MÒD 2014 A’ CRUTHACHADH CÒRR AIR £3.5 MILLEAN

Tha rannsachadh air sealltainn gun chuir Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014 £3,547,661 a-steach don chomhearsnachd ghnìomhachais ann an Inbhirnis – còrr air £1millean nas àirde na targaid an tachartais.

  Tha rannsachadh air sealltainn gun chuir Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014 £3,547,661 a-steach don chomhearsnachd ghnìomhachais ann an Inbhirnis – còrr air £1millean nas àirde na targaid an tachartais. 

Tha an aithisg, air a lìbhrigeadh le ‘The Market Specialists’ a’ sealltainn gun tharraing an fhèis naoi-latha, a chaidh air adhart eadar 10-18 Dàmhair 2014 ann an Inbhirnis, còrr air 9000 neach-tadhail sònraichte, agus gun tàinig 78% dhiubh bho thaobh a-muigh a’ bhaile-mhòir a thug aoigheachd dhith.  Bha 67% ann an Inbhirnis a dh’ aon ghnothach airson Am Mòd a fhrithealadh, agus bha 25% a’ còmhnaidh ann am Prìomh-bhaile na Gàidhealtachd.   

Is e An Comunn Gàidhealach a bhios a’ cur an tachartas air adhart, agus is i an fhèis as cudromaiche don Ghàidhlig ann an Alba.  Tha na h-àireamhan a’ dearbhadh cho cudromach sa tha Am Mòd, chan ann a-mhàin ann am mìosachan cultarail na h-Alba ach don eaconomaidh aice cuideachd, oir thuirt 74% den luchd-frithealaidh nach biodh iad air turas a thoirt don àite tron t-seachdain sin, mura biodh gun robh an fhèis ann.  

Tha Am Mòd a’ faighinn aoigheachd ann am baile no baile-mòr eadar-dhealaichte gach bliadhna agus tha seo chan ann dìreach gus a bhith a’ toirt daoine an sàs ann an dualchas na Gàidhlig, ach cuideachd gus spionnadh a thoir don eaconomaidh ionadail. Tha na co-dhùnaidhean bhon fhèis ann an 2014 a’ sealltainn gu robh teachd a-steach mòr ann bho thasgadh Chomhairle na Gàidhealtachd san tachartas, le £19 ga chosg anns an sgìre riaghlaidh aca fa chomhair gach £1 a chuir iad a-steach, agus gun dh’ èirich seo gu £25 aig ìre ionadail fa chomhair gach £1 a chuir iad a-steach.   

Bha am fèisteas 2014 na phrìomh thachartas am measg na bha a’ comharrachadh Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd agus chomharraich seo an tachartas a’ tilleadh a dh’ Inbhirnis mar sgìre aoigheachd às deidh 17 bliadhna; agus bha a’ bhuaidh aige gun samhail.  Fhuair taighean-òsta, taighean-bìdh agus bùithtean a’ bhaile-mhòir buannachd às leis gu robh 60% de luchd-frithealaidh a’ fuireach ann an taigh-òsta, taigh-aoigheachd, àite-fuirich air mhàl no òsdail, agus an ùine fuirich cuibheasach do luchd-aoigheachd fad-oidhche aig ìre 4.2 latha.  Bh’ innis 62% de luchd-frithealaidh na fèis gun robh iad anns na bùithtean co-dhiù aon uair (25% ag ràdh “a’ mhòr-chuid de làithean”) agus 59% a’ tadhal air taighean-seinnse co-dhiù aon uair (24% ag ràdh “a’ mhòr-chuid de làithean”) agus bha 86% ag ithe a-muigh co-dhiù aon uair (55% ag ràdh “a’ mhòr-chuid de làithean”).  

Chaidh 200 farpais air adhart aig àm a’ Mhòid, agus chuir faisg air 100 tachartas air an Iomall ris a’ bheothalachd a bha ann an Inbhirnis.  Chaidh bùthan-obrach, leughaidhean-leabhair, seiseanan thig is feuch, cuirmean is cèilidhean air adhart aig gach àm de latha is oidhche air feadh Prìomh-bhaile na Gàidhealtachd.  Thàinig luchd-tadhail bho air feadh na h-Alba, na RA, Canada agus eadhon na United Arab Emirates. 

Mar thoradh air an fhaireachdainn, thuirt 61% gu robh “beothalachd” na fèise “gu mòr nas àirde” no “nas àirde” na bha dùil aca agus thuirt 59% gu robh Inbhirnis mar bhaile-mòr a’ cheart cho drùiteach, agus an aon cheudad a’ nochdadh gun tigeadh iad air ais chun bhaile-mhòir san àm ri teachd airson saor-làithean/ùine ghoirid,  Thuirt 16% eile gur dòcha gun dèanadh iad sin.   

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich:  Tha sinn uamhasach toilichte leis an aithisg seo, gu sònraichte leis gun nochd i gu robh 37% de luchd-frithealaidh ag ionnsachadh no ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh agus tha sinn airson an àireamh sin fhaicinn a’ fàs.  

“Tha seo a’ dearbhadh luach an tachartais agus an toradh a dh’ fhaodadh a bhith aige do bhailtean-mòra aoigheachd, luchd-maoineachaidh is buidhnean-taic malairteach eile - tha sinn a’ cur luach mhòr nan cuid taic agus feum againn gu lean e. Dh’ fhaodadh gum biodh an toradh seo air a bhith na b’ àirde buileach nam biodh sinn air maoineachadh a bharrachd fhaighinn agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faighinn thairis air na cnapan-stara a tha ga dhèanamh duilich dhuinn taic ionmhais fhaighinn don Mhòd bho, gu sònraichte, Alba Chruthachail, oir chan eil e air a bhith comasach dhuinn a-riamh an cuid taic fhaighinn.  

