Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 13 November 2014

Minutes: Read the Minutes

Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 13 Samhain 2014 aig 10.30m.

An làthair     

Mgr C MacAmhlaigh
Mgr D Fallows (Ball-ionaid)
Mgr S MacGilleBhrath
Mgr C MacLeòid
Mgr F Parr
An Dr A Nic na Ceàrdaich
A’ Bh-uas C Stephen

A’ frithealadh na coinneimh:

Mgr S Steven, Ceannard an Fhoghlaim, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas C NicDiarmaid, Ceannard Poileasaidh agus Ath-leasachaidh, Oifis an Àrd-oifigeir
Mgr C A Moireach, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, Oifis an Àrd-oifigeir
A’ Bh-uas Mòrag Anna NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Oifis an Àrd-oifigeir
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra
A’ Bh-uas F NicBheathain, Rianaire Comataidh, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra

Cuideachd an Làthair:

An t-Ollamh B Robasdan, Prionnsapal, Sabhal Mòr Ostaig
Mgr D MacCoinnich, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, Leasachadh Sgilean na h-Alba
Mgr D MacLeòid, Oifigear Foghlaim Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd/Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.

An Toiseach

Seach nach robh Mgr S Friseal an làthair, a rèir teirmean Òrdugh Seasmhach 11.1, DH’AONTAICH a’ Bhuidheann Mgr C MacLeòid a chur an dreuchd, às dèidh moladh agus taic dhan mholadh, gu bhith na Chathraiche air a’ choinneimh.  

Gnothach

1.      Leisgeulan

Ghabhadh leisgeulan às leth Mhgr G Farlow, Mhgr C Fhriseil, Mhgr S Fhriseil, Mhgr I Ghòrdain agus na M-uas M E NicPheadrais.

2.      Foillseachaidhean Com-pàirt

 Cha robh Foillseachaidhean Com-pàirt ann.

3.     Sabhal Mòr Ostaig – Taisbeanadh

Thug an t-Ollamh Boyd Robasdan seachad taisbeanadh a’ toirt sealladh coitcheann air buannachdan eaconamach Shabhail Mhòir Ostaig (SMO).

Anns an taisbeanadh aige, shoilleirich an t-Ollamh Robasdan gur e Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig a bha ann an SMO, agus gun robh e a’ tabhann àrd-ùrlar airson ath-bheothachadh cànanach, cultarach, sòisealta agus eaconamach. Mhìnich e rùn na Colaiste agus bheachdaich e gu sònraichte air a’ bhuaidh eaconamach a bh’ aige an dà chuid gu h-ionadail is gu nàiseanta.  Thug e seachad fiosrachadh mun àireamh dhreuchdan (138 agus 155 co-ionnan ri làn-ùine, an dà chuid taobh a-staigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus taobh a-staigh na h-Alba) agus an teachd-a-steach a bhathar a’ tarmachadh (£3.5 agus £3.9 millean, a-rithist an dà chuid taobh a-staigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus taobh a-staigh na h-Alba).

Bha a’ mhòr-chuid den luchd-obrach a’ fuireach ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus b’ e £26,700 an tuarastal cuibheasach airson obraichean san àrainn, agus bha seo gu math na b’ àirde na a’ chuibheasach airson an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse. Bha an eaconamaidh ionadail a’ faighinn buannachd a bharrachd le mu £385k ga chosg far na làraich, mar bu trice le oileanaich, tachartasan dhan robh a’ Cholaiste a’ toirt aoigheachd agus leapannan oidhche ann an taighean-òsta agus aitreabhan Leabaidh is Bracaist. Bha a shoirbheas ri fhaicinn ann an àireamh-sluaigh Shlèite a bha air dùblachadh bhon a bha SMO air fosgladh ann an 1973. Bha a’ Cholaiste cuideachd air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ tarraing Maoineachadh Leasachaidh Roinneil Eòrpach airson grunn phròiseactan, a’ gabhail a-steach an goireas Fàs agus Stiùidio Ostaig, a bha air faisg air £7m fhaighinn.

