Seiseanan Spòrsail sa Ghàidhlig ann an Leabharlann Inbhir Theòrsa!
Chuir Seirbheis Leabharlainn High Life na Gàidhealtachd ann an Inbhir Theòrsa seisean spòrsail Book-Bug Gàidhlig air dòigh mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba. Bha oifigearan bho Sgioba Ghàidhlig na Comhairle an làthair gus fiosrachadh mionaideach a thoirt do phàrantan mu na buannachdan a tha an lùib dà-chànanais.
B’ iad Carol-Anna NicFhearchair agus Màiri NicNeacail, a tha nan Luchd-obrach Gàidhlig Pàrant is Pàiste airson an Care and Learning Alliance (CALA), a stiùir na seiseanan Book-Bug. Stiùir na seinneadairean Raymond Bremner agus Cairistìona Stone às an sgìre fhèin seiseanan seinn is sgeulachd a bha làn fealla-dhà.
Am measg na bha an làthair agus a ghabh com-pàirt sna seiseanan spòrsail bha a’ bhuidheann phàistean ionadail ‘Rionnagan Beaga’, pàrantan às Inbhir Theòrsa agus an sgìre mun cuairt, clann bho Chròileagan Inbhir Theòrsa, sgoilearan bho Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) agus a’ Bh-uas Lynsey Rothach a tha na tidsear Gàidhlig ann am Bun-Sgoil Mount Pleasant.
Thuirt Dòmhnall MacLachlainn, Cathraiche High Life na Gàidhealtachd, “Tha mi fìor thoilichte a bhith a’ faicinn leasachadh nàdarra de phrògram soirbheachail Book-Bug air a thoirt do Leabharlann agus Gailearaidh Ealain Inbhir Theòrsa tro mheadhan na Gàidhlig agus tha seo na theisteanas air an taic a tha sinn a’ toirt do chànan is chultar na Gàidhlig mar phàirt de Sheachdain nan Leabhraichean.”
Thuirt Debbie MacGruer, pàrant aig a bheil dithis chloinne ann am FMG aig Bun-Sgoil Mount Pleasant agus aon leanabh sa bhuidhinn phàistean Gàidhlig, “Chòrd e glan ris a’ chloinn a bhith a’ gabhail com-pàirt sna seiseanan seinn is sgeulachd Gàidhlig. Tha e na adhbhar misneachd faicinn cho soirbheachail ’s a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre ionadail.”
Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, “Tha e sgoinneil a bhith a’ faicinn na Gàidhlig air a gabhail a-steach ann an tachartas Seachdain nan Leabhraichean, gu h-àraid ann an sgìre Inbhir Theòrsa far a bheil grunn bhuidhnean beothail Gàidhlig agus Roinn tro mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-Sgoil Mount Pleasant.” Lean e air adhart, “Tha mi a’ smaoineachadh gur e fìor dheagh eisimpleir a tha seo de bhuidhnean leithid High Life na Gàidhealtachd, a’ Chomhairle, CALA, agus na buidhnean ionadail a bhith ag obrachadh còmhla gus an toradh as fheàrr fhaighinn do phàrantan is do chloinn aig a bheil dealas do bhith a’ leasachadh Gàidhlig agus cultar ann an Inbhir Theòrsa is an sgìre mun cuairt”.