Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 28 May 2015
Agenda: Read the Agenda
Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, A’ Phrìomh Oifis, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 28 Cèitean 2015 aig 10.30m.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/
Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra
Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.
Gnothachas
1. Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Naidheachdan Matha
4. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas" – Aithisg Bhuileachaidh
Tha Aithisg Àir. GIG/2/15 le ceann-latha 18 Cèitean 2015 ga cuairteachadh le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt seachad cunntas às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3, “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas”.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-
i. beachdachadh
air adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair nan Ealan, nam Meadhanan agus
an Dualchais ann am Plana Gàidhlig 12-16;
ii. aontachadh
gun tèid leantainn air adhart le taic airson gnìomhachd is ceangal àrd-inbhe
airson tachartasan cànain is cultair nàiseanta airson na Gàidhealtachd;
iii. aontachadh
gun tèid ceangal leantainneach a chumail suas le Ro-innleachd Nàiseanta nan
Ealan Gàidhlig;
iv. aontachadh
gun lean a’ Chomhairle air adhart ag obair le com-pàirtichean gus aoigheachd a
thoirt do thachartasan àrd-inbhe Gàidhlig a’ buntainn ris na h-ealain, na
meadhanan agus cultar anns a’ Ghàidhealtachd, gus buannachdan eaconamach a
thoirt seachad taobh a-staigh sgìre na Comhairle;
v. aontachadh
gun tèid am feum as motha a dhèanamh de phrògram còmhnaidheach Shabhail Mhòir
Ostaig ann an co-bhuinn ris a’ Mheòrachan Thuigse a tha eadarainn; agus
vi. aontachadh
obrachadh air a’ Mheòrachan Thuigse eadar a’ Chomhairle agus Riaghaltas
Roinneil na h-Albann Nuaidhe.
5. Taisbeanadh FilmG
Bheir Flòraidh Forrest, Manaidsear Phrògraman aig FilmG, seachad taisbeanadh mun leasachadh a bharrachd a thathar a’ dèanamh a thaobh na h-iomairt nàiseanta seo, mu chom-pàirteachas Sgoiltean na Gàidhealtachd agus mun tachartas nàiseanta airson Duaisean FilmG a chaidh a chumail ann an Glaschu.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an Taisbeanadh.
6. Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Tha Aithisg Àir. GIG/3/15 le ceann-latha 18 Cèitean 2015 ga cuairteachadh le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt seachad cunntas às ùr do Bhuill mu thachartasan a thaobh 36mh Fèis nam Meadhanan Ceilteach, a chaidh a chumail sa bhaile, aig Eden Court, Inbhir Nis, bhon 22–24 Giblean 2015. Fhuair Fèis nam Meadhanan Ceilteach taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Maoin Iarrtasan Co-labhairt VisitScotland, Maoin Math Coitcheann Inbhir Nis agus Alba Chruthachail. Fhuair an Fhèis taic cuideachd bho chraoladairean agus ùghdarrasan craolaidh bho dhùthchannan Ceilteach eile, agus bho dhùthchannan eile le mion-chànanan.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an Aithisg agus aontachadh gun obraich Oifigearan gus Fèis nam Meadhanan Ceilteach a thàladh air ais dhan Ghàidhealtachd ann an ùine nach bi fada.
7. Pròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2015-16
Tha Aithisg Àir. GIG/4/15 le ceann-latha 14 Cèitean 2015 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fiosrachadh mu thagraidhean Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) a chuireadh a-steach gu Bòrd na Gàidhlig (BnaG) airson tràth-maoineachaidh 2015-16 le Sgioba na Gàidhlig.
Chaidh GLAIF a stèidheachadh airson cuideachadh a thoirt do dh’ùghdarrasan poblach gus gealltanasan sna Planaichean Gàidhlig aca a lìbhrigeadh, agus gus taic a thoirt do Phlana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig. Bha GLAIF cuideachd air a chleachdadh gus ùghdarrasan poblach eile a chuideachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh phròiseactan ron bhrath fhoirmeil aca gus Plana Gàidhlig a dhèanamh. Dhùin GLAIF na bliadhna ionmhasail 2015-16 seo air 20 Giblean agus cuiridh BnaG fios gu na tagraichean uile mu na tagraidhean aca ro thoiseach an Iuchair 2015.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air Tagraidhean GLAIF 2015-16 a chuir a’ Chomhairle a-steach gu Bòrd na Gàidhlig.
8. Suirbhidh Sgilean Gàidhlig an Luchd-obrach Uile
Tha Aithisg Àir. GIG/5/15 le ceann-latha 16 Cèitean 2015 ga cuairteachadh le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt seachad cunntas air adhartas ann a bhith a’ gabhail os làimh Suirbhidh Sgilean Gàidhlig thar Seirbheisean na Comhairle.
Thathar an-dràsta an dùil an Suirbhidh a thòiseachadh san t-Sultain 2015 agus ’s e gealltanas reachdail a th’ ann fo Phlana Gàidhlig 2012-16. Cuiridh e cuideachd fios ris na h-eileamaidean trèanaidh agus leasachaidh de Chuspair “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Àite-obrach” ann an Treas Plana Gàidhlig na Comhairle, bho 2016 air adhart.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air adhartas ann a bhith a’ gabhail os làimh Suirbhidh Sgilean Gàidhlig thar Seirbheisean na Comhairle, mar phàirt de na gealltanasan leantainneach againn fon Phlana Ghàidhlig againn.
9. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh
Tha Aithisg Àir. GIG/6/15 le ceann-latha 13 Cèitean 2015 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt seachad cunntas às ùr mu bhuileachadh Phlana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam.” Tha i a’ toirt fiosrachadh mu raon farsaing de dh’iomairtean aig ìre ionadail agus nàiseanta.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-
i. beachdachadh
air adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim sa Phlana
Ghàidhlig;
ii. aontachadh
gun tèid oidhirp èiginneach a dhèanamh gus duilgheadasan mu thimcheall solar
ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgìre a’ Bhlàrain Odhair/Thunga
a rèiteach;
iii. aontachadh
gun tèid leantainn air adhart a’ cur ìmpidh air iarrtas airson com-pàirteachas
Ùghdarrais Ionadail ann am Pròiseas Riarachaidh Luchd-pròbaidh Gàidhlig; agus
iv. aontachadh
gun tèid an dàta àireamhail uile a thaobh Foghlam Gàidhlig ùrachadh agus
fhoillseachadh, cho math ri Mapa Foghlaim Gàidhlig Air-loidhne.
- Item 4: Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas" – Aithisg Bhuileachaidh Report, 86.62 KB
- Item 6: Fèis nam Meadhanan Ceilteach Report, 115.82 KB
- Item 7: Pròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2015-16 Report, 41.97 KB
- Item 8: Suirbhidh Sgilean Gàidhlig an Luchd-obrach Uile Report, 34.15 KB
- Item 9: Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh Report, 97.56 KB