A’ tionndadh chun an ama ri teachd, mhìnich an t-Ollamh Robasdan planaichean airson leasachadh na Cille Bige, pròiseact £41m a leudaicheadh a’ Cholaiste agus a bheireadh seachad suas ri 75 aonad taigheadais ùr airson cleachdadh measgaichte, goireasan spòrs is cur-seachad coimhearsnachd, ionad co-labhairt, taigh-òsta, cafaidh agus aonadan reic agus iomairt.  Bha seo mar-thà air cur gu mòr ri eaconamaidh ceann a deas an Eilein Sgitheanaich bho chosg co-cheangailte ris a’ chaiteachas calpa de £6.2m air Ceum 1 agus, rè a’ cheum thogail, bha am prìomh chunnradair, Robertsons, agus na fo-chunnradairean aca air cosnadh a thoirt do eadar 24 agus 53 neach-ciùird sgileil.  Bha còrr is leth nan obraichean a bha co-cheangailte ri Ceum 1 aig a’ Chill Bhig stèidhichte sa Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan agus bhathar air taic a thoirt do 3 preantasachdan òigridh. A bharrachd, bhathar a’ cumail suas obraichean ionadail aig Urras Coimhearsnachd Shlèite le co-dhùnadh na Colaiste na sgealban-fiodha bith-thomaid airson a’ ghoileadair 99kW aig a’ Chill Bhig fhaighinn bho Choille an Torra Mhòir. Bha seo a bharrachd air an £40k a bha a’ Cholaiste mar-thà a’ cosg gach bliadhna air an Urras a bha a’ solarachadh connadh sgealb-fiodha airson goileadair 500kW na Colaiste aig Àrainn Chaluim Chille.

Thug Buill taing dhan Ollamh Robasdan agus, rè a’ chòmhraidh, chuir iad fàilte air an àrdachadh iongantach sluaigh ann an Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich mar thoradh dìreach air SMO, a bharrachd air na buannachdan eaconamach a bha a’ Cholaiste air a thoirt an dà chuid dhan choimhearsnachd ionadail agus fharsaing, agus oileanaich bho air feadh an t-saoghail a’ gabhail tlachd às na cùrsaichean aige. Am measg nam buannachdan a bharrachd bha leasachaidhean do rathaidean agus do cheangalan còmhdhalach.

Chaidh moladh a dhèanamh air Sir Iain Noble, 3mh Tighearna Àird Chonghlais agus Eilean Iarmain (8 Sultain 1935 – 25 Dùbhlachd 2010) airson a lèirsinn agus airson na rinn e gus SMO a stèidheachadh ann an 1973. Mhol cuid de Bhuill an ùine a bha iad fhèin air a chur seachad ann an SMO agus dh’iarr iad air càch fear de na cùrsaichean goirid cànain fheuchainn nam faigheadh iad an cothrom. Chaidh dearbhadh gun robh planaichean ann gus sgrùdadh a dhèanamh air solar sgoil shamhraidh, gu h-àraid aon uair ’s gun robh an t-ionad cho-labhairt deiseil, a bharrachd air cothrom dh’fhaodte dreuchd ruigsinn a-mach a leasachadh ann an Inbhir Nis. An-dràsta, dh’fhaodadh oileanaich UHI uile cùrsaichean Gàidhlig SMO a ruigsinn tro Cho-labhairt Bhidio, agus an-dràsta bha còrr is leth nan oileanach ag ionnsachadh aig astar.

Chaidh moladh gun deidheadh am pàipear a dh’fhoillsich Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a thaobh buaidh eaconamach SMO air a’ choimhearsnachd ionadail a chuairteachadh gu Buill na Buidhne. Gu sònraichte, bha e a’ cur aghaidh ri mòran de na h-argamaidean a bha iadsan a bha fhathast an aghaidh a bhith a’ maoineachadh iomairtean Gàidhlig a’ dèanamh.

