Latha Fosgailte ann am Bun-sgoil Shlèite

Chaidh Latha Fiosrachaidh is Fealla-dhà Gàidhlig fìor shoirbheachail a chumail ann an Slèite o chionn ghoirid.

Bha an tachartas air a chur air dòigh le Bun-Sgoil Shlèite le taic bho Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd. Bha an Latha Fosgailte, a bha ag amas air pàrantan is luchd-cùraim chloinn aois 0-5, a’ toirt seachad fiosrachadh mu na buannachdan a tha an lùib dà-chànanais agus an taic a tha ri fhaotainn do phàrantan bho bhuidhnean Gàidhlig. Bha riochdairean bho Shabhal Mòr Ostaig, Bòrd na Gàidhlig agus Gaelic4Parents aig an Stòrlann an làthair agus thug iad seachad fiosrachadh mu na goireasan a tha a’ cur taic ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Bha cothrom aig pàrantan bruidhinn ri tidsearan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-Sgoil Shlèite mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, cho math ri luchd-obrach bhon Ionad Chùram-Chloinne Gàidhlig Fàs Mòr.

Bha còrr is 25 pàiste is leanabh òg aig an tachartas còmhla rim pàrantan is rin luchd-cùraim. Bha tòrr chleasan spòrsail ann dhan chloinn, nam measg peantadh aodainn, caisteal bocadaich agus geamaichean sgioba. Thug Comhairle Phàrant Bun-Sgoil Shlèite seachad biadh is deoch air an latha.

Thuirt a’ Bh-uas Flòraidh Forrest, pàrant aig a bheil leanabh ann am Bun-Sgoil Shlèite “Bha mi fhèin, an duine agam agus ar triùir chloinne, aois 6, 4 & 1, aig an Latha Dà-chànanais aig Bun-Sgoil Shlèite Disathairne. Bha riochdairean ann bho ghrunn bhuidhnean Gàidhlig, a’ toirt seachad fiosrachadh mu na dòighean san urrainn dhaibh taic a thoirt dhuibh fhèin is dhan leanabh agaibh ma roghnaicheas sibh an oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an leanabh as sine againn mar-thà a’ dol tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus tha sinn an dòchas gum bi an dithis eile cuideachd.” Lean i air adhart “Chan eil e an-còmhnaidh furasta a bhith ag oideachadh ur pàiste tro mheadhan na Gàidhlig, gu h-àraid mura h-eil sibh fhèin a’ bruidhinn a’ chànain, ach san ùine-fhada tha na cothroman a tha sibh a’ toirt dhan leanabh agaibh a’ toirt bàrr iomadh uair air na dùbhlain a tha mur coinneamh mar phàrant. Bha caisteal bocadaich agus tòrr chèicichean aig an tachartas cuideachd, mar sin chòrd an latha gu mòr ris a’ chloinn cuideachd.” 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho shona.paterson@highland.gov.uk