Sgitheanaich òg a’ faighinn prògram dà là còmhla ri Spòrs Gàidhlig

.

Read this in English

Bha sluagh mòr de Sgitheanaich òg an sàs le cur-seachadan spòrsail air a’ bhlàr a-miugh air an 9mh agus an 10mh là den Chèitean còmhla ri buidheann Spòrs Gàidhlig.

Is e Còmhairle na Gàidhealtachd a thug seachad taic-airgid mu choinneamh na prògram spòirs seo.  Bha sgoilearan an làthair bho na sia bhun-sgoiltean Sgitheanach far am faighear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.   A thuilleadh air bhun-sgoilearan, chaidh seiseanan a chumail do dh’àrd-sgoilearan cuideachd.

Air a’ chiad là, chumar buithnean obrach air ‘Comas Choille’ nuair a dh’ionnsaich sgoilearan à P6 is P7 mu lasadh is mùchadh theinntean.  Air an dàrna là ann am Port Rìgh, ghabh sgoilearan às na sia bhun-sgoiltean pàirt ann an Fhèis Shligheadaireachd.  Tro na h-Iomairtean a tha ag obair air feadh Alba, tha Comunn na Gàidhlig air a bhith lìbhrigeadh seiseanan ann an sligheadaireachd bho 2016.  Chan e a-mhàin gu bheil an tachartas a’ còrdadh gu mòr ris a’ chloinn ach gu bheil iad fhèin gu nàdarra sgileil air.  Ann an ùine ghoirid, tuigidh an òigridh nach e bun is bàrr an t-astar a th’aig duine ach an comas a bhith cuir sgilean shligheadaireachd an cèill tro bhith leughadh agus a’ leanntainn map.

Ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, tha 26 neach à S1 ag obair a dh’ionnsaigh Duais Iain Muir aig Ìre 1.  Bho 2012, tha Comunn na Gàidhlig air a bhith lìbhrigeadh ‘DIM’ do dh’àrd-sgoilearan air feadh Alba.  A dh’aindeoin dhroch thìde air an là, ghabh an òigridh cuairt maidne gu Sgoire Breac, aig oir bhaile Phort Rìgh gus ionnsachadh mu na beathaichean fhiadhaich a thadhlas air.  Mun àm a thàinig an fheasgar, bha aig Spòrs Gàidhlig ri gluasad gu Plan B agus buth-obrach a chumail a-staigh air ‘Mapland’.

Gun teagamh, bha dà là thrang ann do sgoilearan an Eilein Sgitheanaich leis a’ phrògram seo.   Gu lèir, ghabh 123 duine òg pàirt sna cur-seachadan agus rinn gach aon oidhirp a bha math ga rìreabh agus na togail cridhe.

Thuirt Alasdair MacFhionghuin, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Leasachaidh na Gàidhlig:

“Tha mi air leth thoilichte gun do chum Sgioba Ghàidhlig na Còmhairle taic ri buidheann Spòrs Gàidhlig ann a bhith lìbhrigeadh prògram choileanta de chur-seachadan do Sgitheanaich òg.  Is math cuideachd gun tug Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh seachad goireasan an togalaich do sgoilearain bho air feadh an Eilein Sgitheanaich.”  Lean Mgr MacFhonghuin air, “Tha e cudromach gum faigh an òigridh cothroman an cuid Ghàidhlig a chleachdadh tro chur-seachadan a tha taobh a-miugh Churaicealam na sgoile.  Brosnaichidh an leithid an cuid sgilean chànain, agus bheir e ri chèile togail chànain agus sgilean eile coltach ri sligheadaireachd.  Is e eisimplir mhath a tha seo air mar a dh’fhaodas Comhairle na Gàidhealtachd, tro sgioba Ghàidhlig fhèin, a bhith an sàs ann an compàirteachas le na buidhnean Ghàidhlig.”

Chaidh Spòrs Gàidhlig a chuir air chois anns an Dàmhair 2016 agus tha e ceangailte ri Comunn na Gàidhlig.  Is ann airson cur-seachadan bheòthail a thathairnn do dh’òigridh air feadh Alba a tha e.  Bithear ag obair gu h-àraidh le sgoiltean ann a bhith lìbhrigeadh phrògram a chòrdas ris a’ Churaicealam airson Sàr-mhaitheis.  Steidhichte aig Loids a’ Ghlinne Mhòir sa Mhonadh Ruadh, siubhlaidh sgioba Spòrs Gàidhlig air feadh Alba gus seirbhis a thoirt seachad.  Is ann tro chànan nan Gàidheal a bhios iad ag obair sa bhitheantas.  Nuair a bhios feum air, tha Spòrs Gàidhlig deiseal airson seiseanan Bheurla a lìbhrigeadh, far am faodar a bhith cìnnteach gum bi blasad Ghàidhlig aig cridhe an fhoghlaim.

Thar an dà là ainmichte, bha spiorad fallainn agus fosgailte gu math follaiseach eadar sgoilearan is sgoiltean an Eilein Sgitheanaich.  Tha Spòrs Gàidhlig is Comunn na Gàidhlig gu mòr an comain Chomhairle na Gàidhealtachd airson taic-airgid a thoirt seachad dhan phrògram seo.  www.spors.scot   www.cnag.org