 Às dèidh sin:-

i.       THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh; agus
ii.      DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh am pàipear a chuir iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean   a-mach a thaobh buaidh eaconamach na Gàidhlig agus Sabhal Mòr Ostaig air an eaconamaidh ionadail a chuairteachadh gu Buill na Buidhne.

 

4.      Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach” – Aithisg Bhuileachaidh                                       

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/18/14 le ceann-latha 30 Dàmhair 2014 le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh a’ toirt cunntas tùsail mu bhuileachadh Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5, “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach.”

Bha dà ghealltanas ro-innleachdail ann an Cuspair an Leasachaidh Eaconamaich, a bha air am mìneachadh san aithisg, agus thugadh seachad eisimpleirean practaigeach mu na dòighean san robhar a’ coinneachadh ris gach fear dhiubh. Bha Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA gu bhith air an cumail ann an Inbhir Nis air an 13 Dùbhlachd 2014 agus Fèis nam Meadhanan Ceilteach gu bhith air a cumail ann an Inbhir Nis air an 22-24 Giblean 2015, an dà thachartas a’ toirt àrd-ùrlar follaiseach ioma-mheadhanach dhan Ghàidhlig agus a’ toirt buannachdan eaconamach cudromach gu sgìre na Comhairle. 

Ann an com-pàirteachas le càch, leanadh a’ Chomhairle air adhart le oidhirpean ìomhaigh dreuchdan agus sgilean Gàidhlig àrdachadh tro iomairtean a bha a’ gabhail a-steach tachartasan Dreuchdan Gàidhlig, a bha air gabhail àite ann an Inbhir Nis air 31 Dàmhair 2014, agus stèidheachadh Com-pàirteachas Cosnaidh agus Sgilean Gàidhlig. Bhathar ag obair ann an co-bhuinn ri Seirbheis Leasachaidh agus Bun-structair na Comhairle gus gnothachasan ionadail a bhrosnachadh gus soidhnichean Gàidhlig a chleachdadh.

Chuir Buill fàilte air an obair a bhathar a’ dèanamh ach mhol iad gum faodadh barrachd a bhith air a dhèanamh taobh a-muigh Inbhir Nis, is thugadh iomradh air Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd mar eisimpleir de bhad a dh’fhaodadh buannachd fhaighinn bho ìomhaigh Ghàidhlig nas làidire. A thaobh bhùithtean is ghnothachasan nas lugha, chaidh dearbhadh gum b’ urrainnear cuideachadh a thoirt seachad le eadar-theangairean agus clàraidhean claistinne le iarrtas.  

DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:-  

i.          fàilte a chur air Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA agus Fèis nam Meadhanan Ceilteach gu Inbhir Nis agus sgrùdadh a dhèanamh air dòighean sam b’ urrainnear aoigheachd a thoirt sa Ghàidhealtachd do thachartasan àrd-ìomhaigh a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig agus a bheireadh buannachdan eaconamach is cultarach seachad;
ii.         ri gnìomhachd is gnìomhan as ùr a thaobh Com-pàirteachas Cosnaidh agus Sgilean Gàidhlig agus ceangal le eòlaichean Rannsachadh Margaidh Fhastachd an Riaghaltais;
iii.        margaidheachd Dhreuchdan agus Chothroman Obrach Gàidhlig a bhrosnachadh taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Leasachadh Sgilean na h-Alba agus feadhainn eile; agus
iv.        comas eaconamach chom-pàirteachasan a’ gabhail a-steach Fèis Bhlas, Fèisean nan Gàidheal, Fèis Rois agus An Comunn Gàidhealach a thoirt air adhart is a leasachadh.

