Fàs mòr a’ tighinn an àireamhan Cuach na Cloinne 2018

.

Read this in English

Tha fàs mhòr air tighinn air Cuach na Cloinne thairis na 12 bliadhna bho thòisich e agus se farpais 2018, an fharpais as motha a bh’ ann gu ruige seo le 78 sgioba bho 38 sgoiltean a’ gabhail pàirt.  Air a thòisich an fharpais an 2007, se 39 sgioba bho 27 sgoiltean a ghabh pàirt!  Tha seo na thoileachas agus na adhbhar mhisneachd do Chomunn na Gàidhlig, a tha air a bhith a’ ruith an fharpais thairis nam bliadhnachan.

Se farpais ball-coise do chlann-sgoile eadar P4-7, a tha leantainn foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, a th’ ann an Cuach na Cloinne.  Am bliadhna sa, thèid farpaisean roinneil a chumail an Leòdhas, Uibhist a-Deas, An t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, An Gearasdan agus Glaschu leis na sgiobannan soirbheachail sna farpaisean roinneil a’ dol troimhe chun cuairtean deireannach a chumadh an Inbhir Nis air 29 Cèitean.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, “Tha Cuach na Cloinne air cliù a chosnadh dha fhèin agus tha e a-nis gu mòr stèidhte ann am mìosachan nan sgoiltean, leis a’ chlann gu mòr a’ coimhead air adhart ris.  Tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri farpais air leth soirbheachail air a’ bhliadhna sa le faisg air 500 duine cloinne a’ gabhail pàirt ann.  Tha e na adhbhar misneachd dhuinn gu bheil àireamhan ag èirigh bliadhna air bhliadhna. Bidh barrachd sgiobaidhean an sàs am farpais na bliadhna sa na bha riamh roimhe. Tha mi airson taing a thoirt do na buidhnean a tha a’ cur taic ri Cuach na Cloinne, `s iad sin, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar, agus a’ guidhe gach beannachd air na 78 sgiobannan a’ bhios a’ sabaid son tiotal Cuach na Cloinne 2018.”

Thuirt an Comhairliche Iain A MacÌomhair, Cathraiche Comataidh Gnìomhachaidh Plana Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar, “Tha Comhairle nan Eilean Siar fìor thoilichte taic a thoirt do Chuach na Cloinne aon uair eile. Tha e cudromach gu bheil clann a tha a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ faighinn cothroman a bhith a’ cleachdadh an cànan taobh a-muigh an t-seòmar-sgoile agus a bhith a’ coinneachadh ri clann bho cheàrnaidhean eile aig a bheil a’ Ghàidhlig.  Tha seo a’ daingneachadh dhaibh nach ann a-mhàin sna coimhearsnachdan aca fhèin a tha a’ Ghàidhlig air a cleachdadh ach ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba air fad.  Tha mi air leth toilichte faicinn am fàs a th’ air tighinn an àireamhan na sgiobannan bho na h-Eilean an Iar a tha a’ gabhail pàirt san fharpais le 33 sgioba bho 15 sgoiltean a gabhail pàirt.  Tha sin faisg air 200 duine cloinne.  Tha mi a’ guidhe gach soirbheachadh don fharpais agus do sgiobannan nan Eilean Siar gu sònraichte.” 

Thuirt Daibhidh Boag Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig “ Tha Cuach na Cloinne air a bhith air leth soirbheachail thairis air na bliadhnaichean ann a bhith a’ toirt òigridh ri chèile bho air feadh Alba agus a’ toirt cothroman dhaibh Gàidhlig a’ bhruidhinn ri chèile agus ceanglaichean a’ dhèanamh tron fharpais. Anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh sa Mhàrt tha àite sònraichte aig an òigridh airson maith na Gàidhlig anns na bliadhnaichean a tha romhainn agus tha tachartasan mar Cuach an Cloinne a’ cur ri amasan a chaidh fhoillseachadh sa Phlana” 

Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionnghain, Cathraiche Comataidh Goireasan Corporra aig Comhairle na Gàidhealtachd, “ Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a’ cumail taic ri Cuach na Cloinne thairis an 12 bliadhna a chaidh seachad, agus tha e na adhbhar thoileachas dhuinn coimhead a’ fàs a th’ air tighinn air an àireamh sgiobannan bho sgoiltean an Roinn Gàidhealtachd a tha a’ gabhail pàirt san fharpais. Tha e cudromach gu bheil tachartasan spòrs, tron Ghàidhlig, mar Cuach na Cloinne a’ tachairt taobh a-muigh a’ churraicealam foirmeil.”

Tòisichidh an fharpais an diugh, Dimàirt 1 Cèitean leis an fharpais roinneil aig Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair.

Tha Cuach na Cloinne 2018 air a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd is Bòrd na Gàidhlig agus air a ruith le Comunn na Gàidhlig.