Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ Tilleadh dhan Òban



Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh dhan Òban an-ath-sheachdain – an siathamh turas deug a tha e air tadhal air a’ bhaile seo ann an Earra-Ghàidheal.

Tha an Comunn Gàidhealach, a bhios a’ cur a’ Mhòid air dòigh, misneachail gur e tachartas soirbheachail a bhios ann às dèidh Mòd fìor shoirbheachail ann an Inbhir Nis ann an 2014.

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi airson an cothrom seo a ghabhail gus gach beannachd a ghuidhe do ar càirdean ann an Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson Mòd soirbheachail. Tha mi cuideachd airson gach soirbheas a ghuidhe do na farpaisich, gu h-àraid an fheadhainn bho sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd! Tha mi mothachail mun obair a tha tidsearan is pàrantan a’ dèanamh gus na sgoilearan aca ullachadh airson nam farpaisean, agus cuideachd an taic a tha riochdairean coimhearsnachd agus saor-thoilich a’ toirt seachad gus airgead a thogail agus còmhdhail is àiteachan-fuirich a chur air dòigh.

“Is e Am Mòd am prìomh àrd-ùrlar nàiseanta airson Ealain is Cultar na Gàidhlig. Seach gum bi iomadh buidheann leithid MG ALBA a’ taisbeanadh leasachaidhean ann an craoladh Gàidhlig, tha seo gu sònraichte iomchaidh seach gun tàinig co-chomhairleachadh Riaghaltas na RA mun Phàipear Uaine aige, a’ Chairt Rìoghail mu àm ri teachd a’ BhBC agus cuideachd àm ri teachd Craoladh Gàidhlig, gu crìch an-diugh.”

Lean an Comhairliche Friseal air adhart, “Tha e deatamach gum bi a’ Chairt ath-sgrùdaichte a’ gabhail aire do Chraoladh Gàidhlig. Bu chòir do na h-aon uairean craolaidh a bhith aig BBC ALBA ’s a tha aig S4C sa Chuimrigh agus stòrasan co-ionann gus dèanamh cinnteach gu bheil seirbheis chuimseach aig luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a tha tlachdmhor do luchd-èisteachd de gach aois, agus cha bu chòir seo tachairt le bhith a’ toirt air falbh bho phrògramadh cànain Beurla BBC Scotland airson luchd-èisteachd ann an Alba.”