Ionad-Spòrs Loch Abar a’ Dol air an t-Snàmh sa Ghàidhlig!

.

Read this in English

Tha còrr is 30 neach òg air an ainm a chur sìos airson leasain snàmh tron Ghàidhlig aig Ionad-Spòrs Loch Abar air an t-samhradh seo. ’S e seo a’ chiad uair ann an Alba a tha leasain snàmh sa Ghàidhlig air an tabhann do dhaoine òga aig a bheil a’ Ghàidhlig.

Mhol Eilidh NicArtair, oileanach òg a tha a’ trèanadh airson a bhith na tidsear agus a tha ag obair aig Ionad-Spòrs Loch Abar, gum faodadh leasain a bhith air an tabhann sa Ghàidhlig nuair a chunnaic i gun robh 11 neach le Gàidhlig ag obair san Ionad-Spòrs, agus cuid dhiubh nan oidean snàmh.

Tha mòran chloinne is inbheach le Gàidhlig a’ cleachdadh nan goireasan aig Ionad-Spòrs Loch Abar agus seach gu bheil oidean ann leis na sgilean iomchaidh, thuig i gum b’ urrainn dhan Ionad-Spòrs an t-seirbheis seo a thabhann agus gur e cothrom math a bhiodh ann cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh le bhith a’ tabhann nan clasaichean sa Ghàidhlig.

Le taic bho High Life na Gàidhealtachd agus Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, thuirt Gary Davidson, Manaidsear Ionad-Spòrs Loch Abar: “’S e cothrom sgoinneil a tha seo airson luchd-cleachdaidh an Ionaid-Spòrs aig a bheil Gàidhlig, gu h-àraid seach gu bheil Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar a-nis stèidhichte san sgìre, agus a’ Ghàidhlig air a cleachdadh sa choimhearsnachd le cleasan spòrs eile, a’ gabhail a-steach camanachd, ball-coise, agus cleasan oideachail air a’ bhlàr a-muigh.”

Lean e air, “Tha sinn toilichte gun urrainn dhuinn na leasain a thabhann sa Ghàidhlig agus neartaichidh seo sgilean cànain luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus luchd-labhairt òga na Gàidhlig.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: