Clach-mhìle eachdraidheil do Bhlas leis a’ chiad dheichead

Tha tè de na tachartasan ealain as soirbheachail air a’ Ghàidhealtachd a’ comharrachadh clach-mhìle eachdraidheil am-bliadhna agus deich bliadhna bhon chiad Fhèis Bhlas.

Blas 2014


‘S e fèis eadar-nàiseanta a th’ann am Blas a-nis, le tachartasan ann an 100 àite air feadh na Gàidhealtachd agus an Earra-Ghàidheal eadar 5 agus 13 Sultain, agus am-bliadhna bidh an fhèis a’ tilleadh gu mar a bha bha cùisean bho thùs, le cuideam ga chur air coimhearsnachdan, òigridh agus Gàidhlig.

Thèid coimisean ùr fhoillseachadh leis an fhìdhleir ainmeil Iain MacPhàrlain, agus bidh sreath de phìomh luchd-ciùil is seinneadairean a’ nochdadh air na h-àird-ùrlairean thall sa bhos leithid Dàimh, Mischa MacPherson Trio, Mànran, Red Hot Chilli Pipers, Marloch, Dougie MacIllEain a bharrachd air luchd-ciùil Gàidhlig Cairistiona Primrose, Seumas Greumach, Gillie NicChoinnich, Alasdair MacIlleBhàin agus Linda NicLeòid. Bho shaoghal òrain ùra na Gàidhlig bidh Dòl Eoin Mackinnon a’ nochdadh còmhla ri Macanta. Tha saoghal na camanachd cuideachd ga cheangal ris an fhèis, agus cuideachd sealladh no dha air sgriobhadairean Gàidhlig. Tha iad gu bhith tadhal air Blas bho thall thairis a-rithist agus thèid fàilte a chur air fìdhleir Cheap Breatainn Howie Dòmhnallach agus Cherish the Ladies. Thig cùisean gu ceann le cuirm, Ceòl nam Fèis, a bhios a’ foillseachadh cho soirbheachail sa tha na Fèisean air feadh na dùthcha ann a bhith a’ ceangal òigridh ri ceòl traidiseanta – gnothach a tha air a bhith na shuaicheantas aig Blas bhon chaidh a stèidheachadh an toiseach.

Thòisich fèisean Blas deich bliadhna air ais nuair a thug Comhairle na Gàidhealtachd sùil gu taobh thall a’ Chuain Siar agus mhiannaich iad sàmhla de dh’fhèis bheòthail Celtic Colours à Ceap Breatann a chruthachadh an seo.

Thuirt an comhairliche Maxine Smith, Iar Neach-Gairm Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha prògram Fèis Blas na bliadhna seo, ann am Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh, inntinneach, tarraingeach agus oideachail, a’ foillseachadh Gàidhlig agus tachartasan ciùil traidiseanta air feadh na Gàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal. Tha an fhèis a’ tairgse cothroman do mhuinntir an àite agus do luchd-siubhail fìor dheagh cheòl fhaicinn agus a chluinntinn ann an coimhearsnachdan fad is farsaing bho Phort Rìgh gu Port Mocholmaig agus bho Toirbheartan gu Taigh an Uillt.”

Chuir Ministear an Ionnsachaidh, Saidheans agus Cànain na h-Alba Alasdair Allan, BPA, meala-naidheachd air an fhèis. Thuirt esan: “Bu mhath leam meala naidheachd a chur air Fèis Blas airson a’ chiad dheichead a chur a-mach agus sònraichte son an dòigh anns an deach an fhèis fhàs gu bhith cho cudromach ann am beatha cultarail na Gàidhealtachd.”

“Gach bliadhna, tha Blas a’ tairgse prògram le beairteas ealain a tha a’ foillseachadh saibhreas cultarail na sgìre, a’ cruinneachadh raon farsaing le luchd-ealain agus a’ sìneadh a-mach gu àireamhan luchd-amhairc is èisteachd a tha sìor dhol am meud, le Gàidhlig aig an teis-mheadhain. Tha mi an dòchas gun soirbhich le fèis na bliadhna seo agus gun tèid aig àireamhan mòra dhaoine air toileachas fhaighinn às, an-lùib Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh.”

