Fìorachd leasaichte an seo airson co-fharpais FilmG 2018-19

.

Read this in English

Fhuair sgoilearan Àrd-sgoil Phort Rìgh cothrom an-diugh (Dihaoine 14 Sultain) na bhios romhainn san àm ri teachd fhaicinn nuair a dh'fhoillsich FilmG pasgan ùr fìorachd leasaichte (augmented reality) airson taic a chumail ri co-fharpais nam filmichean goirid ann an 2018-19.

Chaidh leabhranan eadar-obrachail ùra a chruthachadh do sgoiltean air feadh Alba airson taic a chumail ri sgoilearan air feadh na dùthcha le sgriobtaichean, bùird-sgeòil is ullachadh airson am filmichean goirid Gàidhlig a chlàradh.

'S e seo a' chiad turas a chaidh an teicneolas seo a chleachdadh ann an goireas ionnsachaidh Gàidhlig.

Leigidh fìorachd leasaichte le sgoilearan fiosrachadh san leabhran a scanadh le fòn no tablaid, agus a thig beò an uair sin, far na duilleige – mar gu bheil e ann an da-rìribh!

'S e FilmG co-fharpais nam filmichean goirid Gàidhlig a th' air a mhaoineachadh le MG ALBA agus air a lìbhrigeadh le Cànan Graphic Studio (CGS), a tha stèidhichte ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Tha CGS air a bhith ag obair le teicneolas fìorachd leasaichte o chionn greis a-nis ach 's e seo a' chiad turas a chaidh a chleachdadh ann am fear de na goireasan foghlaim aca. Thuirt Manaidsear Pròiseict FilmG agus CGS, Flòraidh Forrest:

"Tha fadachd oirnn an teicneolas seo a thaisbeanadh do Ghàidheil òga agus tha sinn cinnteach gun toir e buaidh mhòr air a' bheachd aca air a' chànan. Feumaidh a' Ghàidhlig dòighean adhartach mar seo a chur gu feum airson daoine òga a bhrosnachadh gus an cànan a chleachdadh an dèidh nam bliadhnaichean sgoile aca, mar sin dheth, tha cothroman mar seo do dheugairean air leth cudromach."

Bha Alannah Pheutan, a bha na sgoilear aig Àrd-sgoil Phort Rìgh, an làthair aig an fhoillseachadh agus thug i seachad òraid do na sgoilearan. Bha Alannah na preasantair air prògram le BBC Alba, Nochd, o chionn ghoirid agus chithear i sa phrògram comadaidh ùr, FUNC, air BBC Alba a dh'aithghearr agus tha i cuideachd ri faicinn anns an dràma Gàidhlig, Bannan.  Chunnacas na sgilean dràma aig Alannah an toiseach nuair a ghlèidh i a' chiad duais airson a cuid cleasachd aig duaisean FilmG ann an 2009. Bhon uair sin tha i air a bhith an sàs sa cho-fharpais gu cunbhalach agus bhuannaich i trì duaisean san roinn Fhosgailte an-uiridh airson a film cumhachdach mu neach tar-ghnèitheach, Còig Puing a Trì. Thuirt Alannah:

"Tha e fìor mhath a bhith a' tilleadh don t-seann sgoil agam airson an t-eòlas a th' agam air FilmG a shealltainn dhaibh agus airson innse mun obair agam an-dràsta. Bhon a cheumnaich mi bhon chùrsa agam air Sgilean Sgrìon is Àrd-ùrlair aig Napier, tha mi air an t-uabhas chothroman inntinneach fhaighinn, agus cuid mhòr dhiubh air sàillibh 's gu bheil a' Ghàidhlig agam agus na dh'ionnsaich mi le FilmG. Tha mi an dòchas gum feuch na sgoilearan air pàirt a ghabhail ann am FilmG, gum bi spòrs aca agus gun cleachd cuid aca an cothrom mar cheum air slighe gu dreuchd anns na meadhanan."

Bidh àrd-sgoiltean air feadh na dùthcha a' tòiseachadh air na filmichean aca a-nis. Bidh FilmG a' faighinn còrr is dà fhichead film a h-uile bliadhna bho chlasaichean àrd-sgoile, agus mòran dhiubh a' cleachdadh nan goireasan is nan eòlaichean a tha rim faighinn tro phrògram nam bùithtean-obrach aig FilmG. Ach a-rithist thathar ag iarraidh air luchd-film òg na filmichean aca fhèin a dhèanamh anns na roinnean 'Film Fòn-làimh' agus 'Neach-film Òg As Fheàrr'.

Thuirt Stiùiriche Ro-innleachd is Chom-pàirteachasan aig MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt, agus i airson is gun cùm daoine òga orra a' cruthachadh na susbaint air-loidhne aca fhèin:

"'S fheairrde sinn fhèin a dhol a-mach do na sgoiltean far am faic sinn cò ris a tha e coltach a bhith ag obair còmhla ris na daoine òga. Tha e fa-near dhuinn fhèin mar phrìomh amas a bhith a' co-obrachadh leotha agus a' toirt na seirbheis a tha sinn a' toirt dhaibh am feabhas. Tha FilmG na phàirt chudromach den a sin agus tha fiughair againn ri filmichean na bliadhna seo le daoine òga fhaicinn. Bidh iad a' sìor-dhol am feabhas a h-uile bliadhna."

Faodar filmichean a chur gu FilmG a-nis agus bidh a' cho-fharpais a' dùnadh Dihaoine 14 Dùbhlachd. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn FilmG, www.filmg.co.uk agus air na meadhanan-sòisealta.