“Feumaidh mi an cothrom seo a ghabhail gus taing a thoirt do Chomhairle na Gàidhealtachd, còmhla ri ar buidhnean-taic dìleas, ar comataidh ionadail ann an Inbhirnis agus a h-uile neach-obrach saor-thoileach a bha a’ strì gus dèanamh cinnteach gum biodh 2014 cho sònraichte math, ach taing cuideachd don h-uile duine a thàinig gu bhith nan farpaisich agus gus na tachartasan againn a fhrithealadh - a-nis air adhart chun Òban ann an 2015, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri ur faicinn an sin”.   

Thuirt Martin Dorchester, Manaidsear Riaghlaidh CalMac, prìomh bhuidheann taic malairteach a’ Mhòid: “Tha sinn a-riamh air a bhith mothachail gu bheil Am Mòd a’ toirt buaidh mhòr eaconamach air na sgìrean anns a tèid a chumail cho math ri bhith na thaisbeanadh luachmhor airson cànan is cultar na  Gàidhlig. Bu chòir meal an naidheachd a chuir air a h-uile duine a bha an sàs ann am Mòd Inbhirnis airson an cuid saothair agus tha mi cinnteach gum bi iad air an dòigh nuair a gheibh iad a-mach gun chuir an obair mhòr aca uidhir a-steach don eaconomaidh ionadail." 

Bidh Mòd 2015 a’ dol air adhart eadar 9 – 17 Dàmhair anns an Òban agus tha e a-nis san 123 bliadhna aige.

Thuirt Pròbhaist Inbhirnis, an Comhairliche Ailig Greumach: “Bha e na thoileachas mòr dhuinn aoigheachd a thoirt do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2014 ann an Inbhirnis.  Tha soirbheachas mòr an tachartais ìre cruinneil seo a’ dearbhadh gu soilleir buannachdan eaconomach na Gàidhlig a bharrachd air a bhith a’ cur cuideam air a’ bhuaidh chultarail is dhualchais a tha cho cudromach don Ghàidhealtachd.  Is e fìor àite math a th’ ann an Inbhirnis airson tachartasan is fèisean nàiseanta leis gu bheil e cho bàidheil, cho goireasach a thaobh siubhal, cho làn de dh’ àiteachan fuirich agus cho aoigheil agus an raon sùbailte a th’ ann de dh’àiteachan goireasach.  Tha an aithisg seo a’ daingneachadh comais Prìomh-bhaile na Gàidhealtachd airson a bhith a’ toirt aoigheachd do thachartasan nàiseanta is eadar-nàiseanta agus bidh sinn ag obair gus tuilleadh a bharrachd a thàladh don Ghàidhealtachd.  

“Tha sinn air-leth toilichte gun do chuir taic a’ phobaill agus taic na Comhairle uidhir de theachd a-steach sònraichte don bhaile-mhòir.  Tha seo air a bhith na bhuannachd dha solaraichean àite-fuirich, taighean-bìdh is bùithtean agus thàinig àrdachadh cuideachd anns an àireamh de dhaoine a bha a’ tadhal air diofar àiteachan aig àm sa bhliadhna far nach bidh uidhir de dhaoine an làthair.  Tha e cuideachd iomchaidh a chomharrachadh gun chruthaich am Mòd fìor fharsaingeachd de chraoladh adhartach ‘sna meadhanan gu nàiseanta don bhaile-mhòir agus don sgìre mun cuairt. 

Lean e air “Às deidh aoigheachd a thoirt don Mhòd san Dàmhair agus do Dhuaisean Thraidiseanta na h-Alba san Dùbhlachd, tha sinn a-nis a’ coimhead ar adhart ri bhith a’ toirt aoigheachd do dh’ Fhèis nam Meadhanan Ceilteach sa Ghiblean!"  

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh: “Tha sinn toilichte gu bheil ar cuid tasgaidh anns a’ Chomunn Ghàidhealaich na bhuannachd chan ann a-mhàin don Ghàidhlig, ach cuideachd a’ cruthachadh fìor bhuannachdan eaconomach ge bith càite am bi am Mòd a’ dol.  Tha seo na thuilleadh dearbhadh air buannachdan deimhinnte sòisealta is eaconomach na Gàidhlig mar a dhearbh an sgrùdadh a cho-mhaoin sinn le IGE, a’ nochdadh gum faodadh luach de dh’ àireamh eadar £81.6m is £148.5m gach bliadhna a bhith innte do dh’ eaconomaidh na h-Alba.”     

Thuirt Mìcheal Cantlay, Cathraiche VisitScotland: “Is e Am Mòd Nàiseanta Riòghail aon de na prìomh thachartasan a tha sa phasgan bliadhnail againn de thachartasan cultarail, agus tha an rannsachadh seo a’ dearbhadh cho cudromach sa tha e do dh’ eaconomaidh luchd-turais. Tha an tachartas a’ tàladh àireamhan mòra de luchd-turais gach bliadhna, a tha an uairsin a’ cur airgead a-steach do ghnìomhachasan ionadail agus do choimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Tha dàimh fad-ùine againn leis a’ Mhòd tron sgioba stiùiridh thachartasan againn EventScotland, agus ann an 2014 bha an tachartasn cuideachd mar phàirt de phrògram mòr-thaitneach Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd, le ceudad àrd de luchd-turais bho thaobh a-muigh a’ bhaile-mhòir agus bha e gu sònraichte misneachail gun deach ùidh a bharrachd a nochdadh às a dheidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.”  

A’ toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2014 bha Comhairle na Gàidhealtachd, IGE, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland, Banca Rìoghail na h-Alba, ÙTA, BBC ALBA, Riaghaltas na h-Alba agus Am Post Rìoghail.