Iomain na h-Òige a’ faighinn spionnadh o stòras ùr
.
Tha Iomain Cholmcille toilichte a ràdh gu bheil e air taic-airgid luach £8000 fhaighinn o Bhòrd na Gàidhlig airson cleachdadh na Gàidhlig ann an iomain na h-òige a leasachadh.
Bidh an stòras seo a’ togail air an t-sàr-obair a rinn Iomain Cholmcille, ann an compairteachas le Sgìoba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, air Cupa Iomain na h-Òige agus tha e a’ tighinn on stòras Taic Fheumhan Coimhearsnachd aig a’ Bhòrd.
Thèid an Cupa, a tha fosgailte do sgoiltean is ionadan Gàidhlig air feadh na h-Alba, a chumail aig Pàirc a’ Bhucht ann an Inbhir Nis air Dihaoine 28 An t-Sultain.
Thuirt co-ordanaiche Iomain Cholmcille ann an Alba, Eòghan Stiùbhart “Ruith sinn Cupa Iomain na h-Òige mar phileat o chionn dà bhliadhna agus shoirbhich cho math leis gun robh sinn airson leudachadh a dhèanamh a thaobh na bha sinn a’ dèanamh leis an òigridh. Mar sin thèid an taic-airgid a chur gu feum gu h-èifeachdach airson cothroman trèanaidh agus cluiche anns a’ Ghàidhlig a chruthachadh is a leasachadh. Tha sinn an dùil sreath de thachartasan Gàidhlig a ruith le coidsichean agus rèitirean Gàidhlig do chloinn aig a h-uile aois.”
Bidh Iomain na h-Òige cuideachd ag obair le Comann na Gàidhlig airson buidheann iomain Ghàidhlig a ruith anns na Hearadh a-measg phròiseactan eile
Chaidh am pròiseact a chur air dòigh aig Bun-sgoil Ghàidhlig Phòrt Rìgh air Dimàirt 28 An Lunasdal far an d’ fhuair an sgoil Ghàidhlig as ùire ann an Alba lèintean ùra Gàidhlig airson sgioba iomain na sgoile. Thuirt an Stiùbhartach mu dheidhinn seo:
“Thàinig an t-airgead airson na lèintean bho stòras eile a bha sinn air togail suas thar deich bliadhna air leth soirbheachail a’ brosnachadh Gàidhlig ann an iomain.”
“On a bha D.R. Macdhòmhnaill nach maireann an-sàs ann am foghlam Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach, tha an ceangal eadar slàinte na Gàidhlig agus slàinte na camanachd san Eilean air a bhith gu math làidir agus tha sinn airson gun lean sin mar eisimpleir do shaoghal na Gàidhlig air fad sna bliadhnaichean a tha romhainn.”
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri clubaichean agus sgoiltean air feadh na h-Alba anns a’ bhliadhna romhainn gus cleachdadh na Gàidhlig ann an iomain a leasachadh.”
Thuirt Ceannard Bhun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, Flora Guidi “Tha sinn glè thaingeil do dh’Iomain Cholmcille airson nan lèintean ùra. Tha a’ chlann a’ coimhead air adhart ri bhtih a’ cluich annta aig na farpaisean Gàidhlig agus na farpaisean eile san àm ri teachd.”