Blas 2015 air iteig le subhachas is clachan-mhìle

Thèid fèis Blas 2015, an 11mh fèis, a chomharrachadh le grunn thachartasan iomraiteach agus eachdraidheil fad ochd latha air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal bho 4 gu 12 Sultain.

Tha an fhèis, a chaidh a chur air iteig an-diugh an Inbhir Nis, anns an dàrna deichead san t-sreath, le cliù mar tè de na prìomh fhèisean ciùil an Alba. Agus cuid de na luchd-ciùil as ainmeil agus as fheàrr a tha rim faighinn a’ nochdadh air clàr na fèise.  

Chaidh an fhèis a thòiseachadh bho thùs le Comhairle na Gàidhealtachd a bha a’ leantainn stoidhle bheothail agus gnìomh na Fèise Celtic Colours ann an Ceap Breatann, agus a tha air a bhith gu math taiceil do Bhlas bhon uairsin.  Tha an fhèis Ghàidhealach a-nis le dreach eadar-nàiseanta a lìbhrigeadh agus a’ foillseachadh cultar na Gàidhealtachd agus tha Riaghaltas na h-Alba iad fhèin air fàilte a chur air mar a tha cùisean a’ soirbheachadh.  

A’ bruidhinn agus prògram na fèise ga fhoillseachadh ann an Inbhir Nis, thuirt stiùiriche na fèise Donna NicRath:  “Tha grunn clachan-mhìle gu math sònraichte againn am-bliadhna a tha sinn a’ comharrachadh le luchd-compàirt agus tro thachartasan fa-leth.  Agus tha “blas” na fèise gu bhith togail air na thathas a’ cur a-mach de dheagh bhiadh is deoch an Alba.  Tha Blas 2015 air a chur air adhart leis a’ bhuidhinn Fèisean nan Gàidheal, agus tha a’ bhliadhna seo gu math iomraiteach do dh’aon Fhèis – Fèis Spè – a tha 25 bliadhna a dh’aois am bliadhna. Tha buidheann fhidhleirean Kiltearn, a chaidh a stèidheachadh fo sgèith Fhèis Rois, cuideachd a’ comharrachadh 25 bliadhna; agus aig an aon ìre nan eachdraidh fhèin tha an còmhlan ainmeil Shoogenlifty, a tha a’ cluich anns na h-Ironworks ann an Inbhir Nis air Sultain 5, còmhla ri Hò-ro agus Niteworks.” 

Math is gu bheil sin a thaobh eachdraidh, is beag e an taca ris an 70 bliadhna a tha gan comharrachadh leis a’ bhana-sheinneadair chliùiteach Anna Latharna NicGillÌosa. Bidh grunn charaidean, luchd-eòlais agus seinneadairean a’ cruinneachadh airson luaidh a dhèanamh air na rinneadh leatha na cuid-obrach agus ceòl thar nam bliadhnaichean air dà thaobh a’ Chuain Siar.  

Chan eil cus de chòmhlain ann aig an robh uibhir de bhuaidh air saoghal na Gàidhlig ri Runrig.  Bidh na h-òrain aca, a chaidh a sgrìobhadh le Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach, aig cridhe cuirme shònraichte: “Òran: subhachas le òrain Runrig”, agus bidh sin na Cuirm Chrìochnachaidh air Blas 2015 air an oidhche mu dheireadh. Bidh sin ann an Theatre na h-Ìompaireachd ann an Cùirt an Aodainn an Inbhir Nis Oidhche Shathairne, Sultain 12.  

Tha an fheadhainn a tha a’ gabhail pàirt sa chuirm uile air a bhith a’ gabhail òrain Runrig bhon chaidh a stèidheachadh anns na 1970-an no air a bhith a’ cluich còmhla riutha, nam measg Julie Fowlis còmhla ri Eamonn Doorley & Tony Byrne, Cathy Anne Nic a’ Phì agus Mànran a tha, ann an iomadach dòigh, a’ leantainn na rinneadh le Runrig.  Nan cuideachd air an oidhche mhòr bidh cruinneachadh de luchd-ciùil nam Fèis, a tha le dlùth-cheangal ri Blas.  

Thuirt Calum Dòmhnallach, a tha air a bhith sa chòmhlan bho thùs: “Tha Fèis Bhlas gun teagamh sam bith sàmhlachail ann an eachdraidh adhartais ceòl traidiseanta thar nam bliadhnaichean.  Brosnachail, measgaichte, beothail, eadar-nàiseanta ach gu tur air a bhonntachadh anns an inntinn Ghàidhealach agus Gàidhlig.  Leis sin, tha e na urram air leth dhuinne gu bheileas a’ cleachdadh òrain a’ chòmhlain airson crìoch a thoirt air fèis na bliadhna seo, agus gu seachd àraid a chionn is gu bheil cuid de na h-òrain againn a’ sìneadh air ais dhan traidisean sin – stòras air an do ghabh sinn fhèin cothrom cho mòr.”  

