Bratach ga sgaoileadh airson seachdain a’ Mhòid

An-diugh (Dihaoine 10 Dàmhair) thug Iain MacLeòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, seachad bratach oifigeil a’ Mhòid do Neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd agus Pròbhaist Inbhir Nis, a bha cuide ri Neach-gairm Comataidh a’ Mhòid Ionadail.

 

An-diugh (Dihaoine 10 Dàmhair) thug Iain MacLeòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, seachad bratach oifigeil a’ Mhòid do Neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd agus Pròbhaist Inbhir Nis, a bha cuide ri Neach-gairm Comataidh a’ Mhòid Ionadail.  

Bha sgoilearan bho Bhun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis cuideachd a’ gabhail com-pàirt is a’ cuideachadh le bhith a’ sgaoileadh na brataich a thèid suas os cionn a’ bhaile rè seachdain a’ Mhòid.  

Thuirt Pròbhaist Inbhir Nis: “Tha Baile Inbhir Nis fìor thoilichte gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail air tilleadh an seo uair eile. ’S e seo bliadhna Tilleadh dhan Ghàidhealtachd agus tha e sgoinneil gu bheil farpaisich bho àiteachan cho sgapte ri Ceann Loch Chille Chiarain agus Canada a’ gabhail com-pàirt ann am prìomh thachartas chultarail na Gàidhlig, an seo ann am prìomh-bhaile na Gàidhealtachd.  

“Tha feum air deagh obair-sgioba agus com-pàirteachas gus Mòd a chumail.  Tha an Comunn Gàidhealach a-rithist air sàr thachartas a chur air dòigh agus tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith toilichte taic làidir a thoirt seachad cuide ri High Life na Gàidhealtachd, sgioba BID, roinn a’ ghnothachais agus cuideachd thathar a’ faighinn tòrr taic shaor-thoileach aig ìre ionadail fon Chomataidh Eagrachaidh Ionadail air a bheil Ailean Caimbeul na Chathraiche.”  

Thathar an dùil gun toir am Mòd £2.5 millean a-steach dhan eaconamaidh ionadail fhad ’s a tha luchd-tadhail agus farpaisich a’ taomadh a-steach gu Baile Inbhir Nis airson a’ Mhòid a tha a-nis san 122 bliadhna aige.  

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Le còrr is 3000 farpaiseach a’ gabhail com-pàirt ann an còrr is 200 farpais, agus le 70 tachartas ann an Iomall a’ Mhòid, bidh rudeigin ann dhan a h-uile duine an t-seachdain seo. Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ tilleadh gu Inbhir Nis airson a’ chiad uair ann an 17 bliadhna agus a bharrachd air a bhith a’ brosnachadh teachd-a-steach is cur-seachad, tha sinn an dòchas gum fàg am Mòd dìleab agus Gàidheil is Goill le chèile a’ gabhail tlachd às na cuirmean.”  

Am measg Prògram Iomall a’ Mhòid tha Cèilidh Beag a’ Mhòid a thèid a chumail san Aquadome, aithrisean ann an Taigh-tasgaidh Inbhir Nis, agus òraid mu shinnsireachd ann an Tasglann na Gàidhealtachd a tha na ghoireas sgoinneil ann am Prìomh-bhaile na Gàidhealtachd.”  

Thuirt Neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Jimmy Gray: “Tha Inbhir Nis ann an deagh shuidheachadh gus aoigheachd a thoirt dhan Mhòd seach gu bheil aitreabhan sgoinneil ann, agus ceangalan, goireasan is àiteachan-fuirich fìor mhath. Tha am Mòd a’ taisbeanadh a’ bheairteis thàlantan a tha sna coimhearsnachdan Gàidhlig, gu h-àraid am measg dhaoine òga air feadh na Gàidhealtachd. Tha sinn uile a’ guidhe gach soirbheas dhan Mhòd agus tha sinn cinnteach gum bi fàilte chridheil Ghàidhealach ro luchd-turais a thig dhan sgìre.”