Spòrs aig Club Spòrs

Activity

.

Na bu tràithe air a’ mhìos seo, chaidh Club Spòrs – an club spòrs bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a tha stèidhichte aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar - air splaoid gu ionad-sreap nan Trì Muncaidhean Glice anns a’ Ghearasdan. Bha an turas seo a’ toirt cleasan a’ chlub tron bhliadhna gu crìch.

Thuirt pàrant, Ingrid Henderson, “Tha Club Spòrs a’ toirt cothrom do dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh spòrsail is neo-fhoirmeil. Tha an Club soirbheachail dha-rìribh oir tha e a’ còrdadh ris a’ chloinn a bhith a’ gabhail com-pàirt ann an cleasan fhad ’s a tha iad cuideachd a’ leudachadh is a’ neartachadh an cuid cànain.”

Ghabh 26 leanabh com-pàirt agus chòrd e glan riutha a bhith a’ sreap chlachan agus ròpan. Tha Club Spòrs air a chur air dòigh le Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd agus ’s e trì seann sgoilearan bho fhoghlam tron Ghàidhlig a tha ag obair ann.

Bha Sgioba na Gàidhlig soirbheachail ann a bhith a’ faighinn maoineachadh airson Club Spòrs bho Bhòrd na Gàidhlig airson na treas bliadhna.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Margaret.Mulholland@highland.gov.uk