‘Siuthad’

.

Read this in English

Chaidh Latha Dreuchdan airson sgoilearan Àrd-sgoile Gàidhlig sa Ghàidhealtachd fhosgladh gu h-oifigeil ann an Cùirt Eden ann an Inbhir Nis an-diugh, an 16 Màrt, le Calum MacIlleathain, fear de Thosgairean Òga Siuthad! a tha na fhilmeadair agus na chraoladair.

Tha an tachartas bliadhnail, Siuthad! ag amas air sgoilearan a tha an dà chuid nan luchd-ionnsachaidh agus a th’ ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an S2, ann an sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd. Tha Siuthad! a’ taisbeanadh raon obraichean is dhreuchdan Gàidhlig agus a’ brosnachadh dhaoine òga gus cumail a’ dol leis a’ Ghàidhlig gus teisteanasan fhaighinn sna h-ìrean as àirde san àrd-sgoil. Faodaidh seo sgilean is teisteanasan a bharrachd a thoirt do dhaoine òga a bheir cothroman dreuchd is trèanaidh nas fheàrr dhaibh nuair a dh’fhàgas iad an sgoil.

’S e com-pàirteachas eadar Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a th’ ann an Siuthad! agus tha e air a chur air dòigh le Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd agus Leasachadh Sgilean na h-Alba.

Thàinig cha mhòr 300 sgoilear Gàidhlig bho Àrd-Sgoiltean ann an Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Rois and Loch Abar gus tuilleadh fhaighinn a-mach mun raon dhreuchdan a th’ ann do dhaoine òga nuair a dh’fhàgas iad an sgoil.

Bha grunn bhuidhnean nàiseanta an làthair agus bha grunn riochdairean ann gus innse do sgoilearan mu na dreuchdan a tha rim faotainn taobh a-staigh raon na Gàidhlig agus cuideachd far a bheilear a’ cur luach air a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig mar sgil àraid a bharrachd. Nam measg, bha riochdairean bho ghrunn earrannan gnìomhachais leithid foghlam, na h-ealain, spòrs, ceòl, tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne, foillseachadh, eadar-theangachadh agus dràma.

A bharrachd air fiosrachadh a thoirt seachad ann an àrainneachd neo-fhoirmeil, bhathar ag amas air an tachartas a dhèanamh spòrsail dhaibhsan a bha an làthair seach gun robh cothrom aca com-pàirt a ghabhail ann an grunn chleasan eadar-obrachail leithid bùithtean-obrach ciùil is dràma.

Thuirt Calum MacIlleathain, “Tha a’ Ghàidhlig air cothroman sgoinneil a thoirt dhomh ann an saoghal nam meadhanan, agus ann an suidheachaidhean eile. Tha cothrom air a bhith agam ionnsachadh mu bhith a’ dèanamh fhilmichean, obrachadh air grunn phrògraman telebhisein is rèidio, agus tha mi air sgilean a thogail gus na pròiseactan agam fhèin a chruthachadh, gu h-àraid airson nam meadhanan sòisealta.” Lean e air adhart, “Tha mi a’ dèanamh tòrr dhen obair agam ann an Gàidhlig agus tha mi an dòchas gum bi daoine òga eile air am brosnachadh gus leantainn air adhart a’ cleachdadh na Gàidhlig sna dreuchdan aca san àm ri teachd.”

Thuirt Oifigear Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd (Sgìre a Deas) aig Comhairle na Gàidhealtachd, “Tha Siuthad! air a bhith soirbheachail dha-rìribh a-rithist am-bliadhna agus tha e fìor mhath a bhith a’ faicinn dhaoine òga a’ gabhail com-pàirt ann an tachartas a tha a’ tabhann bheachdan dhaibh airson cosnadh san àm ri teachd.” Lean i air adhart, “Tha e cudromach gun cùm sinn a’ dol a’ toirt taic do luchd-labhairt òga na Gàidhlig bhon Ghàidhealtachd leis na roghainnean dreuchdail aca bho ìre thràth. Tha tachartasan mar seo a’ taisbeanadh gu bheil iomadh slighe dreuchdail ann a dh’fhaodas iad a leantainn.”

Thuirt Derek MacCoinnich, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Leasachadh Sgilean na h-Alba, “Tha Siuthad! a’ togail aire mu na buannachdan a tha an lùib Sgilean Gàidhlig. Tha an tachartas fhèin a’ toirt seachad bùithtean-obrach fiosrachail is eadar-obrachail thar iomadh raon leithid na Meadhanan, Teagasg agus na Gnìomhachasan Cruthachail. Bidh seo a’ sealltainn do sgoilearan gu bheil cothroman dreuchdail sàsachail is àrd-inbhe ann dhaibh sna bliadhnaichean air thoiseach.”

Am measg nam buidhnean a bha an làthair bha Coimisean na Coilltearachd, High Life na Gàidhealtachd, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, Fèisean nan Gàidheal, MG Alba, Obraichean Gàidhlig, Care and Learning Alliance, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Coimisean na Croitearachd, agus grunn luchd-taisbeanaidh eile.   

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Margaret.Muholland@highland.gov.uk