A’ CHIAD CHUAIRT DE FHARPAIS DEASBAD NÀISEANTA NAN ÀRD-SGOILTEAN AIR FÀIRE

Tha an obair ullachaidh mu choinneamh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2015, a bha roimhe air ainmeachadh Deasbad BT Alba, a-nis air tòiseachadh agus tha a’ chomataidh rianachd air ainmeachadh cò bhios a strì an aghaidh a-chèile sa chiad chuairt den fharpais.

Read this in English

Tha a h-uile coltas ann gur e deagh bhliadhna a bhios ann don Deasbad!   Thèid a’ chiad dà chuairt a chumail ann an Steòrnabhagh air Dimàirt agus Diciadain 3mh agus 4mh Samhain 2015.  Chaidh an fharpais ainmeachadh mar ‘Thachartas na Bliadhna’ aig Duaisean na Gàidhlig an-uiridh agus chìthear farpaisich a’ tighinn bho fhad is farsaing air feadh na dùthcha gus pàirt a ghabhail.  

Bidh fichead sgioba à ochd sgoiltean deug a’ gabhail pàirt ann am farpais 2015.   Thèid na ceithir sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe chun na h- iar-chuairtean deireannach.   Bidh na cuairtean deireannach air an cumail ann an Dùn Èideann air Dimàirt agus Diciadain 24 agus 25 Samhain.  Chaidh an taghadh airson a’ chiad chuairt mar a leanas:  

            Acadamaidh Inbhirpheopharain V Àrdsgoil Sheumais Gillespie B  

            Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis V Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu  

            Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich V Àrdsgoil Àrd nam Murchan  

            Àrdsgoil an Òbain V Àrdsgoil Mhalaig  

            Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig V Sgoil MhicNeacail B  

            Sgoil MhicNeacail A V Sgoil Lionacleit  

            Àrdsgoil Phortrigh V Sgoil Choimhearsnachd Bhàgh a’ Chaisteil  

            Àrdsgoil Sheumais Gillespie A V Sir E Scott  

            Àrdsgoil Gheàrrloch V Acadamaidh Hazlehead 

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Stiùiriche Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig, agus a tha na Chathraiche air Comataidh Rianachd Deasbad BT Alba:  

“Tha seachd bliadhna deug on a ghabh a’ chiad deasbad àite agus tha sinn ga fhaicinn a’ dol bho neart gu neart.  Bu mhath leam gu sònraichte taing a thoirt do na buidhnean a leanas airson maoineachadh a thoirt seachad dhuinn air a’ bhliadhna seo:  Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd Foghlam Alba, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle Baile Ghlaschu, SCILT, Foghlam Alba agus Comhairle Lannraig a Tuath.  An-dèidh soirbheachas do Mhegan Dale agus Ella Scarr bho Acadamaidh Inbhirpheopharain an-uiridh tha sinn a’ coimhead air adhart gu farpais a bhios a-rithist aig sàr àrd ìre.

 Tha taic agus maoineachadh air a thighinn cuideachd bho Chomunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Pròiseact nan Ealan agus MG ALBA.