A’ bruidhinn aig cuirm foillseachadh prògram na bliadhna seo ann an Inbhir Nis an-diugh, thuirt Art MacCarmaig bho Fhèisean nan Gàidheal, a tha a’ frithealadh na Fèise, gu robh fìor eachdraidh aig an fhèis agus gun deach a leasachadh rè ùine.

Thuirt e: “Cha robh anns an fhèis bho thùs ach trì tachartasan, an Sròn an t-Sìthein, anns a’ Chlais-mhòr agus an Srath Pheofhair ann an 2004. Bhon uair sin tha sinn air 410 tachartas a lìbhrigeadh le 3,102 diofar neach-ealain, agus tha sinn air a bhith a’ dèanamh sin is 88,448 san èisteachd rè ùine. Tha sinn air 11 coimisean ùr a chur air adhart agus air 24 uair a thìde de thelebhisean a thairgse do BBC Alba. Tha measadh an luchd-amhairc is èisteachd a’ dearbhadh gu bheil an fhèis air a bhith còrdadh ri daoine aig 91.2% thar bhliadhnaichean, agus tha sinn air £4.4m a chur ri eaconamaidh na Gàidhealtachd.”

Anns an eadar-ama, tha gu leòr de shàr luchd-ciùil agus cuid de na seinneadairean as fheàrr anns an dùthaich air a bhith a’ frithealadh fèisean, còmhla rin cuideachd eadar-nàiseanta bho Èireann agus Alba Nuadh. Tha mòran air tighinn air adhart bho bhith ri ceòl aig na Fèisean gu bhith a’ gabhail an àird-ùrlair aig Blas, leithid Gary Innes, Norrie MacÌomhair, Lauren NicColla, Joy Dunlop, Julie Fowlis agus Rachel Walker.

Tòisichidh fèis eachdraidheil Blas 2014 air Dihaoine an 5mh dhen t-Samhain. Chaidh fhoillseachadh an-diugh mar a bhios coimisean ùr le Iain MacPhàrlain à Gleann Fhionnain, stèidhichte air a’ bhàrdachd ainmeil Moladh Beinn Dòbhrain le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, ‘s dòcha bàrdachd cho ainmeil sa th’againn ann an Gàidhlig, an teis-mheadhain chùisean.

Tha an coimisean seo ga chur air adhart le taic bho Dhualchas Nàdair na h-Alba (SNH). Thuirt Alastair MacGugan às an leth: “Dè an dòigh as fheàrr daoine a cheangal ri nàdar na bhith ag èisteachd ri ruith, briathrachas agus fuaim nan òran aig an t-sàr bhàrd Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, a thug dhuinn uibhir de bhàrdachd a tha drùidhte leis a’ bhuaidh a th’ aig mac an duine agus nàdar air càch-a-chèile. Tha sinn a’ faicinn cho faisg agus eadar-thoinnt’ sa tha an ceangal eadar mac an duine, talamh agus cultar. Tha iad a’ rannsachadh agus a’ meòrachadh air structuran ùra leithid siostaman-eco agus seasmhachd, ann an dòigh nach eil a’ toirt for air tìm, ach a’ dùsgadh cuimhne an dòigh ealamh. Ann a bhith a’ ceangal dhaoine ri nàdar, tha cothroman a’ fuasgladh son toileachas fhaighinn às an àrainneachd agus a bhith a’ gabhail a’ chùraim. Tha sin aig cridhe na tha SNH a’ dèanamh agus sin a th’air cùl an taic seo agus tha sinn gu math toilichte a bhith na lùib.”

