“Siuthad!”,
Chaidh Latha Dhreuchdan airson sgoilearan Àrd-sgoile Gàidhlig sa Ghàidhealtachd fhosgladh an-diugh aig Cùirt Eden ann an Inbhir le Julie Fowlis, an seinneadair is an neach-ciùil ainmeil Gàidhlig.
Tha an tachartas bliadhnail, “Siuthad!”, an dà chuid airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus sgoilearan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an ÀS2 air feadh na Gàidhealtachd. Tha Siuthad! a’ taisbeanadh raon farsaing de dh’obraichean is de dhreuchdan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig agus a’ brosnachadh dhaoine òga gus leantainn air adhart leis a’ Ghàidhlig san sgoil gus teisteanasan fhaighinn sna h-ìrean as àirde den Àrd-sgoil. Faodaidh seo sgilean is teisteanasan a bharrachd a thoirt do dhaoine òga a bheir dhaibh cothroman dreuchdail is trèanaidh nas fheàrr nuair a dh’fhàgas iad an sgoil.
’S e com-pàirteachas eadar Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a th’ ann an Siuthad! agus chaidh a chur air dòigh le Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd agus Leasachadh Sgilean Alba.
Thàinig sgoilearan Gàidhlig bho Àrd-sgoiltean ann an Ullapul, Inbhir Pheofharain, Loch Abar, Baile Dhubhthaich, Alanais agus Inbhir Nis. Bha cha mhòr 200 sgoilear ann gus tuilleadh fhaighinn a-mach mun raon chothroman dreuchdail Gàidhlig a tha ri fhaotainn do dhaoine òga a bhruidhneas a’ Ghàidhlig nuair a dh’fhàgas iad an sgoil.
Bha grunn bhuidhnean nàiseanta an làthair agus bha raon farsaing riochdairean ann gus innse dha na sgoilearan mu na cothroman dreuchdail a bha taobh a-staigh earrann na Gàidhlig agus cuideachd far a bheil comas labhairt sa Ghàidhlig air a mheas mar sgil sònraichte a bharrachd. Bha riochdairean an làthair bho ghrunn earrainnean gnìomhachais leithid foghlam, na h-ealain, spòrs, ceòl, tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne, foillseachadh, eadar-theangachadh agus dràma.
A bharrachd air fiosrachadh a thoirt seachad agus a bhith neo-fhoirmeil, bha an tachartas gu math spòrsail dha na sgoilearan seach gun robh cothrom aca com-pàirt a ghabhail ann an raon chleasan eadar-obrachail leithid bùithtean-obrach ciùil agus dràma.
Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig: “Tha Siuthad! air a bhith soirbheachail a-rithist am-bliadhna agus tha e sgoinneil a bhith a’ faicinn dhaoine òga a’ gabhail com-pàirt ann an tachartas a bheir beachd-smuaintean dhaibh mu chosnadh san àm ri teachd. Tha e cudromach gun lean sinn air adhart a’ toirt taic do luchd-labhairt òga na Gàidhlig às a’ Ghàidhealtachd len roghainnean dreuchdail bho aois òg. Tha tachartasan leithid seo a’ sealltainn gu bheil iomadh slighe dreuchdail ann a dh’fhaodas iad a leantainn.”
Thuirt Derick MacCoinnich, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig bho Leasachadh Sgilean Alba, “Tha Siuthad! a’ togail aire mu na buannachdan a tha an lùib sgilean Gàidhlig. Tha an tachartas fhèin a’ toirt seachad fiosrachadh agus bùithtean-obrach eadar-obrachail thar earrainnean measgaichte leithid na meadhanan, teagasg agus na gnìomhachasan cruthachail. Seallaidh seo do sgoilearan gum bi cothroman dreuchdail fìor mhath fosgailte dhaibh sna bliadhnaichean air thoiseach.”
Am measg nam buidhnean a bha an làthair aig an tachartas bha MG Alba, Coimisean na Croitearachd, Riaghaltas Ionadail, High Life na Gàidhealtachd, Pàrlamaid na h-Alba, Comhairle nan Leabhraichean Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus grunn luchd-taisbeanaidh eile.