Cuach na Cruinne sa Ghàidhlig

.

Read this in English

Seachdain Bhall-coise agus Chleasan Samhraidh

Chuir Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd cleasan tro mheadhan na Gàidhlig air dòigh do chloinn agus dhaoine òga san Iuchar agus san Lùnastal. Bha curachanachd, coiseachd-ghilean, baidhceadh-beinne, iasgach, dràma, ealain agus ceàirdean am measg nan cleasan a bha air an tabhann.

Bha cuideachd seiseanan ball-coise Cuach na Cruinne sa Ghàidhlig ann agus iad ag amas air sgilean is dòighean-cluiche ùra a leasachadh tro phrògram ionnsachaidh a bha farsaing, dùbhlanach is brosnachail. Chaidh na seiseanan ball-coise a chumail ann an Inbhir Nis agus bha iad fosgailte do bhalaich agus nigheanan air feadh na Gàidhealtachd eadar aois 5 is 14 a tha air an oideachadh tron Ghàidhlig – a’ toirt cothrom dhaibh com-pàirt a ghabhail ann an àrainneachd Ghàidhlig shàbhailte agus spòrsail. Tha ceangalan làidir aig na h-oidean, Calum MacFhearghais agus Donaidh Forbais, le Club Ball-coise Inverness Caledonian Thistle.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: Dolina.Grant@highland.gov.uk