Sgoilearan Gàidhlig a’ coinneachadh a-rithist

Tha deich bliadhna fichead bho thòisich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Comhairle na Gàidhealtachd agus a-nis tha cuid de na ciad sgoilearan a bha riamh na lùib a’ tilleadh gu na buidhnean Pàrant is Pàiste Gàidhlig leis a’ chloinn aca fhèin.

Ann an 1985, bha Kirsteen Keir agus Melissa NicDhòmhnaill am measg nan ciad sgoilearan a chaidh tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-Sgoil a’ Mheadhain, ann an Inbhir Nis.

Choinnich iad a-rithist o chionn ghoirid nuair a thòisich an dithis aca a’ frithealadh Cluich, Buidheann Gàidhlig Pàrant is Pàiste, a tha a’ coinneachadh ann an Ionad-Coimhearsnachd Sheumais Chamshroin gach madainn Diardaoin aig 10m.

Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh gus tlachd fhaighinn à geamaichean, òrain agus rannan agus tha fàilte air pàrantan is pàistean air fad.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho cluichgaelictoddlers@gmail.com

Read this in English