5.      Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis 10-18 Dàmhair 2014 – Aithisg Thùsail mu Lìbhrigeadh

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/19/14 le ceann-latha 1 Samhain 2014 le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh a’ toirt aithisg thùsail mu lìbhrigeadh com-pàirteach a thaobh na h-aoigheachd a thug a’ Chomhairle dhan a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis eadar an 10-18 Dàmhair 2014.

Bha còmhdach agus beachdan sna meadhanan air a bhith math agus bha còrr is 3,000 farpaiseach air com-pàirt a ghabhail agus bha còrr is 8,500 neach-tadhail air tighinn chun na sgìre. Bha 100 tachartas air a bhith an lùib Iomall a’ Mhòid, a bha na bu mhotha na bha Prògram Iomaill a’ Mhòid riamh roimhe ann an eachdraidh a’ Mhòid agus, mar thoradh, bhathar an dùil gun robh am Mòd air teachd-a-steach susbainteach a chruthachadh airson eaconamaidh na sgìre ionadail. Bhathar a’ deasachadh Sgrùdadh Buaidh Eaconamach agus bha a’ Chomhairle an dùil dreachd fhaighinn ro dheireadh na bliadhna, agus bha aig a’ Chomunn Ghàidhealach ri taisbeanadh a thoirt seachad aig an ath choinneamh dhen Bhuidhinn air 19 Gearran 2014. Thugadh seachad geàrr-chunntas de na tachartasan àrd-ìomhaigh san robh a’ Chomhairle an sàs gu dìreach rè a’ Mhòid.

Rè na deasbaireachd, mhol Buill na farpaisich agus thugadh iomradh air grunn bhuanaichean a’ Bhuinn Òir. Bhathar an dùil gur e àite math a bh’ ann an Cùirt Eden ach chaidh a thogail gun robh aig luchd-èisteachd ri pàigheadh airson faighinn a-steach do gach rùm-farpais fa leth, agus mar sin bha e daor dhaibhsan a bha a’ coimhead air grunn fharpaisean. Le aire dhan a seo, chaidh iarraidh gum beachdaicheadh An Comunn Gàidhealach air cead-latha no tiogaid ioma-fharpais airson Mhòdan san àm ri teachd. Chaidh daingneachadh gun robh tachartasan Iomall a’ Mhòid air a bhith fìor mhath mar dhòigh gus daoine aig nach robh ùidh dhìreach sa Ghàidhlig com-pàirt a ghabhail, mar a bha an geama camanachd eadar-nàiseanta.

Às dèidh soirbheachas a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus Iomall a’ Mhòid ann an Inbhir Nis a mholadh, DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun toireadh Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich seachad molaidhean agus toraidhean bho Sgrùdadh na Buaidh Eaconamaich do Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig air 19 Gearan 2015.

6.      Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg  Bhuileachaidh 

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/20/14 le ceann-latha 30 Dàmhair 2014 le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt fios as ùr mu bhuileachadh Phlana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2, “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam.”

Thug an aithisg seachad fiosrachadh air raon farsaing iomairtean ionadail agus nàiseanta thar nan còig amasan a bha air an gabhail a-steach ann an Cuspair 2, a bharrachd air staitistig nàiseanta a bha a’ sealltainn solar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd airson 2013/14 agus an dealbh nàiseanta airson an aon àm. Chaidh cur an cuimhne nam Ball gun robh mapa air-loidhne air làrach na Comhairle gus sealltainn do phàrantan, agus pàrantan a dh’fhaodadh a bhith a’ beachdachadh air gluasad dhan Ghàidhealtachd, na h-àiteachan far an robh a’ Chomhairle a’ solarachadh Foghlam Sgoil-àraich, Bun-sgoile agus Àrd-sgoile.  

