Dreuchdan Gàidhlig – Amais agus Brosnaich

Bidh sgoilearan Gàidhlig, an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus fileantaich ann an S2 agus S3 bho sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd a’ frithealadh tachartas dreuchdan Gàidhlig ann an Inbhir Nis a-màireach (Dihaoine 31 Dàmhair). Tha an tachartas ag amas air am brosnachadh gus beachdachadh air cothroman trèanaidh a’ cleachdadh a’ chànain.

Bidh sgoilearan Gàidhlig, an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus fileantaich ann an S2 agus S3 bho sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd a’ frithealadh tachartas dreuchdan Gàidhlig ann an Inbhir Nis a-màireach (Dihaoine 31 Dàmhair). Tha an tachartas ag amas air am brosnachadh gus beachdachadh air cothroman trèanaidh a’ cleachdadh a’ chànain.

’S e SIUTHAD! an t-ainm a th’ air an tachartas a tha a’ gabhail àite ann an Cùirt Eden, agus a tha air eagrachadh le Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd. Tha SIUTHAD! cuideachd a’ faighinn taic ionmhasail a bharrachd, an dà chuid bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.

Bidh còrr is 200 sgoilear bho 12 àrd-sgoil an làthair gus tuilleadh fhaighinn a-mach mun raon chothroman dreuchdail a th’ ann do dhaoine òga a bhruidhneas a’ Ghàidhlig nuair a dh’fhàgas iad an sgoil.

Bidh grunn bhuidhnean an làthair, agus bidh raon farsaing riochdairean ann gus innse do sgoilearan mu na dreuchdan a tha taobh a-staigh earrann na Gàidhlig, BBC rèidio agus MG ALBA nam measg. Bidh riochdairean bho ghrunn earrannan gnìomhachais leithid proifeiseantaich foghlaim, eòlaichean ealain, spòrs, ciùil is tràth-bhliadhnaichean, agus foillsichearan is luchd-dràma an làthair.

A bharrachd air fiosrachadh a thoirt seachad ann an dòigh neo-fhoirmeil, thathar an dùil gum bi an tachartas spòrsail dhaibhsan a bhios an làthair. Gheibh iad cothrom com-pàirt a ghabhail ann an raon chleasan, a’ gabhail a-steach bùithtean-obrach ciùil is dràma air an stiùireadh le ban-chleasaiche bho ‘Bannan’ – an dràma Gàidhlig a tha an-dràsta air a chraoladh air BBC ALBA. Bidh bùth-obrach fiolm ann cuideachd air a stiùireadh le FILM G a tha air duaisean a chosnadh san raon, agus bidh cleasan eadar-obrachail ann cuideachd air a’ bhlàr a-muigh.

Bidh an Dr Alasdair Allan BPA, Ministear airson Ionnsachaidh, Saidheans agus Cànain na h-Alba ann airson cùisean fhosgladh agus bruidhinn ri sgoilearan agus luchd-taisbeanaidh.

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig a’ Chomhairle: “’S e seo an dàrna Tachartas SIUTHAD! airson Dreuchdan Gàidhlig a tha air a bhith againn ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd. Tha e cudromach gun lean sinn air adhart a’ toirt taic do luchd-labhairt òga Gàidhlig às a’ Ghàidhealtachd len roghainnean dreuchdail bho aois òg. Tha tachartasan leithid seo a’ sealltainn cho farsaing ’s a tha na dreuchdan a dh’fhaodas iad a leantainn ma thogras iad.”

“Tha a bhith a’ toirt taic do dhaoine òga às a’ Ghàidhealtachd len roghainnean dreuchdail bho aois òg na phàirt cudromach de bhith a’ comharrachadh na slighe a tha iad airson a leantainn. Bheir an tachartas seo seachad cothrom air leth do dhaoine òga gus faicinn dè na cothroman a th’ ann nuair a dh’fhàgas iad an sgoil agus gus an cuideachadh a’ co-dhùnadh co-dhiù a tha dreuchd ann an eaconamaidh na Gàidhlig tarraingeach dhaibh.”

Thuirt an Comhairliche Alasdair Christie, Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim, na Cloinne agus nan Inbheach: “Tha teisteanas sa Ghàidhlig a’ fosgladh dhorsan gu raon farsaing chùrsaichean is chothroman obrach, gu h-ionadail, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta agus mar sin tha e cudromach gu bheil daoine òga air am misneachadh agus gu bheil iad a’ faighinn na h-uimhir de dh’fhiosrachadh ’s a ghabhas mu na roghainnean a th’ ann dhaibh. Tha an tachartas glè eadar-obrachail agus bidh iomadh buidheann a bhios a’ fastadh phroifeiseantaich a bhruidhneas a’ Ghàidhlig an làthair. Tha mi cinnteach gum bi e soirbheachail dha-rìribh agus gum brosnaich e iomadh neach òg a bhios an làthair air an latha.”

Thuirt an Comhairliche Tòmas Prag, Cathraiche Comataidh an Dealbhaidh, an Leasachaidh is a’ Bhun-structair: “Às dèidh soirbheas mòr eaconamach is cultarach a’ Mhòid a chaidh a chumail ann an Inbhir Nis o chionn beagan sheachdainean, tha e soilleir gu bheil slighean dreuchdail ann do dhaoine òga, gu h-àraid taobh a-staigh foghlam Gàidhlig agus raointean nan gnìomhachasan cruthachail. Tha SIUTHAD! ag amas air luchd-labhairt òga na Gàidhlig a bhrosnachadh agus fiosrachadh a thoirt dhaibh mu na roghainnean a tha ri fhaotainn taobh a-staigh eaconamaidh na Gàidhlig agus dh’fhaodte gun tèid iad air adhart gus cosnadh a shireadh an seo sa Ghàidhealtachd.”

Am measg nam buidhnean a bhios an làthair aig an tachartas bidh Pàrlamaid na h-Alba, Alba Aosmhor, NHS na Gàidhealtachd, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Poilis na h-Alba, CLI Gàidhlig agus raon luchd-taisbeanaidh eile.

Is iad na sgoiltean a tha a’ gabhail com-pàirt: Acadamaidh Alanais; Acadamaidh Bhaile Theàrlaich; Acadamaidh Chùil Lodair; Acadamaidh Inbhir Pheofharain; Àrd-Sgoil Gheàrrloch; Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis; Àrd-Sgoil Loch Abar; Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn; Àrd-Sgoil a’ Phluic; Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich; Àrd-Sgoil Cheann a’ Ghiùthsaich; Àrd-Sgoil Ullapuil

Crìochnachadh