‘S e glè bheag de na clachan-mhìle a bhios an lùib Blas a tha cho drùidhteach ris a’ chuirm “Curaidhean na Camanachd: A’ phìob a’ tighinn dhachaigh” a bhios an Talla Phipps anns a’ Mhanachainn oidhche fosglaidh an fèise, Dihaoine, Sultain 4.  Ceud bliadhna an dèidh Blàr uamhasach Festubert anns a’ Chogadh Mhòr, far an do chaochail na ceudan de shaighdearan Gàidhealach, bidh a’ phìob a bh’ aig fear dhiubh a chaill a bheatha, agus a bha ainmeil na chamanaiche san sgìre, Dòmhnall MacPheadrais, a’ tilleadh dhan Mhanachainn agus ga seinn leis a’ phìobaire ainmeil Dunnchadh MacGilleBhrath à Baile Dhubhthaich.  

Am measg an fheadhainn eile a bhios a’ gabhail an àrd-ùrlair aig fèis na bliadhna seo bidh Dick Gaughan, Macanta, J.P. Cormier à Canada, Co-Chruinneachadh nan Òran Traidiseanta Albannach, Aly Bain agus Phil Cunningham, Buidheann Alan Kelly le Eddi Reader agus John Douglas air aoigheachd.  Bidh grunn de shàr-sheinneadairean Gàidhlig an làthair cuideachd. A bharrachd air Anna Latharna agus Julie Fowlis, bidh Cathy Ann Nic a’ Phì, Kathleen NicAonghais, Màiri NicAonghais, Maighread Stiùbhart agus Ingrid NicEanruig & Ailean MacNeacail agus Eilidh NicChoinnich agus Anna Massie & Mairearad Green uile an làthair. 

Cha bhi an còmhlan Session A9 a’ cluich air a’ Ghàidhealtachd ach an aon turas am-bliadhna, agus tha sin aig Blas 2015 – ann an Inbhir Ùige mu thuath agus an Slèite anns an Eilean Sgitheanach.  Bidh sreath de chèilidhean is dannsaichean ann an grunn àiteachan le sàr-chòmhlain leithid Fergie Dòmhnallach ann an Strathaidh, agus còmhlan Raibeart Nairn anns an Ath Leathann, le chèile oidhche Haoine, Sultain 11.  

Tha Fèis Bhlas air deagh thaic fhaighinn thar nam bliadhnaichean bho chompanaidh Adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIAL), le taigh-bidhe phort-adhair Inbhir Nis ga chleachdadh uair is uair mar ionad-cuirme agus son Ball Blas.  Tha luchd-ciùil cuideachd air a bhith a’ cluich ann iomadach uair air raon-cruinneachaidh a’ phuirt-adhair tro fhèisean.  

Am-bliadhna tha tachartas sònraichte eile gu bhith anns a’ phort-adhair.  Bidh an 4mh Dìnneir de Thalla Urraim Ceòl Traidiseanta na h-Alba, air aoigheachd na buidhne Hands up for Trad, an co-bhanntachd le Blas, air Sultain 11.  Bidh a’ chuirm seo a’ comharrachadh agus a’ fàilteachadh an fheadhainn a tha gam fiathachadh dhan Talla ann an 2015 agus bidh ceòl ga chumail ri na bhios an làthair le Rona Lightfoot agus oileanaich UHI.  

Chuir Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd Hamish Friseal fàilte air a’ phrògram:  “Tha sinn air leth moiteil à Blas a chaidh a chur air dòigh leis a’ Chomhairle bho thùs.   Bho 2005 chaidh a leasachadh agus tha e air fàs nas fheàrr agus nas motha, ach le bhith a’ cumail a dhreach sa chumadh, a tha a’ cur sàr-luchd-ciùil agus seinneadairean eadar-nàiseanta air an àrd-ùrlar còmhla ri òigridh tàlantach na sgìre fhèin.”  

“Tha luchd-leantainn a’ frithealadh na fèise bho air feadh an t-saoghail agus bhon sgìre fhèin.  Tha prògram na bliadhna seo beothail, tarraingeach agus inntinneach.  Tha e a’ sìor thaisbeanadh ceòl Gàidhlig agus traidiseanta aig diofar sgìrean agus àiteachan cho fad is farsaing feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal ri Port Rìgh agus Port Mo Cholmaig, Srath Pheofhair agus Srathaidh, Drochaid Chàrr gu Ceann Loch Chille Chiarain. Tha mi a’ moladh dhan h-uile duine a dhol gu co-dhiù aon tachartas ach am faigh iad a-mach cho sònraichte agus cho tarraingeach sa tha an fhèis seo tro chultar agus ceòl na Gàidhlig.”  

Thuirt an Dr Alasdair Allan, Ministear an Ionnsachaidh, Saidheans agus Cànain na h-Alba ann an Rioaghaltas na h-Alba: “Son còrr is deich bliadhna a-nis, tha Fèis Bhlas air a bhith na slat-tomhais airson a bhith a’ foillseachadh agus a’ taisbeanadh ceòl is cultar na Gàidhealtachd.  Le uibhir aig a bheil tàlantan mar seo eadar luchd-ciùil agus seinneadairean bho Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, ann an goireasan agus àiteachan air feadh na Gàidhealtachd agus an Earra-Ghàidheal, le Gàidhlig aig a’ chridhe, cha leig e leas a bhith na iongnadh gu bheil Blas a’ sìor shoirbheachadh.”  

Gheibhear tiogaidean airson tachartasan Bhlas air loidhne, no tron fòn, no air làrach-lìn na fèise blas-festival.com far a bheil barrachd fiosrachaidh mun phrògram gu lèir.