Leugh is Seinn le Linda
’S e iomairt chom-pàirteach nàiseanta air a chur air dòigh leis An Lòchran agus Comhairle nan Leabhraichean a th’ ann an Leugh is Seinn le Linda. Tha an iomairt a’ toirt cothrom do chloinn fo aois 5 bliadhna tlachd is spòrs fhaighinn à seiseanan leughaidh is seinn sa Ghàidhlig.
Chaidh seiseanan a chumail ann am Fàs Mòr – an t-Ionad Cùraim-chloinne Gàidhlig, Bun-Sgoil Shlèite, an Sgoil-àraich ann am Bun-Sgoil Phort Rìgh, sa Ghearasdan agus ann an Inbhir Nis. Tha na seiseanan air an stiùireadh leis a’ Bh-uas Linda NicLeòid a tha na Tosgaire Òg airson Leughadh Gàidhlig agus na seinneadair is na preasantair TBh ainmeil.
Thuirt a’ Bh-uas Shona Masson, Oifigear Leasachaidh Ealain is Cultair aig An Lòchran, “Tha e air a bhith sgoinneil a bhith a’ toirt Leugh is Seinn gu sgoiltean, sgoiltean-àraich is buidhnean coimhearsnachd air feadh na Gàidhealtachd air a’ chiad thuras aig Leugh is Seinn. Tha e air còrdadh gu mòr ris a’ chloinn a bhith a’ leughadh is a’ seinn sa Ghàidhlig agus tha sinn fada an comain an luchd-maoineachaidh againn aig Bòrd na Gàidhlig agus Tasgadh, a bharrachd air na sgoiltean, na buidhnean coimhearsnachd agus Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd airson ar cuideachadh gus an Turas a chur air dòigh.”
Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, “Tha e cudromach gu bheil an cothrom aig clann òga ceangal a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig ann an dòighean spòrsail is innleachdach. ’S e eisimpleir air leth a tha seo air mar a thathar a’ coileanadh seo agus bu toil leam taing a thoirt do luchd-eagrachaidh an tachartais agus tha mi an dòchas gun urrainn dhuinn seo a sgaoileadh gu àiteachan eile sa Ghàidhealtachd.”