Chaidh Mgr Dòmhnall MacLeòid, an t-Oifigear Foghlaim Gàidhlig a bha ann an dreuchd cho-roinnte eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, a chur an aithne nam Ball. B’ e dreuchd Mhgr MhicLeòid taic a thoirt do sgoilearan agus do thidsearan anns an dà sgìre. Chaidh diofar phròiseactan bhon aithisg a shoilleireachadh mar a leanas:

  • Bhathar air £50k de mhaoineachadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba gus taic a chur ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an 5 àiteachan air feadh Alba, agus bha 2 dhiubh seo sa Ghàidhealtachd;
  • bha suirbhidh de thidsearan sa Ghàidhealtachd air mu 600 freagairt a tharraing, agus bha 30 dhiubh seo air nochdadh gum biodh iad deònach trèanadh a ghabhail os làimh airson Gàidhlig sa Bhun-sgoil agus bha cha mhòr 60 air nochdadh gum biodh ùidh aca a bhith a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Bha obair ri dhèanamh gus na tidsearan sin a chomharrachadh agus fios a chur thuca;
  • tha a-nis 25 buidheann shaor-thoileach Ro-sgoile Gàidhlig ann a’ toirt ceangal thràth-bhliadhnaichean do mu 300 leanabh;
  • bha obair a’ dol air adhart air an sgoil ùir Ghàidhlig ann am Port Rìgh, a bhathar an dùil a bhiodh deiseil ann an 2017, agus anns a’ Ghearasdan, far an robhar an dùil gum fosgladh an sgoil ùr air 5 Lùnastal 2015;
  • bhathar a’ togail campus 3-18 ann am Baile Dhubhthaich; agus
  • bha dùil ri Staitistig Foghlaim Gàidhlig airson 2013-14 a dh’aithghearr ach bha oifigearan toilichte aithris gun robh àrdachadh susbainteach air a bhith ann an inntrigeadh gu Clas 1.

Rè na deasbaireachd, chuir Buill fàilte air na bha a’ gabhail FMG agus na bha a’ dol troimhe. Bha e cudromach pàrantan a bhrosnachadh gus a’ Ghàidhlig a thogail agus thugadh seachad geàrr-chunntas den taic a bha ri fhaotainn do phàrantan. Chaidh iomradh a thoirt air na buannachdan a bha an lùib dà-chànanais san fharsaingeachd agus pròiseact a bh’ ann o chionn ghoirid far an robh sgoilearan FMG air tadhal air dachaigh cùraim gus Gàidhlig a bhruidhinn ri luchd-còmhnaidh aig an robh a’ Ghàidhlig mar chànan mhàthaireil.

DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:-

 i.          ceangal tràth a dhèanamh le Bòrd na Gàidhlig a thaobh na h-iomairt margaidheachd nàiseanta a bha a’ gabhail a-steach dà sgìre sa Ghàidhealtachd, ’s e sin Inbhir Pheofharain agus Baile Dhubhthaich;
ii.         a dhol an gnìomh gu luath le Bòrd na Gàidhlig gus aghaidh a chur ri ceistean luchd-obrach san earrainn Ro-sgoile;
iii.        dàta staitistigeil uile a’ buntainn ri Foghlam Gàidhlig agus am Mapa Foghlaim Gàidhlig Air-loidhne ùrachadh agus fhoillseachadh, nuair a bhiodh àireamhan a’ Chunntais Sgoile rim faighinn; agus
iv.        aontachadh gun deidheadh sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh air dàta Suirbhidh nan Tidsearan Uile gus cothroman a chomharrachadh gus tidsearan Gàidhlig fhaighinn taobh a-staigh sluagh thidsearan na Gàidhealtachd.

7.      Leasachadh Sgilean na h-Alba – Taisbeanadh

Thug Mgr Derek MacCoinnich, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, seachad taisbeanadh a bha a’ toirt sealladh coitcheann air Leasachadh Gàidhlig taobh a-staigh Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS).

