Sgioba deasbaid às a’ Ghàidhealtachd a’ buannachadh
Tha sgioba às Acadamaidh Inbhir Pheofharain moiteil dha-rìribh is iad air farpais dheireannach Deasbad Gàidhlig Nàiseanta Sgoiltean BT a bhuannachadh.
Chaidh an fharpais gheur eadar Inbhir Pheofharain agus sgioba bho Àrd-Sgoil MhicNeacail à Leòdhas a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain agus chaidh a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal agus air an eadar-lìon.
B’ e an cuspair deasbaid – “A thaobh eòlas sna meadhanan, chan eil mòran aig na Gàidheil ri ionnsachadh bho dhuine sam bith.” A’ deasbad airson a’ ghluasaid seo bha Màiri NicIllinnein agus Calum MacNeacail às Àrd-Sgoil MhicNeacail agus a’ deasbad an aghaidh a’ ghluasaid bha Ella Scarr agus Megan Dale às Acadamaidh Inbhir Pheofharain.
Bha an deasbad beothail, inntinneach, air a dheagh rannsachadh is air a dheagh thaisbeanadh leis an dà thaobh, agus cha b’ e rud furasta a bh’ ann dha na britheamhan co-dhùnadh a dhèanamh air cò an sgioba a bhiodh a’ dol dhachaigh leis a’ chupa chliùiteach. Ach, an dèidh dhaibh ùine mhath a chur seachad a’ breithneachadh, thill na britheamhan leis an naidheachd gur iad Acadamaidh Inbhir Pheofharain a bhiodh a’ buannachadh am-bliadhna.
Bha duais ann cuideachd airson an Neach-labhairt as Fheàrr agus am-bliadhna b’ i Megan Dale a choisinn an duais. Thug Iona NicRisnidh, a bha air an Deasbad a bhuannachadh roimhe, seachad an duais do Mhegan. Tha Iona a-nis na h-Àrd-Riochdaire le BBC Gàidhlig.
Às dèidh tilleadh dhan sgoil leis na duaisean aice, thuirt Megan: “Bha e sgoinneil a bhith dol dhachaigh mar bhuadhaichean air Deasbad BT Alba. Bha e math dha-rìribh a bhith na lùib agus tha e doirbh a chreidsinn gun do bhuannaich sinn. Chòrd e rinn glan agus tha sinn air sgilean ionnsachadh a bhios feumail dhuinn san àm ri teachd.”
Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil sgoilearan às Acadamaidh Inbhir Pheofharain air duais nàiseanta cho cliùiteach a bhuannachadh. ’S e sgil-beatha air leth a th’ ann an comas deasbaid agus faodar seo a chur gu feum ann an iomadh dreuchd.”
Thuirt e: “Tha an òigridh uile a ghabh com-pàirt ann an Deasbad BT Alba nan adhbharan misneachd agus tha foghlam Gàidhlig bunaiteach ann a bhith a’ togail sgilean deasbaid fìor mhath. Bu toil leam an cothrom seo a ghabhail gus taing a thoirt do na tidsearan uile airson an cuid obrach agus airson am misneachd gus dèanamh cinnteach gu bheil na daoine òga a’ togail na sgilean cànain is deasbaid seo a tha iad a’ taisbeanadh air àrd-ùrlar nàiseanta.”
Thuirt Brendan Dick, Stiùiriche BT Alba: “Cha robh e riamh cho cudromach ìre deasbaid nàiseanta a thogail agus daoine òga a bhrosnachadh gus com-pàirt a ghabhail ann an deasbaireachd leithid seo. Tha e na adhbhar misneachd a bhith a’ faicinn nan daoine òga seo a tha air an sgilean a ghleusadh san Deasbad, a’ dol air adhart gu bhith nan luchd-stiùiridh misneachail sa chomann-shòisealta againn. Tha grunn dhiubh air a dhol an lùib dhreuchdan far a bheil comas argamaid làidir a thaisbeanadh na bhuannachd mòr. Tha e a’ sealltainn nach e a-mhàin gu bheil e math bruidhinn, tha e cuideachd a’ toirt spionnadh do mhisneachd dhaoine agus a’ cuideachadh gus ar n-òigridh a dhèanamh deiseil airson an ama ri teachd.”