FRAS SGEUL sa Ghàidhealtachd

.

Read this in English

Bidh an t-ùghdar is am bàrd Mgr Dòmhnall S Moireach a’ tadhal air grunn sgoiltean sa Ghàidhealtachd thar an t-seisein seo, a theagasg sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig do na sgoilearan.

Bidh am pròiseact, ‘Fras Sgeul’, a tha air a chur air dòigh le Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, a’ cur ghrunn stoidhlichean sgrìobhaidh sa Ghàidhlig fa chomhair nan sgoilearan. Nam measg, bidh eacarsaichean mu bhith a’ toirt caractar am follais tro chruthan ùra litreachais leithid geàrr-fhicsean agus ‘twitterachas’. Thèid an dòigh-obrach a chnuasachadh leis an tidsear ro-làimh gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coinneachadh ri feumalachdan a’ churraicealaim airson sàr-mhathais.

Bidh na clasaichean a’ tòiseachadh anns an Eilean Sgitheanach, an dèidh dhan ùghdar nochdadh aig Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich, air Diluain 4 Sultain aig Àrd-Sgoil Phort Rìgh. Tron t-seachdain sin, bidh an sgrìobhaiche cuideachd a’ teagasg aig grunn sgoiltean eile san sgìre, nam measg Am Ploc, Loch Abar agus Àird nam Murchan. Bidh Mgr Moireach cuideachd a’ tadhal air sgoiltean eile ann an sgìre na Gàidhealtachd mar phàirt dhen phròiseact ‘Fras Sgeul’ tron bhliadhna sgoile seo.

Thuirt an Comhairliche Alister MacFhionghain, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd & Leasachadh na Gàidhlig, “Tha e math fear leithid Mhgr Mhoirich, le eòlas an dà chuid mar sgrìobhaiche agus mar thidsear, a bhith a’ teagasg nan sgoilearan mu dhòighean gus na sgilean aca ann an sgrìobhadh cruthachail Gàidhlig a leasachadh. Chan eil teagamh nach bi na seiseanan innleachdach, dùbhlanach agus làn fealla-dhà.”

Lean e air adhart, “Bu toil leam cuideachd an cothrom seo a ghabhail gus taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson an cuid taic leis a’ phròiseact.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: MoragAnna.Macleod@highland.gov.uk