Iomain sa Ghearasdan

-

Tha Iomain Cholm Chille – am Pròiseact Iomain Ghàidhlig – air obrachadh ann an com-pàirteachas le Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd gus tachartas iomain nàiseanta a chur air dòigh airson sgoilearan P4–P7 ann am Foghlam tron Ghàidhlig ann an sgoiltean air feadh na h-Alba. Tha Cupa Iomain na h-Òige san dàrna bliadhna aige agus tha e stèidhichte sa Ghàidhealtachd ach fosgailte do sgoiltean air feadh na h-Alba.

Chaidh an tachartas a chumail san Àird, An Gearasdan, agus bha seo iomchaidh seach gun do choisinn Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar Duais na Gàidhlig an-uiridh agus seach gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tòiseachadh an ath-sheachdain. Chaidh an tachartas a chumail gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.

’S e pròiseact a th’ ann an Iomain Cholm Chille a tha ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an saoghal na h-iomain agus thathar gu tric a’ cur thachartasan eadar-nàiseanta air dòigh, an dà chuid do dh’fhireannaich agus do bhoireannaich, le sgiobaidhean iomanachd a bhruidhneas Gàidhlig na h-Èireann.

Tha Cupa Iomain na h-Òige air taic fhaighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig. Thug Iomain Cholm Chille fhèin seachad Cupa Iomain na h-Òige do bhuannaichean na co-fharpais, agus thug Comhairle na Gàidhealtachd taic seachad airson geall-dùbhlain – Duais Ghàidhlig Iomain na h-Òige – a tha a’ dol chun an sgioba aig an robh an dealas a bu mhotha a’ bruidhinn na Gàidhlig aig an tachartas, a bharrachd air buinn shònraichte a chaidh a thoirt dhan a h-uile duine a ghabh com-pàirt san tachartas.

Ghabh 12 sgioba com-pàirt, bho Dhùn Èideann san ear gu Malaig san iar, sgoiltean bailteil agus sgoiltean dùthchail, m.e., Dùn Èideann, Glaschu, Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain, Loch Abar agus Malaig. Às dèidh latha cluiche farpaiseach bha Bun-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu soirbheachail ann am farpais na h-iomain agus chaidh Duais na Gàidhlig a thoirt do Bhun-Sgol Phort Rìgh airson dealas a thaobh a’ chànain.

Thuirt Mgr Eòghann Stiùbhart, Co-òrdanaiche Iomain Cholm Chille ann an Alba: “Aon uair eile tha Iomain Cholm Chille fìor thoilichte a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd ann a bhith a’ cur Cupa Iomain na h-Òige air dòigh.” Lean e air adhart, “Tha cliù na farpais a’ dol am meud agus tha e a’ toirt tlachd mòr dhomh sgiobaidhean air feadh na dùthcha fhaicinn a’ gabhail com-pàirt agus tha e sgoinneil gu bheil sgoiltean a’ toirt taic dhan Ghàidhlig an lùib spòrsan traidiseanta leithid iomain.”

Thuirt an Comhairliche Ionadail Ailean MacEanraig, ball de Bhuidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh na Gàidhlig, a thug seachad Duais Ghàidhlig Iomain na h-Òige gu Bun-Sgoil Phort Rìgh agus Cupa na h-Iomain gu Bun-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, “Tha mi fìor thoilichte gu bheil an cothrom agam na duaisean a thoirt seachad agus b’ e tachartas sgoinneil a bh’ ann. Chan eil an seo ach an dàrna bliadhna de Chupa Iomain na h-Òige agus tha an àireamh sgiobaidhean a’ gabhail com-pàirt am-bliadhna air àrdachadh. Tha mi a’ creidsinn gu bheil cleasan tar-churraicealaim, gu h-àraid a’ buntainn ri spòrs, a’ toirt cothrom do dhaoine òga na sgilean Gàidhlig aca a chleachdadh len co-aoisean bho sgoiltean eile. Tha an cànan air a chleachdadh taobh a-muigh a’ chlas agus tha daoine òga a’ toirt còmhla an sgilean cànain, spòrs is sòisealta agus cuidichidh seo iad cus an làn-chomasan a ruigsinn. Tha mi cuideachd airson taing a thoirt do Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd agus Club Iomain Loch Abar airson an taic agus do Bhòrd na Gàidhlig airson an taic ionmhasail.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho MoragAnna.macleod@highland.gov.uk 07747642680.