Co-chomhairle a’ Tòiseachadh air 3mh dreachd Phlana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd toilichte an 3mh dreachd Phlana Gàidhlig 2017–2022 a sgaoileadh airson co-chomhairle phoblach a mhaireas sia seachdainean.

LINK TO THE PLAN

Chaidh dreachd Phlana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd ullachadh mar sgrìobhainn reachdail airson a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig mar fhreagairt dhan iarrtas fhoirmeil aca Plana Gàidhlig a dheasachadh a rèir nan riatanasan a tha air am mìneachadh ann an Earrainn 3 de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Chaidh an dreachd Phlana Gàidhlig a dheasachadh a rèir nan slatan-tomhais reachdail a tha air am mìneachadh ann an Achd 2005, a’ gabhail aire do dhreachd Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2017–2022 agus an Stiùireadh air Deasachadh Phlanaichean Gàidhlig. Chaidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba gus inbhe na Gàidhlig a dhaingneachadh mar chànan oifigeil na h-Alba, le co-ionannachd spèis ris a’ Bheurla.

’S e aon de phrìomh fheartan Achd 2005, an solar a tha a’ toirt comas do Bhòrd na Gàidhlig iarraidh air buidhnean poblach planaichean Gàidhlig a dheasachadh. Chaidh an solar seo a dhealbh gus dèanamh cinnteach gu bheil dreuchd aig an roinn phoblaich ann an Alba a bhith a’ cruthachadh àm ri teachd seasmhach airson na Gàidhlig le bhith a’ togail a h-inbhe is a h-ìomhaigh agus a’ cruthachadh chothroman pragtaigeach airson a cleachdadh.

Tha Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2017–2022 a’ mìneachadh amasan is mòr-mhiannan Chomhairle na Gàidhealtachd airson Gàidhlig agus cultar thar nan còig bliadhna a tha romhainn, agus mar a thèid an coileanadh.

Tha e cuideachd a’ mìneachadh structar foirmeil airson taic Chomhairle na Gàidhealtachd airson cànan is cultar na Gàidhlig, a’ neartachadh leasachaidhean làithreach agus a’ toirt a-steach iomairtean agus targaidean soilleir.

Tha amas soilleir aig Comhairle na Gàidhealtachd a bhith a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig, a bhith a’ meudachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig, agus a bhith a’ leantainn air adhart a’ cruthachadh is a’ neartachadh ìomhaigh mhath a thaobh na Gàidhlig.

Gus na mòr-mhiannan seo a choileanadh, tha Comhairle na Gàidhealtachd ag amas gu làidir air na raointean gnìomha a leanas:

Tràth-bhliadhnaichean, Daoine Òga agus Teaghlaichean, gu h-àraid ann am foghlam.

An Dachaigh, Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne, agus Coimhearsnachdan

Tha dreuchd chudromach aig an Àite-obrach, a’ toirt seachad is a’ neartachadh chothroman a thaobh a bhith a’ leasachadh aire mun Ghàidhlig agus cleachdadh na Gàidhlig, a’ dèanamh feum de na teicneòlasan as ùire.

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, An Comhairliche Mairead Davidson, “Chan eil an 3mh dreachd Phlana Gàidhlig a’ dol an àite Plana Gàidhlig 2012–2016. Tha e a’ togail air dleastanasan, soirbheasan is coileanaidhean leantainneach Chomhairle na Gàidhealtachd ann a bhith a’ leasachadh is a’ cumail suas na Gàidhlig agus leasachadh cultarach.

Lean i air adhart, “Tha Comhairle na Gàidhealtachd moiteil às na coileanaidhean aice ann a bhith a’ neartachadh a’ chànain thar a seirbheisean agus a prìomh chom-pàirtichean. Tha seo a’ cur ri luach is mathas oideachail, sòisealta, cultarach agus eaconamach na Gàidhealtachd.”

Thuirt i cuideachd, “Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ brosnachadh buill a’ phobaill, an roinn phoblach, buidhnean-gnìomha, buidhnean phàrant, buidhnean coimhearsnachd, an Treas Roinn agus gnothachasan gus beachd a thoirt seachad Leader of The Highland Council, Cllr Margaret Davidson said

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air ceithir coinneamhan co-chomhairleachaidh poblach a chur air dòigh. Cumar iad mar a leanas:

19mh Ògmhios, 7f, ‘An Àrainn’, Àrd-Sgoil Phort Rìgh, Port Rìgh

20mh Ògmhios, 7f ann an Seòmar na Coimhearsnachd, Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, An Caol, An Gearasdan

26mh Ògmhios, 7f, Seòmar-coinneimh, Acadamaidh Inbhir Pheofharain

27mh Ògmhios, 7f, Seòmar-coinneimh, Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa

 

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur fàilte chridheil air beachdan on phoball seach gun toir seo cothrom do bhuidhnean is do dhaoine fa leth an guthan a thogail agus com-pàirt a ghabhail sa phròiseas cho-chomhairleachaidh.

Ceangal gu Dreachd Phlana Gàidhlig 3 ri dhol an seo http://www.highland.gov.uk/info/283/community_life_and_leisure/335/gaelic/2

’S e an dòigh as fhasa, coimhead air a’ Phlana is beachdan a thoirt seachad air-loidhne aig xxx (ceangal). Faodar cuideachd coimhead air aig leabharlannan poblach is gluasadach. Bu chòir ceistean sam bith mu chothrom leughaidh, no mu chleachdadh an eadar-lìn (mar eisimpleir mura h-eil cothrom agaibh air an eadar-lìon) a chur gu gaelic@highland.gov.uk a bheir seachad dòigh eile airson beachdan a chur a-steach.

Faodar beachdan a chur air post-d gu:

gaelic@highland.gov.uk

No sa phost gu:

Comhairle na Gàidhealtachd, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, Sgioba na Gàidhlig, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, IV1 5NX.

Feumaidh beachdan a bhith a-staigh ro 5f air Dimàirt 25mh Iuchar 2017