‘Siuthad!’ – Tachartas Dreuchdan Gàidhlig san Eilean Sgitheanach

photo from event

.

Bha sgoilearan àrd-sgoile Gàidhlig, an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus fileantaich bho Àrd-Sgoil Phort Rìgh, Àrd-Sgoil a’ Phluic, agus Àrd-Sgoil Àird nam Murchan aig tachartas dreuchdan Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, mar phàirt den tachartas bhliadhnail Siuthad!

’S e com-pàirteachas a tha ann an Siuthad! eadar Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean Alba, Sabhal Mòr Ostaig, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean. Chaidh an tachartas a chur air dòigh le Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean Alba agus Sabhal Mòr Ostaig. 

’S e amas an Latha Dhreuchdan daoine òga a bhrosnachadh gus leantainn air adhart le foghlam Gàidhlig agus teisteanasan fhaighinn sna h-ìrean as àirde san àrd-sgoil. Faodaidh seo sgilean a bharrachd a thoirt do dhaoine òga, a bhios feumail dhaibh a thaobh dhreuchdan is chothroman trèanaidh nuair a dh’fhàgas iad an sgoil.

Ghabh 75 sgoilear com-pàirt ann am bùithtean-obrach eadar-obrachail tro mheadhan na Gàidhlig, nam measg Bùth-obrach nam Meadhanan Gàidhlig le Sabhal Mòr Ostaig agus Bùth-obrach Spòrs le High Life na Gàidhealtachd.

Am measg nam buidhnean nàiseanta a bha an làthair bha Foghlam Alba, Pàrlamaid na h-Alba, Comhairle nan Leabhraichean, agus Poileas Alba agus bha raon farsaing riochdairean ann gus innse do na sgoilearan mu dhreuchdan Gàidhlig far a bheil comas sa Ghàidhlig na bhuannachd mhòr.

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig:

Tha ‘Siuthad!’ a’ toirt cothrom do dhaoine òga coinneachadh ri proifeiseantaich a bhios a’ cleachdadh nan sgilean Gàidhlig aca mar phàirt den obair làitheil aca. Chì na daoine òga cho luachmhor ’s a tha e na sgilean cànain aca fhèin a chleachdadh mar phàirt de na roghainneach dreuchdail is an leasachadh aca fhèin san àm ri teachd.” Lean e air adhart, “Tha sinn taingeil airson na taic leantainnich a tha sinn air fhaighinn gus an latha seo a dhèanamh cho soirbheachail.”

Thuirt Mgr Derek MacCoinnich, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig bho Leasachadh Sgilean Alba, “Bha an tachartas a chaidh a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt fòram seachad airson cuid de na dreuchdan a th’ ann do dhaoine le Gàidhlig, leithid teagasg agus craoladh, a chomharrachadh. Tha sinn airson taing a thoirt dhan luchd-taisbeanaidh is dhaibhsan a chùm bùithtean-obrach airson an cuid ùine is eòlais a thoirt dhuinn air an latha.”

Bha sinn geur air tachartas a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig – an aon cholaiste Ghàidhlig ann an Alba. Bha an tachartas a’ taisbeanadh nan dreuchdan far am faod sgilean Gàidhlig buannachd a thoirt seachad a thaobh dreuchd san àm ri teachd. Bha sinn airson sealltainn mar a dh’fhaodas na sgilean seo doras fhosgladh agus cothroman dreuchdail fìor mhath a thoirt seachad.

Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan bho Shabhal Mòr Ostaig, a dh’fhosgail tachartas Siuthad! gu h-oifigeil, “Tha sgoiltean a’ co-obrachadh nas dlùithe gus roghainn chuspairean nas leatha a thabhann do dhaoine òga agus bha sinn fìor thoilichte gun do roghnaich Comhairle na Gàidhealtachd agus Leasachadh Sgilean Alba a’ cho-labhairt dhreuchdan seo a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha na tachartasan seo nan dòigh luachmhor gus fiosrachadh a thoirt do sgoilearan mu na cothroman dreuchdail a tha an lùib na Gàidhlig, aig ìre nan cuid foghlaim sgoile nuair a tha aca ri cuspairean a thaghadh airson teisteanasan nàiseanta sa cheathramh is sa chòigeamh bliadhna san àrd-sgoil. Tha sinn an dòchas gum faca is gun cuala iad gu leòr bho na diofar bhuidhnean a bha air an riochdachadh aig an tachartas gus an cànan a dhèanamh tarraingeach dhaibh agus gus an tàladh gu cùrsaichean tro mheadhan a’ chànain, mar a tha sinn a’ tabhann an seo aig a’ Cholaiste.”

CRÌOCH