Iuchair gu dàrna sgoil ùr Ghàidhlig sa Ghàidhealtachd
An-diugh (Dihaoine 3 Iuchar 2015) fhuair Ceannard ùr Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar iuchraichean na sgoile ùir – an dàrna sgoil Ghàidhlig a tha Comhairle na Gàidhealtachd air a thogail airson an adhbhair sin fhèin sa Ghàidhealtachd.
Thug Frank Reid, Manaidsear-stiùiridh Roinneil aig Robertson Construction Northern – cunnradairean an leasachaidh air Rathad Àird Ghobhar sa Chaol – seachad na h-iuchraichean do Iain Iòsaph MacNèill, an Ceannard ùr a bhios a’ tòiseachadh san dreuchd aig toiseach na teirm ùir san Lùnastal.
Thuirt Mgr Reid: “Tha sinn air obrachadh gu dlùth le Comhairle na Gàidhealtachd air grunn phròiseactan sgoile roimhe agus tha sinn fìor thoilichte gun robh sinn an lùib na h-obrach gus sgoil le sàr ghoireasan a lìbhrigeadh. Bheir an sgoil seachad àrainneachd shoilleir, ùr-nodha airson foghlam Gàidhlig a theagasg.”
Tha ceithir seòmraichean-teagaisg agus goireasan sgoil-àraich san sgoil ùir, le comas a leudachadh cuideachd ma bhios sin a dhìth. Tha an sgoil air a togail timcheall air dà chùirt-lios is a’ tabhann raointean teagaisg is ghoireasan, agus tha seòmar coimhearsnachd ri taobh cidsin, seòmar coitcheann ealain is ciùil, agus oifisean airson Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig.
A’ gabhail nan iuchraichean, thuirt Mgr MacNèill: “Tha mi air mo dhòigh glan a bhith a’ faighinn iuchraichean na sgoile ùir anns am bi mi ag obair agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris na sgoilearan, an luchd-obrach, na pàrantan agus coimhearsnachd na sgoile san fharsaingeachd fhad ’s a bhios sinn a’ gluasad air adhart còmhla ann an sgoil choimhearsnachd ùr sgoinneil.”
Thuirt an Comhairliche Drew Mac a’ Mhuilleir, Cathraiche Comataidh Seirbheisean Foghlaim, Chloinne agus Inbheach na Comhairle: “Tha mi ro thoilichte gu bheil an sgoil Ghàidhlig sa Ghearasdan a-nis fo chùram a’ Cheannaird. ’S e àrainneachd ionnsachaidh air leth a bhios an seo airson foghlam dà-chànanach ann an Loch Abar agus tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhan luchd-obrach is dha na sgoilearan a’ dol air adhart agus tha mi a-nis a’ dèanamh fiughair ris an ath sgoil Ghàidhlig, a bhios a’ seasamh leatha fhèin, ann am Port Rìgh ann an ùine nach bi fada.”
Thuirt Ceannard Comataidh Sgìre Loch Abar na Comhairle, an Comhairliche Tòmas MacIllinnein: “’S e ceum mòr air adhart a tha seo airson Foghlam Gàidhlig sa Ghearasdan is ann an Loch Abar agus airson na coimhearsnachd ionadail seach gum bi na goireasan ùra coimhearsnachd nan co-ionad airson muinntir an àite.”
A’ cur fàilte air crìochnachadh na sgoile, thuirt An Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh Gàidhlig na Comhairle: “Chan e a-mhàin gu bheilear a’ comharrachadh gun deach dàrna sgoil Ghàidhlig a thogail airson an adhbhair seo fhèin sa Ghàidhealtachd (a’ chiad ann an Inbhir Nis), ’s e seo cuideachd an ceathramh Sgoil Ghàidhlig sa Ghàidhealtachd agus ’s e euchd air leth math a tha sin a thaobh a bhith a’ leasachadh Foghlam Gàidhlig.”