Deireadh-seachdain Trèanaidh airson Oidean Gàidhlig

Chuir Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd Tachartas Trèanaidh airson Oidean Gàidhlig air dòigh ann an Cùirt Eden air an deireadh-sheachdain a chaidh seachad. Bha an tachartas a’ toirt trèanadh ùr do dheich Oidean Gàidhlig airson Ionnsachadh Inbheach an dà chuid à sgìre an Eilein Sgitheanaich agus sgìre Inbhir Nis.

Bha an Deireadh-seachdain Trèanaidh a’ gabhail a-steach sreath bhùithtean-obrach mu bhith a’ lìbhrigeadh Chlasaichean Ionnsachadh Inbheach Stèidhichte sa Choimhearsnachd, Sgilean Obair-buidhne, Dràma airson Ionnsachadh Inbheach Gàidhlig agus Modhan Measaidh. Chaidh an cùrsa a ruith le taic airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Thug an tachartas trèanaidh seachad cothrom air leth do dh’oidean gus na sgilean teagaisg aca a neartachadh is a leasachadh.” Lean e air adhart, “Seach gu bheil barrachd iarrtais ann airson chlasaichean Ionnsachadh Inbheach stèidhichte sa choimhearsnachd, tha e riatanach gun tarraing a’ Chomhairle a-steach Oidean ùra airson Ionnsachadh Inbheach airson taic a thoirt dhuinn gus clasaichean Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an coimhearsnachdan ionadail air feadh na Gàidhealtachd.”

Thuirt Eilidh NicIlleathain a tha a’ tòiseachadh ag oideachadh airson a’ chiad uair: “Tha an Trèanadh Oidean air tuigse is eòlas luachmhor a thoirt dhomh a thaobh a bhith ag oideachadh Luchd-ionnsachaidh Inbheach sa Ghàidhlig. Fhuair sinn cuideachd comhairle speisealta mu bhith a’ lìbhrigeadh ionnsachadh cànain ann an dòigh phractaigeach agus mu mhodhan measaidh, agus mu dheireadh, chruthaich e cothroman gus lìonraidhean a thogail an dà chuid do dh’oidean eòlach agus do dh’oidean a tha a’ tighinn a-steach as ùr.” 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho:

Shona.Paterson@highland.gov.uk no Margaret.Mulholland@highland.gov.uk