Cuach na Cloinne 2018

.

Read this in English

A’ leantainn soirbheachadh Cuach na Cloinne thairis nam bliadhnachan agus gu sònraichte cho math sa dh’ obraich Cuach na Cloinne 2017, tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a-nis ag ullachadh airson Cuach na Cloinne 2018.

Tha am farpais ball-coise, (5 air gach taobh) airson clann sa bhun-sgoil, clasaichean 4-7, balaich agus clann-nighean, aig am bheil Gàidhlig.  Aig an ìre seo, tha sinn airson fiosrachadh fhaighinn air na sgoiltean a tha airson gabhail pàirt san fharpais.  Tha sinn mothachail gu bheil cuid a sgoiltean le àireamhan cho ìseal agus nach tig aca air sgioba a chuir ri chèile, agus air sgàth sin, tha sinn gu math toilichte gun tigeadh sgoiltean ri chèile airson sgiobaidhean a chuir a-staigh. Cuideachd, tha sinn toilichte clann fo-clas 4 fhaicinn ma tha feum air an sin.

Tha sinn an dùil cumail ris an aon chruth air an fharpais, le sia farpaisean roinneil air an cumail leis na sgiobannan a ghleidheas na farpaisean roinneil, a’ dol troimhe gu Cuairtean Deireannach. 

Tha sinn an dùil farpaisean roinneil a chumail an Leòdhas, Dalabrog/Lionacleit, Port Rìgh, Inbhir Nis, An Gearasdan agus Glaschu.  Thèid na Cuairtean Deireannach an cumail  air Dimàirt 29 Cèitean, an Inbhir Nis aig Pàirce Bhught.

‘S iad seo na cinn-latha airson na farpaisean roinneil:

  • Diardaoin 3 Cèitean 2018 - Pàirce Ioma-aimsir, Steòrnabhagh/Ionad Cur-seachadan a’ Bhac
  • Diardaoin 3 Cèitean 2018 - Bun-sgoil Dhalabroig/Sgoil Lionacleit
  • Dihaoine 4 Cèitean 2018 - Àrd-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
  • Dimàirt 8 Cèitean 2018 - Pàirce Bhught, Inbhir Nis
  • Diciadain 9 Cèitean 2018 - Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair, An Gearasdan
  • Diardaoin 10 Cèitean 2018  - Ionad Ball Coise Glasgow Green, Glaschu

Tòisichidh na farpaisean uile aig 10.30m agus tha sinn a’ sùileachadh gum bidh iad deiseil mu leth-uair an dèidh mheadhan-là, a rèir àireamh sgiobannan.

Tha Cuach na Cloinne 2018 air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar agus air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig

Airson tuilleadh fiosrachadh: calumiain@cnag.org