Latha Spòrs ann an Inbhir Narann

Bha latha loma-làn spòrs ann an Ionad-Coimhearsnachd Inbhir Narann do chloinn a bhios a’ dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-Sgoil Bruach na Muilne ann an Inbhir Narann.

Chuir Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd an tachartas air dòigh agus bha raon farsaing de gheamannan is de chleasan ann do chloinn aois bun-sgoile.

Am measg nan stiùireadairean-cluiche bha a’ Bh-uas Debbie NicAoidh às Inbhir Nis a tha na cleasaiche TBh Gàidhlig sa phrògram Bannan. Thàinig i a-nuas à Glaschu gus com-pàirt a ghabhail san latha.

Chaidh seisean fiosrachaidh agus cleasachd a chumail aig an aon àm do phàrantan is phàistean a bha airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Bha seisean Book-bug Gàidhlig ann cuideachd le Neach-obrach nan Tràth Bhliadhnaichean aig Bòrd na Gàidhlig, agus bha peantadh-aodainn, ealain is obair-chiùird agus òrain na lùib cuideachd.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Margaret Mulholland aig margaret.mulholland@highland.gov.uk