In-Sheirbheis Ghàidhlig a’ Cosnadh Chomharran Àrda

pix

Choinnich faisg air 100 proifeiseantach an-dè airson fear de na tachartasan Ionnsachadh Proifeiseanta Fad-Dreuchd as motha dha leithid san dùthaich a tha ag amas gu sònraichte air luchd-obrach ann am Foghlam tron Ghàidhlig. Chaidh an tachartas a chumail ann an Ionad-Coimhearsnachd Mharc-Innis, Inbhir Nis, airson In-Sheirbheis Ghàidhlig bhliadhnail Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha an tachartas seo a’ toirt seachad cothrom luachmhor airson còmhradh proifeiseanta, co-obrachadh agus raon farsaing de ghnìomhan leasachaidh. Bha cothrom aig riochdairean an tachartais air 14 taisbeanadh is bùth-obrach, a’ tarraing air measgachadh de eòlas nàiseanta agus cothrom deagh chleachdadh a tha mar-thà taobh a-staigh na Comhairle a chomharrachadh is a cho-roinn.

Bha iomadh seòrsa bùth-obrach ann, bho thrèanadh leasachadh conaltraidh ‘Words Up’ agus trèanadh ‘Book-bug’ airson luchd-obrach nan tràth-bhliadhnaichean; trèanadh Slàinte is Sunnd ‘High 5’ agus bathar-bog litreachaidh is leughaidh eadar-obrachail ‘Word Shark’ do thidsearan bun-sgoile gu gnìomhan eadar-obrachail ‘Quizlet’ agus gnìomhan co-mheasaidh do thidsearan àrd-sgoile.

Chaidh an luchd-taisbeanaidh a thaghadh mar fhreagairt do phrìomhachasan ionadail is nàiseanta, a bharrachd air riatanasan leasachaidh proifeiseanta, air an comharrachadh tro Sgrùdadh Foghlaim Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd. B’ e adhbhar an sgrùdaidh leigeil le luchd-obrach is com-pàirtichean freagarrach buaidh dhìreach a thoirt air clàr-obrach leasachaidh a’ dol air adhart.

Tha an In-Sheirbheis Foghlaim Gàidhlig a’ riochdachadh aon eileamaid de dhòigh-obrach fèin-mheasaidh na Comhairle, far a bheil com-pàirteachas colaisteach aig teas-meadhan a bhith a’ lìbhrigeadh leasachadh foghlaim. A bharrachd, tha grunn phròiseactan Plana Leasachaidh Obrachail Foghlaim Gàidhlig fhathast a’ dol air adhart, le pròiseactan a’ gabhail a-steach Feumalachdan Taice a Bharrachd, leughadh, litreachadh, gràmar, co-mheasadh agus co-roinn stòrasan teagaisg.

Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionghuin, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh na Gàidhlig agus Cathraiche nan Goireasan Corporra, “’S e tachartas cudromach ann am mìosachan an Leasachaidh Dhreuchdail Leantainnich a th’ ann an latha In-Sheirbheis na Gàidhlig do luchd-obrach ann am Foghlam Gàidhlig. Bha am prògram an dà chuid measgaichte agus com-pàirteach. Tha an raon phròiseactan leasachaidh a’ sealltainn dealas na Comhairle do bhith a’ toirt taic èifeachdach do sgoiltean is phroifeiseantaich.”

Mar chothrom bunaiteach airson leasachadh proifeiseanta anns a’ Ghàidhealtachd, tha In-Sheirbheis an Fhoghlaim Ghàidhlig a’ toirt còmhla coimhearsnachd bheartach de phroifeiseantaich Ghàidhlig agus luchd-obrach taice ann a bhith a’ lìbhrigeadh eòlasan ionnsachaidh is teagaisg a tha fìor mhath, dùbhlanach agus com-pàirteach. Tha eòlas le doimhneachd is farsaingeachd aig na proifeiseantaich, tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha seo a’ togail air an leasachadh dreuchdail leantainneach a tha air a ghabhail os làimh le luchd-obrach air stèidh leantainnich agus a’ lìbhrigeadh buaidh dhìreach do chloinn is do dhaoine òga anns na sgoiltean.

Thuirt Mgr Coinneach Moireasdan, Oifigear Foghlaim na Gàidhlig, “Tha In-Sheirbheis an Fhoghlaim Ghàidhlig a’ toirt tìde is cothrom do phroifeiseantaich gus tighinn còmhla agus coimhead gu sònraichte air a bhith a’ leasachadh is a’ neartachadh ionnsachadh is teagasg, tro mheadhan na Gàidhlig. Seach gu bheil sgìre na Comhairle cho farsaing, faodaidh e a bhith doirbh cothroman cunbhalach a thoirt seachad airson sàr cho-obrachadh eadar co-obraichean agus com-pàirtichean bho sgìre na Comhairle air fad, mar sin tha an ùine seo a tha air a chur an dàrna taobh gach bliadhna luachmhor dha-rìribh.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho…

gaelic@highland.gov.uk