Ionnsachadh teaghlaich is fealla-dhà sa Ghearasdan

.

Read this in English

Ghabh grunn theaghlaichean com-pàirt bho chionn ghoirid ann an Deireadh-sheachdain Ghàidhlig fìor spòrsail aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar.

B’ e amas an deireadh-sheachdain ionnsachadh teaghlaich, taic a thoirt do phàrantan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh, agus cothrom a thoirt do chloinn le Gàidhlig bho sgìrean eile coinneachadh agus cleasan ùra ionnsachadh ann an àrainneachd Ghàidhlig.

Fhuair na pàrantan oideachadh cànain bho na h-oidean eòlach Mgr Ailig (Bhaltois) Dòmhnallach agus Mgr Pàdraig Moireach, fhad ’s a bha an cuid chloinne a tha ann an ro-sgoil agus bun-sgoil, a’ gabhail com-pàirt ann an cleasan spòrs, ciùil is ealain san sgoil.

Bha teaghlaichean bho thaobh a-muigh sgìre a’ Ghearasdain, a’ gabhail a-steach Àth Tharracail agus Druim na Drochaid, cuideachd a’ gabhail com-pàirt san tachartas.

Thuirt Ceannard Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, Mgr Iain Iòsaph MacNèill: “Tha tachartasan leithid seo a’ toirt cothrom air leth do phàrantan a’ Ghàidhlig ionnsachadh, tadhal air an sgoil agus an cuid chloinne fhaicinn a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachadh neo-fhoirmeil fhad ’s a tha iad cuideachd ag ionnsachadh agus a’ gabhail com-pàirt ann an cleasan spòrs is ealain.”

Chaidh an tachartas a chur air dòigh le Comhairle Phàrant na sgoile, le taic bho Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: margaret.mulholland@highland.gov.uk