Am measg amasan coitcheann Plana Gàidhlig Leasachadh Sgilean na h-Alba bha a bhith a’ brosnachadh trèanadh is ionnsachadh agus leasachadh dhreuchdan, sgilean agus phreantasachdan. Bhathar a’ gabhail obair os làimh gus Com-pàirteachas Cosnaidh agus Sgilean na Gàidhlig ath-stèidheachadh agus gus cothroman ann am FMG a chur air adhart, a’ gabhail a-steach cosnadh thidsearan, a bharrachd air a’ Ghàidhlig a thoirt an lùib Rannsachadh na Margadh Fastachd nàiseanta. Thugadh iomradh air an Tachartas Dreuchdan Gàidhlig a chumadh o chionn ghoirid ann an Inbhir Nis agus aig an robh mu 200 sgoilear ann an S2 agus S3 an làthair. Bha pròiseactan làithreach cuideachd a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt air adhart leasachadh sgilean airson foghlam thràth-bhliadhnaichean agus leasachadh làrach-lìn airson dreuchdan Gàidhlig. Bha cùram-chloinne Thràth-bhliadhnaichean, Cùram Sòisealta agus tachartasan dreuchdan san àm ri teachd cuideachd air fàire.

Thug Buill taing do Mhgr MacCoinnich airson an taisbeanaidh aige agus bheachdaich iad gum bu chòir cleachdadh na Gàidhlig am measg luchd-obrach dhachannan cùraim a bhrosnachadh agus a chur air adhart anns gach dòigh, agus bhathar a’ moladh phreantasachdan agus maidseadh obrach. Bhiodh seo buannachdail an dà chuid dhaibhsan a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus do luchd-còmhnaidh nan dachannan aig an robh a’ Ghàidhlig mar chànan thùsail. San aon dòigh, dh’fhaodadh ceangal le NHS na Gàidhealtachd a thaobh solar cùraim aig an dachaigh a bhith air a chleachdadh gus na buannachdan a thaobh a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig far an robh sin iomchaidh a thoirt am follais.

Thug a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan Taisbeanadh.

8.      Clàr airson Coinneamhan Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an 2015 – Cuspairean agus Taisbeanaidhean

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/21/14 le ceann-latha 30 Dàmhair 2014 le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh a’ toirt fiosrachadh mu ghrunn chom-pàirtichean leis an robh ceangal cunbhalachd aig a’ Chomhairle agus leis an robh a’ Chomhairle a’ lìbhrigeadh eileamaidean de Phlana na Gàidhlig.

Bha an aithisg a’ moladh nam Prìomh Chuspairean Gàidhlig air an deidheadh aithris aig gach aon de choinneamhan Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an 2015, a bharrachd air clàr de thaisbeanaidhean bho bhuidhnean com-pàirteach a chuireadh ri deasbad is còmhraidhean mu bhuileachadh a’ Phlana. Chaidh innse gun robh 5 Cuspairean ann, ach nach robh ach 4 coinneamhan air dòigh airson 2015. Mar sin bhiodh 1 choinneamh a’ còmhdach 2 chuspair.

Bha an aithisg a’ cur an cuimhne nam Ball gun robh a’ Chomhairle, ann a bhith a’ buileachadh a h-amasan airson na Gàidhlig, a’ co-obrachadh gu dlùth le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus raon farsaing bhuidhnean. Thugadh seachad sealladh coitcheann de na buidhnean seo fa leth, ag innse cuin a chaidh an cur air bhonn, an adhbhar agus an obair a bhathar a’ dèanamh an-dràsta ann an co-bhuinn le Comhairle na Gàidhealtachd.

Ann an còmhraidhean, chaidh dearbhadh gun robh a’ Chomhairle a-nis na sholaraiche clàraichte Chunntasan Ionnsachaidh Pearsanta (ILA) agus gun robhar ag obair gus dòigh a lorg airson seo a chur an gnìomh.

DH’AONTAICH a’ Bhuidheann prògram chlàran-gnothaich agus thaisbeanaidhean Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, mar a thathar a’ mìneachadh san aithisg.

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 12.15f.