Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ Tilleadh dhan Òban
Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh dhan Òban an-ath-sheachdain – an
siathamh turas deug a tha e air tadhal air a’ bhaile seo ann an
Earra-Ghàidheal.
Tha an Comunn Gàidhealach, a bhios a’ cur a’ Mhòid air dòigh, misneachail gur e
tachartas soirbheachail a bhios ann às dèidh Mòd fìor shoirbheachail ann an
Inbhir Nis ann an 2014.
Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na
Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi airson an cothrom seo a
ghabhail gus gach beannachd a ghuidhe do ar càirdean ann an Comhairle
Earra-Ghàidheal is Bhòid airson Mòd soirbheachail. Tha mi cuideachd airson gach
soirbheas a ghuidhe do na farpaisich, gu h-àraid an fheadhainn bho sgìre
Chomhairle na Gàidhealtachd! Tha mi mothachail mun obair a tha tidsearan is
pàrantan a’ dèanamh gus na sgoilearan aca ullachadh airson nam farpaisean, agus
cuideachd an taic a tha riochdairean coimhearsnachd agus saor-thoilich a’ toirt
seachad gus airgead a thogail agus còmhdhail is àiteachan-fuirich a chur air
dòigh.
“Is e Am Mòd am prìomh àrd-ùrlar nàiseanta airson Ealain is Cultar na Gàidhlig.
Seach gum bi iomadh buidheann leithid MG ALBA a’ taisbeanadh leasachaidhean ann
an craoladh Gàidhlig, tha seo gu sònraichte iomchaidh seach gun tàinig
co-chomhairleachadh Riaghaltas na RA mun Phàipear Uaine aige, a’ Chairt
Rìoghail mu àm ri teachd a’ BhBC agus cuideachd àm ri teachd Craoladh Gàidhlig,
gu crìch an-diugh.”
Lean an Comhairliche Friseal air adhart, “Tha e deatamach gum bi a’ Chairt
ath-sgrùdaichte a’ gabhail aire do Chraoladh Gàidhlig. Bu chòir do na h-aon
uairean craolaidh a bhith aig BBC ALBA ’s a tha aig S4C sa Chuimrigh agus
stòrasan co-ionann gus dèanamh cinnteach gu bheil seirbheis chuimseach aig
luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a tha tlachdmhor do luchd-èisteachd de gach aois,
agus cha bu chòir seo tachairt le bhith a’ toirt air falbh bho phrògramadh
cànain Beurla BBC Scotland airson luchd-èisteachd ann an Alba.”