Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 26 May 2016
Agenda: Read the Agenda
Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, A’ Phrìomh Oifis, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 26 Cèitean 2016 aig 10.30m.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/
Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra
Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.
Gnothachas
- Leisgeulan
- Foillseachaidhean Com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
- Naidheachdan Matha
- Taisbeanadh – An Comunn Gàidhealach
Bheir Mgr Daibhidh Mac an t-Saoir, Rannsaiche Margaide, agus Mgr Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, seachad taisbeanadh mun Chomunn Ghàidhealach agus mun Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an taisbeanadh.
- Taisbeanadh – FilmG
Bheir a’ Bh-uas Eilidh NicFhraing, Oifigear Pròiseict FilmG seachad taisbeanadh mun bhuaidh a bha aig FilmG 8 ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, le mòran sgoiltean is luchd-dèanaidh fhilmichean bhon sgìre a’ gabhail com-pàirt. Bidh a’ Bh-uas NicFhraing cuideachd a’ toirt iomradh air na bhios fa-near do FilmG san àm ri teachd is iad ag obair gu ruige cur air bhog naoidheamh Farpais Fhilmichean Goirid Gàidhlig.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an taisbeanadh.
- Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas" – Aithisg Bhuileachaidh
Tha Aithisg Àir. GIG/6/16 le ceann-latha 15 Cèitean 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt cunntas as ùr mu bhuileachadh Phlana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3, “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas”.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an aithisg.
- Pròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig 2016-17 – Iarrtasan Pròiseict a chuireadh a-steach gu Bòrd na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. GIG/7/16 le ceann-latha 12 Cèitean 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fiosrachadh mu iarrtasan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) a chuir Sgioba na Gàidhlig a-steach gu Bòrd na Gàidhlig (BnaG) airson na h-ùine maoineachaidh 2016-17.
Chaidh GLAIF a stèidheachadh airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus gealltanasan sna Planaichean Gàidhlig aca a lìbhrigeadh, gus taic a thoirt do Phlana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus gus taic a thoirt do dh’ùghdarrasan poblach eile gus pròiseactan a lìbhrigeadh mus faigheadh iad brath foirmeil Plana Gàidhlig a chur air dòigh. B’ e 18 Giblean ceann-latha nan iarrtasan airson bliadhna ionmhasail 2016-17 agus gheibh an luchd-iarrtais uile fios bho Bhòrd na Gàidhlig mu cho-dhùnaidhean a thaobh nan iarrtasan aca ro thoiseach an Iuchair 2016.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air Iarrtasan GLAIF 2016-17 a chuir a’ Chomhairle a-steach gu Bòrd na Gàidhlig.
- Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh
Tha Aithisg Àir. GIG/8/16 le ceann-latha 15 Cèitean 2016 ga cuairteachadh le Ceannard Poileasaidh agus Ath-leasachaidh, a’ toirt cunntas as ùr mu bhuileachadh Phlana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2, “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” cuide ri fiosrachadh mu raon farsaing de dh’obair aig ìre ionadail agus nàiseanta.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-
i. beachdachadh air adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim ann am Plana Gàidhlig 2012-16;
ii. aontachadh gun cuirear meal-a-naidheachd air na com-pàirtichean Foghlaim Gàidhlig againn uile taobh a-staigh is a-muigh na Comhairle, ann a bhith a’ toirt fàs air àm ri teachd na Gàidhlig againn
iii. toirt fa-near do na thathar a’ dèanamh gus dùbhlain a thaobh rùm ann an togalaichean a rèiteach agus toirt fa-near gu bheilear air tòiseachadh a’ measadh roghainnean airson àm ri teachd Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (tha na còmhraidhean seo mar phàirt de dh’ath-sgrùdadh a thathar a’ dèanamh thar a’ bhaile a thaobh solar foghlaim, a’ gabhail a-steach solar tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Nis);
iv. aontachadh gun dèanar tuilleadh obrach mu sholar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgìrean a’ Bhlàrain Odhair/Thunga/Inbhir Pheofharain/Inbhir Narann agus Dhruim na Drochaid;
v. aontachadh gun leanar air adhart a’ putadh airson com-pàirteachas Ùghdarrais Ionadail ann am Pròiseas Riarachaidh an Luchd-pròbhaidh Gàidhlig; agus
vi. aontachadh gun tèid an dàta staitistigeil uile a thaobh Foghlam Gàidhlig agus am Mapa Foghlaim Gàidhlig Air-loidhne ùrachadh agus fhoillseachadh.
- Item 6 - Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas" Report, 52.37 KB
- Item 7 - Pròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig 2016-17 – Iarrtasan Pròiseict a chuireadh a-steach gu Bòrd na Gàidhlig Report, 89.44 KB
- Item 8 - Plana Gàidhlig 2 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh Report, 95.43 KB