Ag ionnsachadh na Gàidhlig tro chuairt air a’ chladach
.
Tha nàdar agus an cruth-tìre a’ brosnachadh spiorad bàrdachd annainn uile. Tha iomadh ainm-àite, feart, beathach is lus air an ainm fhaighinn bho na sgeulachdan is na h-ùr-sgeulan a bhrosnaich iad, agus dh’fhaodte bho na dòighean practaigeach san robhar gan cleachdadh o chionn fhada. Tha seo gu h-àraid fìor mun chladach, ris a bheil dàimh làidir air a bhith aig a’ chinne-daonna o shean. An-diugh, bidh sinn a’ dol chun na tràghad gus picnic a ghabhail no na coin a thoirt a-mach cuairt, ach sna linntean a chaidh seachad bhiodh an cladach a’ cumail biadh ri ar sinnsearan tro gheamhraidhean cruaidhe is iad a’ togail fhaochagan is duileasg airson ithe. Bha an cladach cudromach cuideachd mar acarsaid do dh’eathraichean beaga agus b’ ann bhon chladach a bhiodh ceangal air a chumail suas le nàbaidhean agus mòran a’ falbh ’s a’ tighinn air a’ mhuir.
Tha a’ Ghàidhlig gu mòr a’ ceangal ris an eachdraidh sin, agus faclan airson bheathaichean is feamainn a’ dùsgadh cuimhne air na seann Ghàidheil a thug ainm orra an toiseach. Tro na faclan aca, gheibh sinn sealladh air na cladaichean aca agus nì sinn ceangal leis a’ chànan a-rithist. ’S ann air an adhbhar seo a tha Pròiseact Cladaich na Gàidhealtachd air maoineachadh a thoirt seachad gus goireas cànain Gàidhlig, a tha a’ comharrachadh na Gàidhlig agus an cladach, a chruthachadh. Ach chan e dìreach leabhran, bileag no postair tioram eile a tha seo. ’S e seo an dòigh as spòrsail a chunnaic sibh riamh gus beagan Gàidhlig ionnsachadh agus tha e ann an riochd cairte.
’S e Calum Ullman-Mac a’ Ghobhainn, aois 12, an Sgrùdaire Cladaich as òige a tha an lùib Pròiseact Cladaich na Gàidhealtachd, a mhol geama cairt nuair a bhathar a’ beachdachadh air goireasan Gàidhlig airson a’ phròiseict. Thuirt Calum "Bu chòir ionnsachadh a bhith spòrsail. Chan eil reusan an aon stuth dòrainneach a bhith againn a-rithist is a-rithist. Bha cothrom againn an seo dealbhannan sgoinneil a thogail de bheatha a’ chladaich agus an cur còmhla ris na sgeulachdan Gàidhlig is na h-eadar-theangachaidhean Beurla, agus rudeigin a chruthachadh a bha a’ teagasg mu bheatha air a’ chladach, Gàidhlig agus eachdraidh, agus a chòrdadh ris gach neach bho 8 gu 80 ge brith dè an cànan màthaireil a th’ aca.” Mar sin, chaidh geama chairtean ‘Teaghlaichean a’ Chladaich’ a chruthachadh. Tha e stèidhichte air a’ gheama chairtean thraidiseanta ‘Teaghlaichean Sona’, ach an àite an teaghlach Baker, tha Mamailean agus Èisg is eile ann. Tha dealbh dhreachmhor is dhathte de bheathach no feamainn air gach cairt agus tha sinn taingeil airson tàlantan dealbhadair-camara an Dr James Merryweather (ùghdar ‘User Friendly Seashore Guide’) agus Charlie Philips (Dealbhadair-camara Nàdair na h-Alba 2012). ’S e an t-ùghdar is an craoladair Gàidhlig Ruairidh MacIlleathain a rannsaich is a sgrìobh na cairtean. Chleachd e ainmean traidiseanta Gàidhlig airson nam beathaichean is nan seòrsaichean feamad a tha air an sealltainn, agus tha pìos air gach cairt mun dòigh san d’ fhuair gach beathach is feamainn ainm, ann an stoidhle sgeulachdan ainmeil Rudyard Kipling, air cùl gach cairt anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla. Rinn Strath Print san Eilean Sgitheanach an dealbhadh is an clò-bhualadh agus tha an dreachd shònraichte seo den gheama chairtean a-nis deiseil airson a sgaoileadh.
