Fàs Foghlaim a’ dol air bhog!
.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur Fàs Foghlaim – fiolm goirid airson foghlam Gàidhlig a bhrosnachadh air na meadhanan sòisealta – air bhog.
Chaidh Fàs Foghlaim a chruthachadh gus fiosrachadh a thoirt do phàrantan is luchd-cùraim mu na buannachdan a tha an lùib dà-chànanais, gu h-àraid a thaobh na slighe ionnsachaidh bho bhreith gu còig bliadhna. Thathar cuideachd ag amas air mì-chinnt sam bith a dh’fhaodadh a bhith aig pàrantan is luchd-cùraim a thaobh foghlam dà-chànanach a fhreagairt.
Tha an t-inneal brosnachaidh seo a’ gabhail a-steach agallamhan bho sgoilearan, eòlaichean, pàrantan, proifeiseantaich fhoghlaim agus oifigearan. Chithear Fàs Foghlaim sna meadhanan sòisealta leithid Facebook agus Twitter agus chaidh a dhealbh gus tighinn a-mach mun àm a bhios pàrantan a’ clàrachadh an cuid chloinne san sgoil.
Thuirt a’ Bh-uas Angela Mack, aig a bheil clann an-dràsta ann am Foghlam tron Ghàidhlig, “Tha mi gu mòr a’ creidsinn ann am foghlam dà-chànanach agus tha a bhith a’ cur na cloinne agam tro fhoghlam Gàidhlig gu deimhinnte buannachdail a thaobh an cuid ionnsachaidh ann an iomadh dòigh, eadar a bhith a’ neartachadh an sgilean conaltraidh, am misneachd agus an aire chultarail. Tha iad a’ faighinn chothroman ùra aig aois òg agus tha sin a’ còrdadh riutha gu mòr.”
Lean i air adhart, “Bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail gus soilleireachadh, ma tha draghan aig pàrantan mu bhith a’ cur an cuid cloinne gu Foghlam tron Ghàidhlig, mar eisimpleir, mura h-eil Gàidhlig aca fhèin agus dragh orra nach urrainn dhaibh an cuideachadh le obair-dachaigh, cha bu chòir seo bacadh a chur orra, oir tha structar taice ri fhaotainn gus an cuideachadh agus bidh am foghlam a gheibh a’ chlann a’ neartachadh is a’ leudachadh an lèirsinn airson an ama ri teachd.”
Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionghuin, Buidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh na Gàidhlig, “Tha fios againn gu bheil pàrantan ann aig a bheil ùidh ann an dà-chànanas ach math dh’fhaodte nach eil iad air na roghainnean a tha ann dhaibh a sgrùdadh. Tha e air a dhearbhadh gu bheil Foghlam tron Ghàidhlig soirbheachail. Tha Fàs Foghlaim, an t-inneal brosnachaidh air na meadhanan sòisealta, a’ toirt geàrr-chunntas mu Fhoghlam tron Ghàidhlig. Tha mi an dòchas gun cuidich seo pàrantan agus gun toir e misneachd dhaibh gur e slighe mhath a th’ ann an dà-chànanais airson an cuid chloinne. Cuideachd, bu mhath leam taing a thoirt do Riaghaltas na h-Alba airson an taic a thaobh na h-iomairt seo.”
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: gaelic@highland.gov.uk