A’ Ghàidhlig air thoiseach ann an Sgoiltean a’ Chinn a Tuath

Bha Clas Gàidhlig Prìomh 1 ann am Bun-sgoil Mount Pleasant an lùib a’ Mhòid airson a’ chiad uair, agus ghabh iad com-pàirt ann am farpais an Òrain Ghnìomh a chòrd glan ris an luchd-èisteachd air fad.

 

Bidh Mòd Ionadail Chataibh is Ghallaibh a’ gabhail àite gach bliadhna ann an grunn àiteachan eadar an dà Shiorrachd. Tha Comataidh a’ Mhòid Ionadail air a stiùireadh le Mgr Graham Camshron. Chaidh am Mòd a chumail ann an Inbhir Theòrsa agus ghabh mòran sgoilearan com-pàirt ann am farpaisean a bha a’ gabhail a-steach bogsa-ciùil, fìdeag, pìob-mhòr, feadan agus ceòl còmhlain, agus thog mòran de na farpaisich comharran sàr-mhath a bharrachd air gill-dhùbhlain agus buinn.  

Bha Clas Gàidhlig Prìomh 1 ann am Bun-sgoil Mount Pleasant an lùib a’ Mhòid airson a’ chiad uair, agus ghabh iad com-pàirt ann am farpais an Òrain Ghnìomh a chòrd glan ris an luchd-èisteachd air fad.

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, “Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e sgoinneil gun deach an Clas Gàidhlig aig Bun-sgoil Mount Pleasant a-steach airson a’ Mhòid Ionadail. Lean e air adhart, “Tha mi a’ creidsinn gu bheil am Mòd a’ dèanamh tòrr gus coimhearsnachd na Gàidhlig san sgìre mu Thuath a neartachadh agus a leasachadh agus tha mi an dòchas gun lean a’ chlann òg air adhart a’ gabhail com-pàirt gach bliadhna sa Mhòd agus ann an tachartasan cultarail eile san sgìre tro na bliadhnachan oideachail aca agus thar sin.”