Thathar a-nis a’ gabhail ro-òrdain airson CD Gàidhlig Nollaige ùr a chlàr Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar.

CD Cover
CD Cover

.

Read this in English

Tha an sgoil air a bhith trang a’ clàradh an CD a bhios ri fhaotainn ri reic gu h-oifigeil air Dihaoine 1 Dùbhlachd.

Tha an CD, a bha air a phàirt-mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, na phàirt de phròiseact ionnsachaidh is iomairt eadar-chuspaireil gus airgead a thogail airson maoin na sgoile ach tha e cuideachd a’ sgaoileadh stuth ùr Nollaige sa Ghàidhlig do luchd-èisteachd anns gach àite.

Chuir Alasdair MacFhionghuin, Cathraiche Comataidh nan Goireasan Corporra agus Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air CD Gàidhlig Nollaige Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar. Thuirt e: “Abair iomairt sgoinneil do sgoilearan Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar. Tha iad air cothrom air leth fhaighinn gus ionnsachadh tro cheòl is iomairt gnothachais, agus aig an aon àm a’ cruthachadh prèasant sgoinneil a thèid do na stocainnean Nollaige aig càirdean is caraidean air feadh an t-saoghail. Is math a rinn an luchd-obrach is na sgoilearan uile a bha an lùib a’ phròiseict.”

Tha an CD a’ gabhail a-steach rèiteachadh ùr de ‘Silent Night’ air a dhèanamh le Peadar Mac a’ Phearsain, eadar-theangachadh ùr de ‘O Holy Night’ le Flòraidh NicPhàil agus dreachd Èireannach den laoigh ainmeil ‘Away in a Manger’.

Tha clann tron sgoil air fad air a bhith an lùib nan òran fa leth. Tha an CD cuideachd a’ gabhail a-steach òrain bhon luchd-ciùil ainmeil Iain MacPhàrlain agus Ingrid NicEanraig a tha air iomadh duais a bhuannachadh, an seinneadair Raonaid Walker a bhuannaich am Bonn Òir, agus Iain Eòsaph MacNèill, Ceannard Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar a choisinn Bonn Òir an t-Seann Nòis.

Chaidh an CD a chlàradh aig Old Laundry Productions ann an Gleann Fhionnainn. Rinn Eachann MacAonghais innleadaireachd an CD a tha air a riochdachadh le Ingrid NicEanraig.

Thuirt Iain Eòsaph MacNèill, Ceannard na Sgoile: “’Tha e air a bhith fìor mhath dhan chloinn againn a bhith an lùib a’ phròiseict, a’ seinn agus a’ faicinn na h-obrach a tha an lùib a bhith a’ clàradh is a’ toirt a-mach CD. Bu mhath leam taing a thoirt dhan chloinn againn airson na seinn àlainn aca. Bu toil leam taing a thoirt cuideachd dhan luchd-obrach air fad, do na pàrantan agus do choimhearsnachd na sgoile. Cha bhiodh e comasach an CD a dhèanamh mura b’ e an taic airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus an taic sgoinneil aig Old Laundry Productions.”

Thuirt Ingrid Henderson, Stiùiriche Ciùil agus Riochdaire an CD: “’S e cothrom air leth a tha air a bhith an seo taic a thoirt dhan sgoil gus goireas ciùil fìor mhath a thoirt a-mach – goireas às am faod coimhearsnachd na sgoile agus na sgoilearan a bhith moiteil.”

Tha an CD a-nis ri fhaotainn airson ro-òrdanachadh aig http://www.bsgla.co.uk agus tron cheangal air an duilleig-dhachaigh.