Latha In-sheirbheis na Gàidhlig
Chaidh latha In-Sheirbheis Gàidhlig fìor shoirbheachail a chumail an-diugh ann an Ionad-Coimhearsnachd Mharc-Innis.
Bha an tachartas seo, a thathar a’ cumail gach bliadhna, ag amas air luchd-obrach a tha gu dìreach an lùib Foghlam Gàidhlig. Bha tachartas na bliadhna seo ag amas air susbaint a lìbhrigeadh a bha a’ freagairt gu sònraichte air feumalachdan leasachaidh an luchd-obrach, mar a chaidh a chomharrachadh sna freagairtean a fhuaireadh bho Sgrùdadh Foghlam na Gàidhlig agus bho thadhalan gu sgoiltean air feadh sgìre na Gàidhealtachd.
Airson a’ chiad uair o chaidh an tachartas a stèidheachadh, bha cuireadh aig Luchd-obrach Thràth-bhliadhnaichean gus com-pàirt a ghabhail. Tha a’ Chomhairle an dùil leantainn air adhart leis a’ cheangal seo a tha ag àrach dòigh-obrach nas iomlaine a thaobh Foghlam Gàidhlig bho aois 3-18. Tha Luchd-obrach Thràth-bhliadhnaichean na Comhairle a’ faighinn taic bho Oifigearan.
Thug Latha In-Sheirbheis na Gàidhlig seachad prògram measgaichte is farsaing, a bha a’ gabhail a-steach brath-fiosrachaidh mun Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig bho Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig; fios às ùr mu leasachaidhean nàiseanta bho Foghlam Alba; trèanadh ann an gràmar is cànan na Gàidhlig bho eòlaiche cànanais, agus ceannardas ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig le Acadamaidh na h-Iomairt Sòisealta.
Thug Comhairle Bhreatannach na h-Alba seachad fiosrachadh mu thadhalan maoinichte eadar-nàiseanta a bheireadh cothrom sgrùdadh a dhèanamh air eisimpleirean de chleachdadh math ann am foghlam dà-chànanach tro Phrògram Eòrpach sònraichte. Bha fiosrachadh aca cuideachd mu chothroman bhiortail do dhaoine òga a bhith a’ tighinn còmhla ann an ùine sgoile, a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig tro eChàraideachadh air-loidhne. Thug riochdairean bhon Stòrlann seachad fiosrachadh mu chothroman leasachaidh ann an raointean na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile.
Thuirt Mgr Jim Steven, Ceannard Foghlaim Chomhairle na Gàidhealtachd, “Cha mhòr nach eil e do-dhèante tomhas a dhèanamh air na chaidh a choileanadh taobh a-staigh Foghlam Gàidhlig air feadh na h-Alba sna 35 bliadhna o thòisich e. Tha iomadh dùbhlan air a bhith ann, ach iomadh soirbheas cuideachd, gu h-àraid nuair a chì sinn gu bheil a’ Chomhairle an-ceartuair a’ fastadh thidsearan a bha an lùib sgoilearachd Ghàidhlig, no a thàinig tro shiostam Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.” Lean e air adhart, “Tha an dòigh sa bheil foghlam air a lìbhrigeadh ag atharrachadh, gu h-àraid is pàirt cho mòr aig teicneòlas fiosrachaidh taobh a-staigh nan sgoiltean is nan àrainneachdan ionnsachaidh againn. Bidh seo a’ sìor neartachadh is a’ leasachadh Foghlam Gàidhlig.
“Tha mi airson an cothrom seo a ghabhail gus taing a thoirt dha na riochdairean air fad, an luchd-labhairt sàr-mhath, agus iadsan a chuir an tachartas air leth seo air dòigh.”
Thuirt tidsear bho Bhun-Sgoil Àth Tharracail a bha an làthair, “Tha e fìor chudromach cothrom a ghabhail tighinn còmhla mar seo mar phàirt de choimhearsnachd Foghlaim Gàidhlig. Tha buannachdan soilleir an lùib a bhith a’ togail lìonraidhean agus tha luach proifeiseanta ann a bhith a’ cluinntinn thaisbeanaidhean bho luchd-obrach a tha a’ lìbhrigeadh leasachaidhean gu h-ionadail is gu nàiseanta. Aig cridhe gach rud, tha cànan na Gàidhlig agus mar a bhios sinn a’ meudachadh eòlasan ionnsachaidh dha na sgoilearan againn tro mheadhan na Gàidhlig.”