Tachartas gus Aire a Thogail mun Ghàidhlig
Chumadh tachartas gus aire a thogail mun Ghàidhlig ann an Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair, far an d’fhuair pàrantan fiosrachadh agus comhairle mu bhuannachdan dà-chànanais bho oifigearan Sgioba na Gàidh
Thug Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair aoigheachd seachad airson an tachartais agus chuir iad cuideachd cleasan spòrsail air dòigh dhan chloinn. Chuir luchd-obrach an taighe-thasgaidh suas taisbeanadh de dhealbhannan a’ sealltainn nan tachartasan cultarail a chaidh a chumail san sgìre roimhe, is dealbhannan ann de dh’fharpaisich bho sgìre a’ Chladaich a Tuath a ghabh com-pàirt aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta.
Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig: “B’ e tachartas soirbheachail a bh’ ann seach gun robh cothrom aig pàrantan còmhradh le oifigearan na Comhairle mu na buannachdan a tha an lùib dà-chànanais, agus bha cothrom aca luchd-buannachaidh is com-pàirtichean aig tachartasan cultarail san sgìre, leithid Mòd na Sgìre, fhaicinn.”
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Sgioba na Gàidhlig aig: gaelic@highland.gov.uk