bhàideanach agus Shrath Spè aig Comhairle na Gàidhealtachd fìor thoilichte gum bi Fèis nam Meadhanan Ceilteach, aig a bheil cliù eadar-nàiseanta, a’ cur seachad a 40mh ceann-bliadhna san Aghaidh Mhòir, a tha aig cridhe na sgìre.

Aig a’ Chomataidh Sgìreil an-diugh (15 Cèitean), thug Oifigear Leasachaidh Gàidhlig na Comhairle fios do Chomhairlichean mun tagradh shoirbheachail aca gus aoigheachd a thoirt do 40mh Fèis nam Meadhanan Ceilteach san Aghaidh Mhòir san Ògmhios 2019.

Thathar a’ cumail Fèis nam Meadhanan Ceilteach gach bliadhna, thairis air trì làithean, agus tha an tachartas a’ brosnachadh cànanan is cultaran nan Dùthchannan is nan Roinnean Ceilteach anns na meadhanan.

Thuirt Neach-gairm agus Cathraiche Comataidh Sgìreil Bhàideanach agus Shrath Spè aig Comhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Bill Lobban, “’S e buannachd mhòr a th’ ann do Bhàideanach agus Srath Spè a bhith a’ toirt aoigheachd do dh’Fhèis nam Meadhanan Ceilteach san Aghaidh Mhòir agus bidh e na urram agus na adhbhar moit ceithir deicheadan den fhèis chudromaich eadar-nàiseanta seo a chomharrachadh san sgìre againn.

Lean e air adhart, “Bha Fèis nam Meadhanan Ceilteach anns a’ Ghàidhealtachd roimhe – ann an Inbhir Nis ann an 1987, 1991 agus 2015; san Eilean Sgitheanach ann an 1999; agus sa Ghearastan ann an 1995 agus 2007, agus tha mi cinnteach gum bi fàilte chridheil ro luchd-eagrachaidh agus riochdairean na Fèise san Aghaidh Mhòir agus gum bi cuimhne air an Fhèis seo sna bliadhnaichean air thoiseach.

“Tha buaidh mhòr eaconamach aig co-labhairtean is fèisean air an sgìre againn agus tha mòran ri thabhann san Aghaidh Mhòir eadar seallaidhean eireachdail, aoigheachd agus bun-structair còmhdhalach, cho math ris an fhàilte chridheil a bhios sinn a’ toirt seachad.”

Tha an Fhèis a’ faighinn taic bho bhuidhnean craolaidh, film, cultarail agus leasachadh eaconamach bho air feadh nan dùthchannan Ceilteach. Tha i air a cumail thairis air trì làithean agus a’ comharrachadh craoladh, tàlant fhilmichean agus sàr-mhathas às Alba, Èirinn, Eilean Mhanainn, A’ Chuimrigh, A’ Chòrn agus a’ Bhreatainn Bhig.

Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhail air www.celticmediafestival.co.uk