​​​​​​​Treas Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air Aontachadh

.

Read this in English

Chaidh treas Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, a stiùireas amasan is miannan corporra na Comhairle airson na Gàidhlig thar nan trì bliadhna a leanas, aontachadh an-diugh (Diciadain 30 Lùnastal) le Buill Comataidh Stòrasan Corporra na Comhairle.

Fhuair ‘Plana na Gàidhlig 3’ taic thar-phàrtaidh agus thug Buill taing dhan phoball airson am beachdan a chur a-steach fhad ’s a bhathar a’ cumail co-chomhairle phoblach mun Phlana. Shoilleirich iad nach eil Plana na Gàidhlig 3 a’ dol an àite a’ Phlana làithrich agus nochd iad cuideachd cho cudromach ’s a bha e àrdachadh a thoirt air an àireimh sgoilearan a’ dol an lùib Foghlam Gàidhlig agus ag ionnsachadh a’ chànain rè beatha a’ Phlana.

Thuirt Alasdair MacFhionghain, Cathraiche Comataidh Stòrasan Corporra na Comhairle:

“Tha mi fìor thoilichte gu bheil a’ Ghàidhlig a-nis na pàirt de Chomataidh nan Stòrasan Corporra. Tha mi a’ creidsinn gur e cothrom a tha seo do Chomhairle na Gàidhealtachd stiùir nàiseanta a thoirt seachad ann a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig ann an tachartasan foghlaim is cultair, leithid Fèisean agus Mòdan Nàiseanta. Tha am prìomhachas corporra a thathar a’ toirt dhan Ghàidhlig a’ daingneachadh gu bheil a’ Chomhairle airson leantainn air adhart a’ cluinntinn beachd luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus buidhnean Gàidhlig, tro Bhuidheann Ro-innleachd & Leasachadh na Gàidhlig againn gus Plana Gàidhlig 3 a thoirt air adhart.”

Lean e: “An-diugh tro bhith a’ gabhail gu h-iomlan ri dreachd Phlana na Gàidhlig 3, tha sinn air ar dealas dhan Ghàidhlig ath-dhearbhadh agus ann a bhith a’ dèanamh sin tha sinn ag aithneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de bheatha sa Ghàidhealtachd.

“Gus coinneachadh ri dleastanasan reachdail na Comhairle, lean sinn stiùireadh a fhuaireadh bho Bhòrd na Gàidhlig a thaobh a bhith a’ leasachadh Phlanaichean Gàidhlig fhad ’s a bhathar ag ullachadh an treas Plana againn.

“Tha sia cuspairean sa Phlana, uile a’ cur ri cleachdadh cànain, seach gum feum sinn barrachd chothroman a thoirt do dhaoine gus an cànan a chleachdadh is fhiosrachadh, cò dhiubh is ann tro bhith a’ tabhann chlasaichean cànain, no tro bhith a’ dèanamh na Gàidhlig nas follaisiche seach gu bheil seo a’ sìor neartachadh inbhe a’ chànain.”

Thuirt Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, Bill Alexander:

“Tha Plana 2017-22 a’ mìneachadh amasan is miannan na Comhairle airson na Gàidhlig sna còig bliadhna a tha air thoiseach, agus mar a thèid an coileanadh. Chan eil am Plana seo a’ dol an àite Plana na Gàidhlig 2, ach tha e a’ togail air soirbheasan is coileanaidhean leantainneach na Comhairle ann a bhith a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig, gu h-àraid seach gu bheil Bun-sgoil Ghàidhlig againn a-nis ann an Caol a’ Ghearasdain agus seach gum bi sinn a’ fosgladh Sgoil Ghàidhlig ùr ann am Port Rìgh, san Eilean Sgitheanach, tràth an-ath-bhliadhna.

Lean e air adhart: “Tha obair chom-pàirteach leis na prìomh bhuidhnean a thaobh Gàidhlig agus leasachadh cultarail riatanach, gu h-àraid is sinn a’ gluasad gu ruige ath-dhealbhadh is ath-eagrachadh na Comhairle agus stòrasan a’ sìor lùghdachadh. Feumaidh sinn leantainn air adhart a’ dèanamh feum cho math ’s as urrainnear de theicneòlasan, stòrasan co-roinnte agus fìor cho-obrachadh com-pàirteach. Tha sinn air ar brosnachadh gu mòr leis an àireimh dhaoine òga a tha ag ionnsachadh is a’ gabhail ùidh sa chànan agus sa chultar bhuntainneach, agus tha sinn a’ creidsinn gun dèan am Plana seo mòran gus seo a bhrosnachadh is taic a chur ris.”

Is iad na sia cuspairean ann am Plana Gàidhlig 3: An Dachaigh agus Tràth-bhliadhnaichean; Foghlam; Coimhearsnachd; Àite-obrach; Ealain, Cultar & Dualchas, agus Eaconamaidh. Bha iad seo air am mìneachadh ann an amasan àrd-ìre Bhòrd na Gàidhlig.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd air dòigh dà choinneamh buidhne tar-phàrtaidh Ro-innleachd Ghàidhlig agus chaidh beachdan cuideachail bho na coinneamhan a ghabhail a-steach dhan Phlana.

Chumadh ùine cho-chomhairle phoblach sia seachdainean air-loidhne, agus chumadh ceithir coinneamhan poblach ann am Port Rìgh, sa Ghearasdan, ann an Inbhir Pheofharain, agus ann an Inbhir Theòrsa. Chaidh fios air ais on phròiseas seo a ghabhail a-steach sa Phlana cuideachd.

Thèid Plana na Gàidhlig 3 a-nis a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: gaelic@highland.gov.uk