Cheannard san Eadar-ama gu Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a’ Bh-uas Seònaid NicLeòid a chur an dreuchd mar Cheannard san Eadar-ama gu Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

 

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a’ Bh-uas Seònaid NicLeòid a chur an dreuchd mar Cheannard san Eadar-ama gu Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. B’ i a’ Bh-uas NicLeòid, a tha às an eilean Sgitheanach agus fileanta sa Ghàidhlig, a’ chiad cheannard a bh’ aig an sgoil nuair a dh’fhosgail i ann an 2007.  Bidh i a’ gabhail na dreuchd os làimh airson a’ chiad theirm de sheisean sgoile 2014-15, suas gu saor-làithean na Dàmhair.  

Thuirt an Comhairliche Alasdair Christie, Cathraiche Comataidh Seirbheisean an Fhoghlaim, na Cloinne agus nan Inbheach: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil sinn air sàr cheannard a chur an gnìomh san eadar-ama agus air sgàth seo chì sgoilearan, luchd-obrach agus pàrantan leantainneachd ann an stiùireadh na sgoile.  Bidh eòlas na M-uas NicLeòid buannachdail dha-rìreabh airson na sgoile agus bu toil leam taing a thoirt dhi airson aontachadh gun obraich i ri taobh na sgoile agus na coimhearsnachd, fhad ’s a tha sinn a’ dol an lùib pròiseas gus an dreuchd a lìonadh air stèidh mhaireannach.”  

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh gu bheil Seònaid NicLeòid gu bhith na Ceannard san Eadar-ama.  B’ i a’ chiad cheannard san sgoil agus tha mi toilichte gu bheil i a’ tilleadh air ais agus gum faic i sgoilearan Gàidhlig misneachail is soirbheachail ann an sgoil a tha a’ sìor leudachadh.  Tha seo na theisteanas air a lèirsinn agus a h-oidhirpean nuair a chaidh an sgoil a stèidheachadh an toiseach.”  

San eadar-ama, nuair a thilleas na sgoiltean air 18 Lùnastal, bidh a’ Chomhairle a’ cur sanas a-mach airson Ceannard maireannach a tha fileanta a’ bruidhinn na Gàidhlig.