Fiughair ga Dhèanamh ri Fosgladh Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar
Bidh an sgoil Ghàidhlig ùr aig Comhairle na Gàidhealtachd, Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, ann an Caol a’ Ghearasdain, a’ cur fàilte air sgoilearan air Diciadain 19 Lùnastal.
English version of press release can be found here.
Thug Robertson Northern na h-iuchraichean seachad do Chomhairle na Gàidhealtachd air 3 Iuchar agus tha na sgeadachaidhean is na sgrùdaidhean mu dheireadh a’ dol air adhart, agus an cumadh-fearainn agus na raointean goireis air an crìochnachadh mar-thà.
A’ cur ris a’ ghoireis seo, san t-Sultain/Dàmhair bidh Ionad-Coimhearsnachd a’ Chaoil agus Bun-Sgoil ùr Lunn Dà Bhrà a’ fosgladh.
’S e Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar a’ chiad bhun-sgoil ùr a-mach à ceithir agus goireas coimhearsnachd ùr airson sgìre a’ Ghearasdain, a bheir seachad goireasan foghlaim air leth, agus cothroman sgoinneil airson cleachdadh coimhearsnachd.
Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim, Cùraim is Ionnsachadh agus Seirbheisean nan Inbheach, an Comhairliche Drew Mac a’ Mhuilleir: “Tha sgoilearan, pàrantan agus tidsearan a’ coimhead air adhart gu mòr ri fosgladh na sgoile ùire, a bheir seachad àrainneachd ionnsachaidh air leth. Tha goireasan an dà chuid a-muigh agus a-staigh aig gach sgoil ùr agus bidh cothrom aig buidhnean coimhearsnachd an gabhail air mhàl taobh a-muigh uairean na sgoile, mar sin bidh buannachd ann dhan choimhearsnachd air fad.”
Bidh goireas ùr Ionad-Coimhearsnachd a’ Chaoil a’ gabhail a-steach Leabharlann ùr, Ionad-Òigridh a’ Chaoil, Seòmar 13, agus seòmraichean aoigheachd is tallaichean Ionad-Coimhearsnachd a’ Chaoil a bhios a’ gluasad ann.
Faodar na goireasan a ghleidheadh le bhith a’ cur fios gu Ceannardan nan ionadan fa leth.
Thuirt Ceannard Comataidh Sgìre Loch Abar, an Comhairliche Tòmas MacIllinnein: “Tha e na thlachd a bhith a’ faicinn nan leasachaidhean ùra seo a’ tighinn gu buil. Bheir na sgoiltean ùra agus na goireasan coimhearsnachd a tha aig cridhe na coimhearsnachd togail mòr dhan sgìre. Bidh iad buannachdail dhan a h-uile duine is iad fosgailte is rim faotainn taobh a-muigh uairean sgoile.”
Thuirt Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig agus Comataidh Sàbhailteachd Coimhearsnachd, Com-pàirteachas Poblach agus Co-ionannachdan, an Comhairliche Sheumais Friseal: “Bidh leasachadh cànan is cultar na Gàidhlig air a neartachadh gu mòr san sgìre leis a’ Bhun-Sgoil ùr Ghàidhlig. Tha buannachdan foghlaim dà-chànanach aithnichte agus cuidichidh an seòrsa foghlaim seo gus a’ Ghàidhlig a leasachadh is a chumail suas am measg dhaoine òga.”
Tha obair a’ dol air adhart cuideachd air co-làrach sgoile a’ Chaoil, le ceann-latha fosglaidh de Lùnastal 2016 airson Bun-Sgoil Chaitligeach ùr Cholm Chille agus Bun-Sgoil ùr a’ Chaoil.