Seachdain nan Deugairean – Bogadh sa Ghàidhlig do Dhaoine Òga
Chuir Comhairle na Gàidhealtachd, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig agus le taic airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, tachartas Còmhnaidheach Bliadhnail Gàidhlig air dòigh do dhaoine òga. Chaidh an tachartas a chumail tràth sa Mhàrt 2015, aig a’ cholaiste Ghàidhlig ann an Slèite.
Ghabh 28 neach òg bho Àrd-Sgoiltean Phort Rìgh agus Mhalaig com-pàirt san tachartas, a chaidh a chumail thairis air 4 làithean, agus anns an robh an dà chuid luchd-labhairt fileanta is luchd-ionnsachaidh a’ gabhail com-pàirt.
Bha cothrom aig na daoine òga com-pàirt a ghabhail ann an diofar bhùithtean-obrach, nam measg dràma, sgilean airson nam meadhanan, agus cleasan foghlaim air a’ bhlàr a-muigh. Chaidh na cleasan a dhealbh a rèir comasan cànain nan daoine òga.
Thuirt Iain T. MacLeòid, Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig: “Tha an tachartas seo na dheagh eisimpleir den chom-pàirteachadh shoirbheachail eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig, daingnichte tro Mheòrachan Tuigse. Tha e fìor chudromach gu bheil òigridh a’ faighinn deagh chothrom an comasan cànain a leasachadh tro thachartas cruthachail agus spòrsail, uile ann an suidheachadh bogaidh.”
Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig: “’S e tachartas cudromach a th’ ann an Seachdain nan Deugairean do dhaoine òga seach gu bheil e a’ toirt cothrom an dà chuid do luchd-ionnsachaidh agus do dh’fhileantaich na sgilean cànain aca a leasachadh is a chleachdadh taobh a-muigh suidheachadh foirmeil an fhoghlaim. Cuideachd, tha cothrom aca com-pàirt a ghabhail ann an cleasan cruthachail is spòrsail, a’ togail sgilean ùra fhad ’s a tha iad cuideachd a’ coinneachadh ri co-aoisean bho sgìrean eile den Ghàidhealtachd.”
Lean e air adhart, “’S e Seachdain nan Deugairean aon de na prìomh ghnìomhan comasachaidh ann am Plana Gàidhlig na Comhairle, agus tha mi fìor thoilichte gu bheil Sabhal Mòr Ostaig agus a’ Chomhairle air com-pàirteachas math a chruthachadh agus tachartas bliadhnail air leth soirbheachail air tighinn às.”