Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 14 November 2013

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin 14 Samhain 2013 aig 2.00f.

Brath Craoladh-lìn:  Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,
Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear
Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.
Gnothachas

1. Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt

 Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo.  Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt.  Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Deagh Naidheachdan

Thathar a’ cuairteachadh Deagh Naidheachdan (21kb pdf) agus ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near dhi.

4. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach” – Aithisg Bhuileachaidh    

Tha Aithisg Àir. GIG-18-13 (40kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt a’ chiad fhios às ùr do Bhuill mu bhuileachadh Phlana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach”.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-
i. beachdachadh air buileachadh Cuspair an Leasachaidh Eaconamaich anns a’ Phlana Ghàidhlig;
ii. aontachadh gun tèid gnìomh as ùr a dhèanamh air Com-pàirteachas Cosnaidh is Sgilean na Gàidhlig agus gun dèanar ceangal le eòlaichean bho Rannsachadh na Margaid Fastachd aig an Riaghaltas;
iii. aontachadh gum brosnaichear margaideachd dhreuchdan agus chothroman obrach Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Leasachadh Sgilean na h-Alba agus feadhainn eile;
iv. aontachadh gun tèid meud-comais eaconamach chom-pàirteachasan àrach is a leasachadh, nam measg Fèis Bhlas, Fèisean nan Gàidheal, Fèis Rois agus An Comunn Gàidhealach; agus
v. aontachadh gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air dòighean gus tachartasan ìomhaigh àrd a bhios buannachdail gu h-eaconamach is gu cultarail a thàladh, agus aoigheachd a thoirt dhaibh air Ghàidhealtachd. 

5. A’ Ghàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach                                              

Tha Aithisg Àir.  GIG-19-13 (33kb pdf) le ceann-latha 28 Dàmhair 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt an fhiosrachaidh as ùire do Bhuill mun t-suidheachadh làithreach a thaobh na buaidh a tha air a bhith aig a’ Ghàidhlig ann an lìbhrigeadh phròiseactan leasachaidh eaconamaich sa Ghàidhealtachd.

Tha an aithisg a’ toirt taic do dh’amasan phrògram phrìomhachasan na Comhairle, ‘Ag Obrachadh Còmhla airson na Gàidhealtachd.’ Thathar a’ comharrachadh an eaconamaidh mar aon de phrìomh chuspairean a’ phrògraim, agus tha am Plana Gàidhlig làithreach a’ toirt luaidh shònraichte air cudromachd na Gàidhlig mar sho-mhaoin a dh’fhaodas leasachadh eaconamach a bhrosnachadh.
Thathar a’ toirt mìneachadh air grunn iomairtean leasachaidh eaconamaich a tha a’ toirt taic do Ghealltanasan Ro-innleachdail aon agus dhà a thaobh Leasachadh Eaconamach sa Phlana Ghàidhlig. Tha iad seo ann gus iomairtean a tha a’ neartachadh cleachdadh is ìomhaigh na Gàidhlig taobh a-staigh leasachadh eaconamach coitcheann agus pròiseactan turasachd sa Ghàidhealtachd a chruthachadh is taic a thoirt dhaibh. A bharrachd, tha e a’ mìneachadh an dealais do bhith ag obair le com-pàirtichean gus ro-innleachdan a leasachadh airson na margaidh obrach Gàidhlig, a’ gabhail a-steach comhairle mu dhreuchdan, togail sgilean, foghlam adhartach agus àrd-ìre agus cothroman greisean-obrach.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an aithisg agus air an taisbeanadh agus toirt fa-near dhaibh.

6. Meòrachan Tuigse le Sabhal Mòr Ostaig – Aithisg Phròiseactan         

Tha Aithisg Àir. GIG-20-13 (19kb pdf) le ceann-latha 31 Dàmhair 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios do Bhuill mun adhartas gu ruige seo a thaobh nam pròiseactan air a bheilear ag obair fon Mheòrachan Thuigse eadar a’ Chomhairle agus Sabhal Mòr Ostaig (SMO).

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn aontachadh gun lean oifigearan air adhart ag obair is a’ dèanamh ceangal le oifigich SMO a thaobh prìomh leasachaidhean sa Mheòrachan Thuigse.

7. Dàta Gàidhlig bho Chunntas-sluaigh 2011     
Tha Aithisg Àir. GIG-21-13 (36kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ cur fàilte air taisbeanadh bhon Dr Dùghlas Ansdell, Ceannard Aonad na Gàidhlig is na h-Albais aig Riaghaltas na h-Alba. Bheir an Dr Ansdell taisbeanadh a bheir sealladh coitcheann mun dàta Ghàidhlig a chaidh a tharraing bho Chunntas-sluaigh 2011, agus bheir e cuideachd suirbhidh seachad mu phrìomhachasan làithreach airson na Gàidhlig ann an Alba.

 Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an aithisg agus air an taisbeanadh.
8. Còmhraidhean mun Ghàidhlig le Leasachadh Sgilean na h-Alba  

 Tha Aithisg Àir.  GIG-22-13 (30kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt seachad sealladh coitcheann bhon Bhuidhinn Bhuileachaidh a thaobh mar a thathar a’ buileachadh Cuspair an Leasachaidh Eaconamaich ann am Plana Gàidhlig 2012-16.  Tha i a’ toirt sealladh do Bhuill air ceangal na Comhairle le Leasachadh Sgilean na h-Alba (LSA) a thaobh mar a thathar a’ buileachadh nam planaichean Gàidhlig againn le chèile, agus ag aithris gun deach dà choinneamh tharbhach a chumail eadar LSA agus oifigich na Comhairle agus gu bheilear a’ cur coinneamh eile, le com-pàirteachas bho Bhòrd na Gàidhlig, air dòigh gus aonta fhaighinn air na gnìomhan sònraichte a tha a dhìth gus na cùisean a tha air am mìneachadh san aithisg seo a thoirt air adhart.

 Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

 i. beachdachadh air co-obrachadh làithreach is air co-obrachadh a dh’fhaodadh a bhith air a dhèanamh san àm ri teachd eadar a’ Chomhairle agus Leasachadh Sgilean na h-Alba;
ii. aontachadh gun tèid co-ghnìomhan a phutadh air adhart a thaobh clàran-gnothaich co-roinnte ann am Planaichean Gàidhlig Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Chomhairle na Gàidhealtachd; agus
iii. aontachadh gun tèid measadh a bharantachadh mun iarrtas, agus an comas solarachadh, airson chothroman do dhaoine nas sine gus bruidhinn is èisteachd ri Gàidhlig taobh a-staigh solar cùraim a tha air a mhaoineachadh gu poblach.

9. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” – Aithisg Bhuileachaidh         
Tha Aithisg Àir. GIG 23-13 (44kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios às ùr do Bhuill mu bhuileachadh Cuspair 2 den Phlana Ghàidhlig “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam.”  Tha e a’ toirt fiosrachadh mu iomairtean aig ìre nàiseanta, mu chom-pàirteachas leantainneach le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Foghlam Alba; mu adhartas le leasachaidhean anns na roinnean Ro-sgoile, Bun-sgoile agus Àrd-sgoile, a’ gabhail a-steach ceangal le iomairt Cànanan 1+2 an Riaghaltais; agus suirbhidh thidsearan air feadh na Gàidhealtachd gus tagraichean bhon luchd-obrach a th’ ann mar-thà a chomharrachadh mar thidsearan a dh’fhaodadh tighinn an lùib Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i. beachdachadh air adhartas a thaobh a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim ann am Plana Gàidhlig 2012-16;
ii. aontachadh gun leanar air adhart a’ togail Foghlam Gàidhlig a-steach do bhuileachadh an Riaghaltais a thaobh Clàr-gnothaich Cànanan 1+2 aig Riaghaltas na h-Alba;
iii. aontachadh gun cleachd a’ Chomhairle gach slighe a tha ri fhaotainn gus cùisean a rèiteach a thaobh Goireasan Àrd-sgoile Gàidhlig a chruthachadh is eadar-theangachadh;
iv. aontachadh gun tèid ath-sgrùdadh nàiseanta a dhèanamh de na goireasan a tha rim faotainn airson Foghlam Gàidhlig agus an dòigh as fheàrr gus prìomhachas a thoirt do chruthachadh ghoireasan Foghlam Gàidhlig thar solar 0–18; agus
v. aontachadh gun dèan a’ Chomhairle ceangal le co-obraichean Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig a thaobh ceistean goireis a bhios a’ tighinn am bàrr ri linn nan leasachaidhean soirbheachail ann an Inbhir Theòrsa, Inbhir Nis, sa Ghearasdan agus ann am Port Rìgh.

10. Am Mòd Nàiseanta Rìoghail sa Ghàidhealtachd    

Tha Aithisg Àir.  GIG-24-13 (20kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh às ùr do Bhuill mun Mhòd Nàiseanta Rìoghail a tha gu bhith sa Ghàidhealtachd ann an 2014 agus 2017, a’ gabhail a-steach adhartas is leasachadh gu ruige seo a thaobh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhios air aoigheachd ann an Cathair-bhaile Inbhir Nis san Dàmhair 2014.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i. beachdachadh air an adhartas a thaobh Mòd Inbhir Nis 2014; agus
ii. aontachadh gun cuirear fàilte air a’ Mhòd a’ tilleadh a Loch Abar ann an 2017.

11. Plana a’ Dol air Adhart airson Chlàran-gnothaich 2014 agus Taisbeanaidhean Chom-pàirtichean 

 Tha Aithisg Àir. GIG-25-13 (46kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu thaghadh de chom-pàirtichean leis a bheil ceangal cunbhalach aig a’ Chomhairle agus leis a bheil sinn a’ lìbhrigeadh a’ Phlana Ghàidhlig againn.  Tha an aithisg a’ moladh nan Cuspairean sa Phlana Ghàidhlig air am bi sinn ag aithris aig gach aon de choinneamhan Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an 2014, agus clàr de thaisbeanaidhean bho bhuidhnean com-pàirteach gus cur ri deasbad is còmhraidhean mu bhuileachadh a’ Phlana.  Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn aontachadh ris a’ phrògram de chlàran-gnothaich is thaisbeanaidhean aig Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, mar a tha air am mìneachadh ann am paragraf 3.1 agus san eàrr-ràdh den aithisg.