Am measg nan tachartasan air am bi fèill mhòr aig Blas na bliadhna seo tha, ann an seachdain cupa na Camanachd an Inbhirnis, trì cuirmean camanachd ann an Taigh na Bruaich an Earra-Ghàidheal, ann an Inbhir Ionaid agus ann an Inbhir Nis air an oidhche ron chuairt dheireannach. Thèid na cuirmean a lìbhrigeadh le Ùisdean MacIllInnein agus am measg na bhios air an àrd-ùrlar còmhla ris bidh Gary Innes, Linda NicLeòid agus an teaghlach ainmeil Clann Ic Ille Bhrath à Calrossie an Taobh Sear Rois. Bidh “Home and Away – Glòir nan Caman” a’ luaidh cuid de shàr-chluicheadairean na camanachd tro cheòl is òrain agus a’ measadh buaidh a’ Chiad Chogaidh air coimhearsnachdan na camanachd.

Thèid am bàrd ainmeil Rob Donn MacAoidh à Cataibh cuideachd a chomharrachadh le Seumas Greumach, Catriona NicLeòid, Carol-Anne NicAoidh, Suzanne Houston agus Rhona Sutharlan.

Tha a’ bhuidheann Alba Cruthachail air a bhith gu math taiceil dhan fhèis rè ùine. Thuirt an Stiùiriche Conaltraidh aca, Coinneach Fowler: "Tha Alba Cruthachail ro thoilichte a bhith a’ cumail taic ri Blas, agus gu sònraichte anns an deicheamh bliadhna a tha seo. An dèidh fàs am meud agus buaidh thar nam bliadhnaichean sin gu suidheachadh air leth cudromach ann an clàr nan tachartasan gach bliadhna, tha Blas air leth ann a bhith a’ riochdachadh ceòl agus ealan an àrd-ùrlair. Tha an fhèis in-ghabhalach anns gach dòigh, a’ siubhal thar chrìochan na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal a’ coinneachadh ri daoine agus a’ suathadh air coimhearsnachdan bho thallaichean sgìreil gu Tigh-cluiche na h-Ìompaireachd an Cùirt an Aodainn. Tha prògram na bliadhna seo air leth brosnachail agus tha mi an dòchas gun tèid gu math leis anns gach dòigh.”

Tha Blas mar chiad thachartas ann an sreath de ghnothaichean nàiseanta agus eadar-nàiseanta a bhios a’ tachairt air feadh na Gàidhealtachd bho thoiseach Sultain mar phàirt de Bhliadhna an Tilleadh Dhachaigh, le taic bho EventScotland, agus thig sin gu àird an teasaich leis a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an Inbhir Nis anns an Dàmhair.

Thuirt Daibhidh Boag, Leasaiche Cànain Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig: “Thairis air na 10 bliadhna a dh’fhalbh, tha Blas air a bhith soirbheachail le bhith togail ìomhaigh na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd, air feadh Alba agus gu h-eadar nàiseanta.”

“A bharrachd air na tachartasan fhèin, tha am prògram sgoile a’ toirt cothrom do dhaoine òga air a’ Ghàidhealtachd ionnsachadh mu dheidhinn cultar na Gàidhlig agus an àite a th’ againn mar phàirt den choimhearsnachd eadar-nàiseanta.”

“Mar phàirt den phrògram Tilleadh Dhachaigh 2014 air a’ Ghàidhealtachd, bidh Bòrd na Gàidhlig a’ cumail taic ri Blas agus tachartasan eile, mar eisimpleir Am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis agus Tatù Innse Gall ann an Steòrnabhagh. Tha am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012-17 ag aithneachadh cho cudromach sa tha na h-ealain Ghàidhlig, an dà chuid le bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig don mhòr-sluaigh agus ann a bhith a’ cur ris an eaconamaidh.”

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu Bhlas 2014 ri fhaotainn aig www.blas-festival.com, leithid mar a thèid aig daoine air tiogaidean a cheannach, agus làn-fhiosrachadh mun phrògram fhèin.

… crìoch