Tha Chris O’Mally às Inbhir Nis a’ rabhadh gum bi daoine air am beò-ghlacadh leis a’ gheama is e ag innse: “An toiseach bha mi dìreach airson barrachd fhaighinn a-mach mun gheama is mun Ghàidhlig, ach ann an ùine ghoirid bha mi coma ach ro-innleachd a lorg airson buannachadh! Bha mi airson cumail orm a’ cluiche.” Thuirt an neach-ealain Emma Bennett-West à Loch Aillse: "Bha e cho inntinneach dhomh a bhith leughadh mun eachdraidh air cùl nan ainmean. Cha b’ fhada gus an robh a’ chlann a’ cluiche nan cairtean sa Ghàidhlig agus bha agam ri feuchainn ri cumail suas riutha. Tha mi airson pacaidean fhaighinn airson an teaghlaich is airson mo charaidean air fad.”
Thèid pacaidean de Gheama Chairtean Teaghlaichean a’ Chladaich a-mach an-asgaidh gu gach sgoil sa Ghàidhealtachd. Gheibhear na pacaidean, le iarrtas, an-asgaidh tro làrach-lìn Pròiseact Cladaich na Gàidhealtachd air.
Tha Com-pàirteachas Bith-iomadachd na Gàidhealtachd a’ stiùireadh Pròiseact Cladaich na Gàidhealtachd a chuir an geama chairtean air dòigh. Tha Comhairle na Gàidhealtachd, Maoin Dualchais a’ Chrannchuir, Maoin Uachdranas Mara Oighreachd a’ Chrùin agus Dualchas Nàdair na h-Alba a’ maoineachadh a’ phròiseict. Chaidh am pròiseact trì-bliadhna a chur air bhog aig toiseach 2013 agus tha e air a bhith ag obair le coimhearsnachdan cladaich air feadh na Gàidhealtachd. Gu ruige seo, tha am pròiseact air a bhith fìor thrang thar dà bhliadhna gu leth, a’ solarachadh stòrasan a’ buntainn ris a’ chladach, cuirmean-rathaid, fèisean is bùithtean-obrach agus a’ comharrachadh dualchas is nàdar nan cladaichean.
Chaidh Fèis a’ Chladaich a chumail ann an Caol Loch Aillse air an 16 Cèitean le còrr is 250 an làthair, agus tro thachartasan co-cheangailte air feadh Loch Aillse, bha còrr is 379
neach an lùib nan tachartasan a bha a’ gabhail a-steach biadh-mara seasmhach, cuairtean cladaich, aithneachadh feamainn, ceòl, aithris sgeulachdan, ealain agus fada a bharrachd. Le 42 tachartas Cladaich thar an dà bhliadhna mu dheireadh agus 86 Sgrùdaire Cladaich gu gnìomhach a’ sgrùdadh fiadh-bheatha air na cladaichean ionadail aca, tha gu leòr ri dhol fhathast sa bhliadhna mu dheireadh den phròiseact:
Làithean Tràghad le Seirbheis Maoir-dùthcha na Gàidhealtachd
10 Ògmhios – Feasgar air Tràigh Sgobhairigh, 2.30f
11 Iuchar – Tachartasan airson Latha mu Chidhe Ullapuil
17 Iuchar – Cuirm-rathaid Machair Inbhir Narann, fad an latha
31 Iuchar, Linne Fharair
29 Lùnastal, Latha a’ Chladaich, le Fèis nan Eileanan Samhraidh
21 gu 25 Sultain, Fèis Cladaich Inbhir Ùige
Ma tha thu air brosnachadh fhaighinn bho rudan a’ buntainn ris a’ Chladach, thoir sùil air an duilleig Facebook againn aig Highland Seashore Biodiversity Project Facebook airson farpais nan dealbhannan-camara. Thèid an neach-buannachaidh a thaghadh tron àireamh ‘likes’ a gheibh an dealbh aca. Gheibh an neach-buannachaidh camara Veho Muvio.