Iomain@a’ Bhucht
Tha Iomain Cholmcille – am pròiseact iomain Gàidhlig – air obrachadh ann an com-pàirteachas le Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd gus tachartas iomain nàiseanta le sianar air gach taobh a chur air dòigh airson sgoilearan P4 gu P7 ann am Foghlam tron Ghàidhlig bho sgoiltean air feadh na h-Alba.
Tha Iomain Cholmcille – am pròiseact iomain Gàidhlig – air obrachadh ann an com-pàirteachas le Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd gus tachartas iomain nàiseanta le sianar air gach taobh a chur air dòigh airson sgoilearan P4 gu P7 ann am Foghlam tron Ghàidhlig bho sgoiltean air feadh na h-Alba.
Bhuannaich Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an fharpais an-uiridh, bha Bun-Sgoil Phort Rìgh san dàrna àite agus choisinn iad cuideachd duais na Gàidhlig.
San Lùnastal dh’ainmich Iomain Cholmcille maoineachadh de £8000 bho Bhòrd na Gàidhlig gus an cuideachadh a’ leasachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an iomain na h-òigridh. Chaidh am pròiseact a chur air bhog aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh agus fhuair na sgoilearan èideadh-spòrs ùr Gàidhlig airson sgioba iomain na sgoile. Tha am maoineachadh airson phròiseactan coimhearsnachd ag amas air togail air obair shoirbheachail Iomain Cholmcille, ann an com-pàirteachas le Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd a tha a’ ruith Cupa Iomain na h-Òige.
Tha Cupa Iomain na h-Òige a-nis san treas bliadhna aige agus ged a tha e stèidhichte sa Ghàidhealtachd, tha an fharpais, a tha air a cumail gu tur tron Ghàidhlig, fosgailte do sgoiltean air feadh na h-Alba. Am-bliadhna, chaidh an fharpais a chumail ann am Pàirc a’ Bhucht ann an Inbhir Nis a tha na stèidiam nàiseanta. Ghabh 14 sgioba agus mu 100 sgoilear com-pàirt san tachartas.
Bha sgoiltean bho air feadh na h-Alba na lùib, a’ gabhail a-steach Dùn Èideann, Glaschu agus Inbhir Pheofharain, agus b’ e seo a’ chiad uair a ghabh na sgoiltean beaga san Eilean Sgitheanach com-pàirt.
Chaidh an fharpais dheireannach a chumail aig deireadh na seachdain ann am Pàirc a’ Bhucht, ann an Inbhir Nis.
Tha Iomain Cholmcille dealasach do bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an saoghal na h-iomain agus tha am pròiseact gu tric a’ cur iomlaidean eadar-nàiseanta air dòigh, an dà chuid do dh’fhireannaich is bhoireannaich, le sgiobaidhean iomain Èireannach a bhruidhneas Gàidhlig na h-Èireann
Tha Cupa Iomain na h-Òige air taic fhaighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig. Thug Mgr Murchadh Moireasdan bho Bhòrd na Gàidhlig seachad Cupa Iomain na h-Òige do Bhun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a bhuannaich an fharpais. Thug Comhairle na Gàidhealtachd seachad taic airson geall-dùbhlain, Duais Ghàidhlig Iomain na h-Òige, a tha a’ dol chun na sgioba leis an dealas as motha do bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig aig an tachartas. Chaidh buinn shònraichte a thoirt do na com-pàirtichean uile a bha a’ cluiche san tachartas.
Thuirt Mgr Eòghan Stiùbhart, Co-òrdanaiche Iomain Cholmcille ann an Alba: “Tha Iomain Cholmcille a-rithist fìor thoilichte a bhith ag obair le Comhairle na Gàidhealtachd gus Cupa Iomain na h-Òige a chur air bhonn. Tha an fharpais a’ leasachadh agus tha e sgoinneil a bhith a’ faicinn sgiobaidhean ùra a’ gabhail com-pàirt agus tha e fìor mhath cuideachd gu bheil sgoiltean a’ toirt taic dhan Ghàidhlig an lùib spòrs traidiseanta leithid iomain.”
Lean e air adhart, “Bu mhath leam taing a thoirt do Sgioba Chamanachd Inbhir Nis airson an taic ann a bhith a’ toirt seachad acfhainn agus do Mhgr Al Mac an t-Sealgair agus Mgr Colm O’ Rua a thaobh sgoilearan àrd-sgoile a bhith nan rèitearan. Tha Iomain Cholmcille cuideachd a’ cur luach air an taic a tha iad a’ faighinn bho Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd.”
Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionghuin, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh na Gàidhlig, a thug seachad Cupa Gàidhlig Iomain na h-Òige do dh’Aonad Ghàidhlig Bun-Sgoil Inbhir Pheofharain: “Tha mi fìor thoilichte an cupa a thoirt seachad dhan sgioba aig an robh an dealas as motha do bhith a’ cleachdadh a’ chànain aig an t-sàr thachartas seo. Chan eil Cupa Iomain na h-Òige ach san treas bliadhna aige agus tha na h-àireamhan a tha a’ gabhail com-pàirt a’ sìor dhol am meud. Tha mi a’ creidsinn gu bheil cleasan tar-churraicealach, gu h-àraid a’ buntainn ri spòrs, a’ toirt cothrom air leth do dhaoine òga na sgilean Gàidhlig aca a chleachdadh len co-aoisean bho sgoiltean eile. Tha an cànan air a chleachdadh taobh a-muigh a’ chlas agus tha na daoine òga a’ cur còmhla an sgilean cànain, spòrs agus sòisealta ann an dòigh a bhios buannachdail dhaibh agus a chuidicheas iad gus an lan chomasan a choileanadh.”