FilmG a’ cur Farpais 2018 air bhog ann an Àrd-Sgoil Gheàrrloch

.

Read this in English

Leis gun deach cho math le Àrd-Sgoil Gheàrrloch ann am farpais Film G2017, bha FilmG airson co-fharpais 2018 a chur air bhog aig Àrd-Sgoil Gheàrrloch. Ghabh seo àite Diardaoin 22mh dhen Ògmhios.

Thuirt an Ceannard an Gnìomh, Iseabail NicCoinnich: “Bha sinn toilichte gun robh sgoilearan Clas 7 còmhla rinn a bharrachd air sgoilearan aig a bheil Gàidhlig à Bun-Sgoil Gheàrrloch, daoine às a’ choimhearsnachd, comhairlichean ionadail agus luchd-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd.

“Dh’fhoillsich FilmG cuspair na bliadhna (Fìrinn) agus bha e tlachdmhor èisteachd ris a’ chòmhlan-phìoba, C For Craic agus coimhead air ceithir de na filmichean a rinn cuid de ar sgoilearan tron bhliadhna mu dheireadh. Bha cothrom cuideachd aig sgoilearan an sgilean ann a bhith a’ cruthachadh film a leasachadh aig bùithtean-obrach a ghabh àite sa mhadainn. Chòrd an tachartas ris a h-uile duine agus tha sinn an dòchas gun lean na sgoilearan orra le bhith a’ dèanamh fhilmichean às dèidh an t-samhraidh.